PORT DO ALASDAIR FEARGHUSTAN
Sin ’n uair a thuirt Alasdair,
“Tha Loch nam Madadh riaslach,
Chan fhaigh duine carachadh
’S a’ bhaile le eich-iaruinn.
Ach dunaidh air an drochaid ud,
Is bochd gun d’rinneadh riamh i,
Tha iad mar na cudaigean
A muigh air feadh na lèanaidh.
“Thàinig iad a Solas ann
Is thàinig iad o’n Iar ann,
Tha iad as na Ceallan ann,
Ceathrar dhiubh no sianar,
Ach dunaidh air an drochaid ud, etc.
“Thàinig iad a Dalabrog
Is thàinig iad o’n Iochdar,
Thàinig iad a Baile Mhanaich ann
A tharrainn fhiaclan.
Ach dunaidh air an drochaid ud, etc.
“Thàinig iad a Glasacho,
Is thàinig iad a Grianaig,
Thàinig cuid a Sasuinn dhiubh,
’Nan amadain, a dh’iasgach.
Ach dunaidh air an drochaid ud, etc.
“Tha gach seòrsa bodaich ann,
Is mogainean mu ’m bial-san,
Tha gach seòrsa caillich ann,
Is caileagan tha briagha.
Ach dunaidh air an drochaid ud, etc.
“Tha iad shiòs mu Chearsabhagh
Is dram’ aca ’ga riaghladh,
Chì mi fear is frogan air,
Bidh ’m poileasman ’ga ìarraidh,
Ach dunaidh air an drochaid ud,
’S bochd gun d’rinneadh riamh i,
Tha iad mar na cudaigean
A muigh air feadh na léanaidh.”
title | 43 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |