[i] [iii] [iv] [v] [vi] [vii] [viii] [ix] [x] [xi] [xii] [xiii] [xiv] [xv] [xvi] [xvii] [xviii] [xix] [xx] [xxi] [xxii] [xxiii] [xxiv] [xxv] [xxvi] [xxvii] [xxviii] [xxix] [xxx]
[1]

SPORAN DHÒMHNAILL

[2]
[3]

I MOLADH UIBHIST

Grad dhùisgeam á suain
Agus siùdadh mo dhuan
Los gun ùraichinn suas seanchas air;
Innis annsa mo luaidh,
Ceann-uidhe nam buadh, 5
Eilein Uibhist nan cluan seamragach.
Bruidhneam follaiseach fòil,
Innseam aisneis le pròis,
Brìgh mo chantannas-beòil dhearbhainn e
Mu thìr nam beann fuar 10
A than iomall achuain
Air am minig na luaidh seanchaidhean.

Gur e dùthaich mo ghràidh,
Dùthaich thorrach an àigh;
Dùthaich chorrach nan àrd-gharbhlaichean15
A tha grianach gu blàths,
A tha fiarach gu àl,
A tha sìolmhor gu bàrr arbharach;
Calgach diasach gu gràinn’,
Tarbhach iasgmhor gach bàgh; 20
Sealbhach ianach gu càil shealgairean.
Còrsa mhachraichean réidh,
Gorm tha falctann an gréin,
Tolmach fasgach gu spréidh ainmhidhean.

Thugam tarsuinn achuain 25
Guth a chagair am chluais
il thu, ’ille nan duan? Dhfhalbh thu oirnn.
Faic thu! So agad tuair!
Éirichs cluinneamaid bhuat!
Dùisg a-mach as do shuain dhearmadach; 30


[4]

Cuir air ghleus dhuinn do chruit
Los gun éisdeamaid riut,
Air neo éighidh sinn dhut, a chealgaire!
Mura seinn thu dhuinn dàn
Mu thìr nam beann àrd’, 35
Chan eil annad ach bàrd balbhanach.”

S mi gun deanadh an rann
A thoirt air Uibhist nam beann
Nan tug Freasdal dhomh ceann eanchainneach;
Rud a dhfheumainns cha ghann, 40
Mar ri pàipear is peann
Los gach ceutachd a bhann ainmeachadh
Air eilein àillidh mo rùin
An deach màrach le mùirn
Ann am phàisdean an tùs leanabanais. 45
Be mo chreathall am fraoch,
Far an caidlinn gu saor,—
Air mo thàladh le gaoir fhairgeachan.

Eilein lurach mo ghaoil
Far bheil munadh an fhraoich, 50
Àite-fuirich nan laoch garbh-bhuilleach
Nach sleuchdadh fo dhaors
Mun do ghleidh iad an saors’;
Chuir iad cath air gach raon Albannach,
S cha chuala mi blàr 55
Anns na shuath riutha tàir,
Ged a bfhiosrach à dhfhalchinn e;
Far an éisdinn ri feall
Orraig Gàidheal no Gall,
S e mo bheul nach biodh mall sheanchasach. 60

Eilein braonach an fheòir
Far bheil daoine ro chòir,
Gheibheadh aon bhiodh fo leòn tearmann ann;
Far bheil bainne ri òl,
Aran, sitheann is feòil; 65
Cha bhi duine gun lòn aimsireil.


[5]

Gheibhtear spréidh air aghleann,
Pailteas éisg air an allt,
Glacar bradan nan lann dealrach ann;
Ged a chanainn, cha bhreug, 70
Chan eil àite fon ghréin
Chuir cho fad as a dhéidh anacothrom.

Gheibhtear fallainneachd bhuan
Tighinn thar anail achuain,
Gur a h-ainneamh ri luadh anacair ann, 75
S gur a ceòlmhor am fuaim
A còmhradh nan stuadh,
Nuair a shéideas i cruaidh gailbheach ann.
Fhir, a dhimicheas ann,
Ma bhios trinnleach mu dcheann, 80
Gheibh thu sìth ann an gleann falchaidh ann,
G éisdeachd crònan nan allt
Agus còisir nan crann,
Cur do dhòlais air fonn falbhanach.

S ioma latha gun smaoin 85
Rinn mi laighe air mo thaobh,
S mi air leabaidh do fhraoch cairgeanach
Ann an gleannan an fheòir
Far an éisdinn ri ceòl,
Nuair a ghleusadh na h-eòin mheanbhbhallach; 90
Far am blaisinn am bùrn
Ann am fuaran gun smùr,
Tighinn an uachdar á grùnnd talmhanna;
Blasda milisnam bheul,
Atoirt fionnachd dha mchré, 95
S toigh le uiseag nan speur balgam dheth.

Tìr nam mullaichean àrd’,
Chì thu muran afàs;
Chì thu bruthaichean làn gainmhich ann.
Chì thu muing nan each bàn; 100
Chluinn thu guth amhuir-làin
Atoirt luinneag air tràigh airgiodach.


[6]

Chluinn thu langan an ròin,
Chì thu lachainn is geòidh;
Bidh an cathans na lòin mhealbhaich ann. 105
Chan eil barra no stròm,
Chan eil carraig no sròn
Nach eil tathaich aig seòrsainmhidh ann.

Tìr nan stacbheannan cas,
Carrach, glacagach, glas 110
Gleannach, sruthanach bras, cama-lùbach;
Biorach, sgùrr-ghàinneach, àrd,
Ris nach dìrear gun tàir
Gu carraig mhullaich nan càrn fearghasach;
Corrach, creaganach, ciar, 115
Mollach, ceigeanach ciabh,
Sud an leigeas nach iarr barbaireachd,
Nach do thanaich le aois,
Teine, dealan, no gaoth,
Cha do dhatharraich aon chailbhean dheth. 120

Gheibhte maraichean ann
Chuireadh baidean ri crann
Nach bin giorag romh ghreann-fhairgeachan,
S iad bhiodh clis air a sròin
Acur riof anns an t-seòl 125
An Cuan Uibhist ri gailbheinneach;
Dhfheuchadh spionnadh nan dòrn
Ann an ruigheadh an sgòid,
Fir as greimiche meòir is cainb innt’,
S ged a shéideadh aghaoth, 130
S i bhith spìonadh nan craobh,
Theireadh iad-san gu taobh laimrig i.

Ged bhiodh agam-san dràsd
Uile chomas nam bàrd,
Inntinn shoilleirs i làn armaichte 135
Leis gach facalnar cainnt,
S leis gach cleachdadh is gnàth,
S mi cho carach ri bhalgaire;


[7]

Ged bhiodh teanganam bheul
Bhiodh cho tanas cho geur 140
Ri Excalibar fhéin dhfhairtlicheadh oirnn
Eilein Uibhist mun cuairt
A chuir uilann an duan,
S ceart cho math dhomh toirt suas, shearbhaich mi.

titleI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page