SMUAINTEAN ’NAM SHEAN AOIS
Tha bàs is uaigh is sìorruidheachd
Ag iadhadh orm gun tàmh,
Ghun fhios dé ’n uair a dh’iarrar mi
O’n Riaghladair gu h-àrd;
Ach guidheam air, ’s e m’iarratas,
Mus crìochnaichear mo là,
Mo theang’ bhith air a riaghladh leis,
Gun bhriag bhith air a bàrr.
Na peacannan a ghnìomhaich mi
’S na bliadhnaichean a dh’fhàg,
An Sàtan ’s e ’gam riaghladh-sa,
Chan iarrainn-sa na b’fheàrr;
Toirt gealltanais gu fialaidh dhomh,
’Gam riarachadh ’nam chàil,
’S an t-Sàbaid ’s i ’na diachainn dhomh—
Nach cianail mar a bhà.
Ach dh’fhairich mise ’s dhùisgeadh mi
Gu robh mo chùrsa ceàrr;
Sheas mi agus thionndaidh mi,
’S bha solus iùil ’s a’ bhàgh.
Gu Dia gun deachaidh m’ùrnaigh-sa
Gu dùrachdach an àird,
Tro’n t-seòlaid chumhaing lùbaich seo
Mo stiùireadh ’s a’ mhuir-tràigh.
Mo thoirt gu cladach tèarainte,
’S mo ghnìomharan a bhà
Bhith ’n grunnd a’ chuain an tìodhlacadh
As fhianuis-san gu bràth;
Mo thinneas cuim a chrìochnachadh,
Is piantannan a’ bhàis,
Far nach crom a’ ghrian oirnn
’S an iarmailt ’s i ’na tàmh.
title | 53 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |