DO RUAIRIDH CHIRCEABOST
O hì hóireannan,
Thug na bh’ann spéis dhut.
O hì hóireannan.
Ach a Ruairidh Mhic Amhlaidh,
Chan ’eil ganntas fo’n ghréin ort.
Bu tu caraid ar dùthcha
Air ar cùlaibh ’s na féilltean.
’S tu nach fàgadh neach falamh
Aig àm cadail, is éis air.
Cridhe coibhneil gun truailleadh,
O bu dualach dhut fhéin e.
Làmh fhialaidh le dùrachd,
Tha gach cùis a’ dol réidh dhi.
Tha do chrodh air a’ mhòintich
’S na laoigh òga le chéile.
Tha do chaoirich cho lìonmhor
’S a tha ’n ianlainn air gheugan.
Eadar Heillsgeir is Bhàlaidh,
Chan ’eil àite gun treud dhiubh.
Gu bheil Langais mar thà leat,
’S bidh gun dàil thu ’n Loch Euford.
title | 46 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |