[79]

DO GHILLEASBUIG EACHAINN

Guma slan am maraiche, mo charaide le cìnnt,
Fear achridhe charthannaich tha ceanaltagus grinn,
A thàinig mar a chunna sibh nall thugam-sa le pìob,
Gilleasbuig, ’s e mac Eachainn e, ’s a dhachaidh an Cnoc Cuinn.

Is fhad on chuir miseòlas air, ’nar òigearan le chéil’,
Bu toigh leam a bhith còmhla ris, ag còmhradh treis leinn fhéin;
Dhéisdinn ri chuid stòireannandhan t-seòladh thug e spéis
Ag innseadh mar a shàbhail iads an nàmhaid as an déidh.

Is lìonmhor oidhche ghaillionnach le cathadh is le fuachd,
Eadar seo is Canada, a thachair ris aig cuan,
Agus maduinn chabhagachna chaithris bha e suas,
Is ise cur nam marannan, ’gan sradadh far a gruaidh.

Gu bheil a dhealbh air bòrd agam, ’s an còmhlan air mun cuairt;
Gun toir mi sùil an còmhnuidh air, ’n àm seòlaidh dhaibh a Cluaidh:
Ises cop mun t-sròin aice, bu bhòidheach is an uair,
Is marannan mun t-sàil aice, is spàirn oirre le gual.

Ach a nis than aois oirnn, than caochladh ud cho mór,
S chan fhaod sinn anns an t-saoghal seo le saoirsne fuireach beò;
Ach beannachd leis na bliadhnaichean a thriall bhuainn ann an ceó,
Ged bha cuid dhiubh riaslach dhuinn le cianalas is bròn.

title37
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page