AM BAS
Deireadh foghair ’s toiseach geamhraidh,
Dol ’gam adhlacadh ’s an uaigh;
’S ionnan dhòmh-s’ e ’s toiseach samhraidh
Ged readh m’adhlacadh ’s a’ chuan.
Ged chuirte mo chorp dha ’n àmhuinn
No ged shàbht’ e leis a’ chruaidh,
Chan ’eil ann ach ceap de fhàsach;
’S e bha ’n Adhamh roimh ’n an t-sluagh.
Ma bhios m’anam fhéin aig saoirsne,
Air a shaoradh leis an Uan,
Sòlas maireannach air fhaotainn
Nach dean an saoghal so thoirt bhuain;
Far nach fheum sinn biadh no aodach,
Cadal oirnn chan aom no suain,
’S mìle bliadhn’ aig Dia ’na léirsinn
Mar an latha ’n dé chaidh bhuainn.
title | 56 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |