ORAN NA H-AEROPLANE
Is mór an t-eòlas innleachdach a fhuair an lìnn tha beò,
Air iteig mar a chì sibh iad o thìr gu tìr ’s na nèoil;
Nan innsinn dha mo shìnseanair an nì seo thàinig oirnn
Gun canadh e gu cinnteach rium, “O, d’ìobairtean gun dòigh!”
Shealladh e air fhiaradh rium le mialaint do mo dhàn,
Fiach an robh mo chiall agam, mo rian an deach e ceàrr,
Is labhradh e gu fiadhaich rium, bhith dèanamh air ceòl-gàir’:
“Am bheil thu ’n dùil gu liadaich mi na briagan sin ri càch?”
Na faiceadh e a’ seòladh i le crònan aice ’n àird
’S i tigh’nn a nall a Steòrnabhagh le còmhlan innte làn,
Chan fhanadh e ri chòt thoirt leis, b’i mhòinteach a lag-tàmh;
Theicheadh e dh’an Chnògaire ’s ’na chòmhdhail gum biodh càch.
Siod far ’m biodh na stòireannan ’n uair readh an còmhlan cruinn:
“Am faca sibh robh ceò aisde; robh seòl rithe no cruinn?
Bha sgiathan mar na h-eòin oirre, ’s i còmhnard anns an druim,
’S an earball gu robh cròdhadh ann, o coltas ròin air tìr.”
Nan cluinneadh iad am fuaim aice a nuas bho’n Chuan an Iar
Gun d’readh iad dha na h-uamhannan le uamhas is le fiamh.
Bhiodh cailleachan air an cruachanan am measg nam bruach ’san fhiar
Ag éigheach “Tha e fuasgailte, mo thruaighe, ’m Fear-nach-fhiach!”
title | 38 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |