“AN GILLE DUBH”: TOMBACA SIUSAIDH
“An Gille Dubh” aig Siùsaidh;
“An Gille Dubh” as àille cruth,
’S e chuirinn-sa ’nam spliùcan.
“An Gille Dubh” aig Siùsaidh.
’S ann air “A’ ghille” bheir mi làmh
Cho tràth ’s gun dèan mi dùsgadh.
“An Gille Dubh” aig Siùsaidh.
’N uair a gheibh mi phìob air ghleus
Cha dèan mi fhèin a cùmhnadh.
“An Gille Dubh” aig Siùsaidh.
B’fheàrr leam e na punnd de chàch,
Gach là na faighinn unnsa,
Dhe’n “Ghille Dhubh” aig Siùsaidh.
’N uair lìonas mi an rùm le ceò
Bidh Anna ’s deòir o sùilean.
“An Gille Dubh” aig Siùsaidh.
Cho fiadhaich ris a’ chat air spòig:
“Na toir an còrr dheth ’n taobh seo!”
“An Gille Dubh” aig Siùsaidh.
“An Gille Dubh” as àille cruth,
’S e chuirinn-sa ’nam spliùcan.
“An Gille Dubh” aig Siùsaidh.
title | 44 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |