CHAN FHAIC MI RIONNAG
Chan fhaic mi rionnag ’s an uaigh,
Chan ’eil tuar gun éirich grian,
Is chan fhaic mi solus ùr
Air a chùl ’s an àird an iar.
Cha chluinn mi osnaich throm a’ chuain,
Cha chluinn mi ghaoth, gach fuaim aig fèath,
Cha chluinn mi dé tha measg an t-sluaigh,
Chaidh sud a ghearradh bhuam gu fìor.
’S rocte seacte tha mo ghruaidh,
Tha mo chridhe fuar gun mhiann,
Dh’fhàg mi as mo dhéidh na fhuair
Is chaidh mi dh’an uaigh gun sian.
Ach fhir thig ’s tu ’g amharc bhuat—
Chì thu fàs air m’uachdar fiar—
Cùm ri faire, thig an uair
Anns an téid mu d’chuairt an lìon.
Moglaichear thu ann gu teann,
Chan fhuasgail thu ’m bann le d’mhiar
Ceann an rathaid tha thu ann,
Càit ’s an àm am bheil do Dhia?
title | 52 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |