AN DROCHAID UR*
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.
Chunnaic mise ’s chuala, ar leam gum bu bhruadar,
An Ceann a Deas is Tuath gun d’fhuaigh iad e le òr.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.
Dheilbh iad air gach taobh i, tarsainn tràigh is caolais,
’S guma slàn gach aon a shaoithrich ann le dhòrn.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.
Thàinig far na Galldachd màthair na Banrigh,
Is dh’fhosgail i gach bann ’s bha danns’ againn is ceòl.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.
Dh’fhosgail i le saoirsne, chuid a chlann nan daoine,
Ach tha cor an t-saoghail caochlaideach ’na dhòigh.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.
Is ma theannas argmaid air sàilleabh na Gearmailt,
Ni iad dh’ise targaid, falachaidh anns na neòil.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.
*Chaidh an cabhsair eadar Uibhist a Tuath is Beinn na Faoghla fhosgladh air an t-seachdamh latha dhe’n t-Sultuin, 1960.
title | 42 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |