ORAN A’ GHEOIDH
Chuala mi ’n giadh a’ tighinn o’n iar
’S a mach dha’n an t-sliabh sheòl e,
Chaidh siodach mar sgian ’nam chridhe gu fior
Is dh’fhàg e mo chiall brònach.
Tha mise nis dall, cha ghluais mi ach mall,
Tha nì ’na mo cheann neònach,
Cha teid mi dha’n ghleann gu Lochan an Fhaing
Ged gheibhinn na th’ann còmhla.
Mus éireadh a’ ghrian ghabhainn-sa sios
Is thiginn air miar sheòlta,
Is chuirinn an giadh ’na char far a sgiath,
Oir bha mi ’s an driachd eòlach.
Ri sneachd agus fuachd is gaillionn o’n tuath
Bhithinn-s’ aig bruaich òbain,
Is thiginn mun cuairt dhachaidh mu uair
Le tunnagan ruadh Norway.
Gun criochnaich mi ’n dàn on chaidh mi ’na dhàil,
Gun dùin mi gu bràth m’òran;
Tha ni-eiginn cearr a b’àbhaist bhi slàn,
’Na thinnsgeuladh bàis dhòmhsa.
title | 54 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |