LATHA IASGAICH, CUIDE RI DOMHNALL SEUMAS
Gum b’e mo shòlas ’s mo dheòin bhith réidh riut,
A’ dol troimh d’mhòintich is eòin air gheugan,
A’ ghrian mar òr ’s i le glòir ag éirigh,
’S sinn gabhail òran ’s a’ spòrs ri chéile.
Is thug mi bòidean gu seòlainn fhéin ann
’S gum faicinn m’eòlas a dheòin no dh’éiginn,
’S a dh’ionnsaigh Obasaidh mhór le chéile
Chaidh mi ’s an t-òganach, Dòmhnall Seumas.
Is thug mi sùil air gach lùb is ceum dheth,
Le cridhe bruiteach ’s mi dlùth ’ga leughadh,
Far ’n robh mi sùgradh mu chùilean Eubhal,
’S gach aon ’s an ùir a bha leam ann éibhinn.
Gun do dh’iasgaich sinn sìos gu gleusda,
A’ biadhadh fiasgain ’s a’ déanamh feum leis;
’S am breac bho’n ìochdar ’ga thoirt am fianuis
’S ’ga chur dh’an lìon is ’na bhial fear reubte.
’N uair thàinig ann dhuinn an t-àm bhith tréigsinn,
’S mo dhòchas gann gur e ceann mo réis e,
Nach till an samhradh a bheir a nall mi,
’S nach tig an geamhradh ’s mi call mo léirsinn.
Thog sinn cùrs agus stiùir sinn ceum as;
Bha ’m feasgar drùidhteach le smùid ag éirigh,
Bha ’n oidhche dlùth dhuinn ’s an ùine tréigsinn,
’S gun tug mi sùil chum mo chùil ’nam dhéidh air.
title | 31 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |