ROCAID AN AMEIREAGANAICH
An rocaid ud, an rocaid ud, rocaid dhubh an riaslaidh,
Leig iad ris a’ ghealaich i, le dealanach ’ga riaghladh,
’S bha iad leis na glaineachan ’ga h-amharc anns an iarmailt
Gun deach i as am fianuis le sgriach agus ràn.
Bha Calum anns a’ ghealaich is e ’g amharc oirr’ air fhiaradh,
Is thuirt e gu robh car innte, “Chan aithne dhaibh a dèanamh;
Cha téid i seach Astràilia, tha bhataraidh air sìothladh;
’S murrag i tha fiachail, théid ciadan ’na dàil.”
“Gach bodach agus cailleach anns a’ bhaile théid iad sìos ann
A dh’iarraidh rudan annasach nì ’m mantlepiece a lìonadh,
Bidh iad leis na baraichean a’ tarrainn as a h-ìochdar,
A h-uile fear ag grìosadh ’s ’ga stialladh le tàl.”
Sin ’n uair thuirt Ameireaga, “O ceilibh e mar chàirdean,
Mus cluinn iad ann an Ruisia cho luideach ’s a bha pàirt dhinn,
Oir théid iad chun na mullaichean ri huthaill ’s ri ceòl-gàire,
’S bidh gach fear is urrainn ann ’s e air uilinn dèanamh dàn.”
“Ach ma gheibh sinn baigealais ri cheannach as a’ Ghearmailt,
Dhe na bodaich pheallach ud tha bearraideach ’s an eanchainn,
Nì e dhuinn as t-Earrach té, a bhalaich, a bhios ainmeil,
Is théid i chun na targaid le soirbheas mu sàil.”
“ ’N uair théid i measg nan rionnagan am muncaidh bidh e cianail,
Ach fiachaidh sinn ri cuideiginn chur cuide ris am bliadhna;
Is dòch’ gu faigh sinn luidealach de dh’Uibhisteach a bhriagadh,
Tha iad math ’s an iarmailt is fiadhaich aig blàr.”
title | 39 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |