[91]

THA GRUAIM AIR NA BEALAICHEAN

Tha gruaim air na bealaichean
On dhealaich Dòmhnall Ruadh ruinn.
Tha gruaim air na bealaichean.

Air gach cnoc is càrn a thann,
Air gach géig tha fàs an siod,
Chan fhaicear mar a bàbhaist e
A mach far àirigh Ruairidh.
Tha gruaim air na bealaichean.

Tha na geòidh air Càrabhat;
Gu socair tha iad sàbhailte
On fhear a chuireadh fàiltorra
Le fùdar bàns le luaidhe.
Tha gruaim air na bealaichean.

Bu tric a thug e càraid dhiubh
A nall far ìochdar Chàirinis;
Is tunnag chuir e làmh oirre,
Is ràcan achinn uaine.
Tha gruaim air na bealaichean.

Damh an fhéidh gu fàgadh e
Air fianaich luim abàsachadh,
S an dòbhran donn an sàs aige
S abhagh aig Loch na Bruaiche.
Tha gruaim air na bealaichean.

Than dealachadh seo nàdurra,
N uair thig an aois gu h-àraid oirnn;
Cha dèan rìgh no pàrlamaid
Ar sàbhaladh on uair seo.
Tha gruaim air na bealaichean.

title49
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page