CHUALA MI ’N DAMH DONN
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ mhòintich.
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ bhùireadh,
’S gun do dh’ùraich e dhomh m’òige.
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ mhòintich.
Sheas mi agus chuir mi cluas ris,
’S bhiodh e tuath air Fuaran Dhòmhnaill.
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ mhòintich.
Shil na deòir air bàrr mo ghruadhach
’S rinn mi ’n suathadh ’s ghluais mi brònach.
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ mhòintich.
Bha mis’ uair a chaogainn sùil ris
’S a thàirninn gu chùl an t-òrd ris.
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ mhòintich.
Ach a nis cha dean mi feum ann,
On dhalladh mo léirsinn còmhla.
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ mhòintich.
Bu lìonmhor maduinn mhoch ’s a’ gheamhradh
A leag mi ’s a’ ghleann fear cròiceach.
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ mhòintich.
Cha dìrich mi nis an fhéithe
Air an cuirinn leum ’nam òigeir.
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ mhòintich.
Beannachd le gach cnoc is gleann ann,
Le gach loch is allt is òban.
Chuala mi ’n damh donn ’s a’ mhòintich.
title | 55 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |