CAOCHLADH SUIDHEACHADH NA DUTHCHA
Bidh mo chruit-sa gun àiteach
Is cha b’àbhaist dh’am dhòigh e,
Bhiodh coirce ’s seagal a b’àill’ ann,
Le buntàta agus eòrna;
Ach tha mi ullamh gu bràth dheth,
A chur ’s a ràcadh ’nam ònar,
On a fhuair mi ’na h-àite
Cuim nach tàmh mi gu m’òran?
Tha ’n t-airgead pailt.
Cha téid mi tuilleadh ’nam fhallas
A dh’ionnsaigh achadh na buana.
Cuim nach caidil mi mhaduinn
Fada fada gun ghluasad?
Thig gach bùtha gu m’dhorus
Le ’n cuid chrogan gu h-uasal,
Gheibh mi ìm agus aran,
Gu ìre ’m bainne ’s an t-uachdar.
Tha ’n t-airgead pailt.
Ach ’s i a’ Ghearmailt thug dhòmh-sa
A liuthad stòras a dh’fheumainn;
Bhrist i glasan an stòdhair
Far robh ’n t-òr air a chéilleadh.
’S tric mi smuaintinn ’n uair b’òg mi,
Bha mi beò ann air éiginn,
Mi gun sgillinn ’nam phòcaid
Mi gun bhrògan gun léinidh.
Chan fhaighinn dad.
Cha robh obair no duais ann,
Anns an uair cha robh càil ann;
Bha na bochdan, mo thruaighe,
Falamh fuar air am fàgail.
Ach ’s e ’n Ceusar a ghluasad,
Ged nach d’fhuair e na b’àill leis,
Chuir a’ chuibheall mun cuairt leinn
Dh’ath-nuadhaich ar nàdur,
Gu cinnteach ceart.
Ged a chaill sinn na gillean
O bha siodach an dàn dhuinn;
Sheas iad cruaidh leis a’ bhiodaig,
Cha robh tilleadh ’nan nàdur;
Leig iad solus is saoirsne
Gu gach aois agus pàisde;
An dorus dh’fhosgladh gu chùl e
Is cha dùinear gu bràth e,
Iochd air an achd.
Gu robh an t-airgead aig Sasuinn
Air a ghlasadh bho dhaoine;
Cha robh bonn dheth ri mhalairt
Ged bhiodh m’anam ri shaoradh.
Dh’fhàg ar cuideachd-ne ’n t-àite,
Air feadh gach ceàrna dh’an t-saoghal;
Cha robh reusan dhaibh fuireach,
Cha robh ulaidh ri faotainn.
Bha ’n dùthaich slac.
Cha robh againn a bhiadh ann
Ach mar a dhèanadh ar làmhan,
Toirt a’ ghràin as na diasan
’S ’ga bhleith sìos leis na bràithtean.
Ach bha maorach is iasg ann
Agus ianlainn gu h-àraid,
’S anns a’ gheamhradh bhiodh fiadh ann
A dh’aindheoin riaghladh a’ bhàillidh,
Is olc air mhath!
title | 50 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |