[101]

CO ’S URRAINN MO THILLEADH?

s urrainn mo thilleadhs an Tighearnagam shireadh,
s urrainn mo thilleadh aig mionaid mo bhàis,
Ged dhéireadh an cruinne, ag éigheach mi thilleadh,
S gum faigheadh iad milleanan gini de mhàl?

Ged bhiodh iadga éigheach cha dèanar an éisdeachd;
Tha tlachd aige fhéin agus spéis dhan abhàrd;
S chaneil fo na speuran nom fianuis na gréine
Na thilleas mo cheum-sa le réitno le blàr.

Am prioba na sùla, mar lasadh an fhùdair,
Theid manam-sa ghiùlan gu mùirneach an àird,
Gun eagal gun chùram, ged bheirte dhan chùirt e,
Nach dèan iad a chrùnadhthan Triuir air a sgath!

N uair thachras sinn còmhla, luchd gaoil is luchd eòlais
Bidh mise afeòrach mun chomhlan a bhà:
Am faca sibh beò iad an rìoghachd an t-sòlais,
Non deachaidh am fògradh gu dóruinn gu bràth?

title57
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page