ORAN NAN SGOILEARAN
Hóro éiribh, hù-o- éiribh,
Hóro éiribh, rugadh tràth sinn,
Nam biodh seachad lethcheud bliadhn’ ann
Mas fhaca sinn cìoch ar màthar.
’S tric mi smuaintinn ’n uair a b’òg mi,
Mus d’fhuair mi eòlas mar bhà mi,
Dol dh’an sgoil le pìos ’nam phòcaid
’S fàd de’n mhòine fo mo ghàirdean.
Acrach, falamh, casruisgt’, ceannruisgt’,
Anns a’ gheamhradh mar a b’àbhaist,
Gach aon le éideadh an t-samhraidh—
Cha robh ann ’s an àm na b’fheàrr dhuinn.
Shuidheamaid ’s a’ chreig ag iasgach
Gun dèanadh a’ ghrian ar fàgail,
’S readh gach cudaig ghlas gu fiachar
Chur gu tèarainte ’s a’ mhàileid.
Bhruichte buntàta ’s a’ ghrìosaich,
Bhruichte ’n t-iasg air sgiathaig phràisich,
’S readh an t-suipeir oirnn a riaghladh
’S beannachd gu sia am màireach.
Ach ’s e th’ann ach adhbhar smaointinn,
Air a’ chaochladh seo a thàinig;
An diugh chan fhaicear pàisd’ air raonaidh
No ri glaodhaich is ceòl-gàire.
Théid an cruinneachadh le saothair,
Théid an aodach umpa chàradh,
Théid gu càraichean an slaodadh—
“ ’S fiach nach ruig a’ ghaoth, a ghràidh, thu.”
An uair a gheibhear uile cruinn iad
Théid an dìnneir a thoirt blàth dhaibh,
Théid an fheòil a chur air truinnseir
’S bidh gach nì gu ìre chàil ann.
Is bheir iad sùil oirre le dìmeas,
A’ toirt bhìdeag aisde fàilidh,
Is nan innseadh iad an fhìrinn
B’fheàrr leotha-san tì ’na h-àite!
Ach thogadh sinne mar a’ chruaidh ghlas
Chaidh a bualadh anns a’ cheàrdaich;
Chaidh a teasachadh le gual ann
’S chaidh a fuarachadh le bàthadh.
Bha sinn falamh ’s bha sinn èasgaidh;
Chaidh na bliadhnaichean ri ’n àireamh;
’S na threabh sinne mus do liath sinn
’S gann a chliathas iad gu bràth e!
title | 36 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |