[31]

X GILLEAN ÀIRD-MHAOILE

Air fonn:— “Moladh Chabair-Féidh

Gun chuir mi ceathramh òrain
Air dòigh do na balaich so,
A dhfhalbh a dhionnsaigh Bhòirnis, 755
Cho deònachs cho eangarra,
Le pocanan buntàta,
Le ràcains le pleadhagan,
Adol a ghabhail tàmhachd,
S a dhàiteach an fhearainn ann. 760
Be sud na gillean nach gabh giorag,
No thilleas dhachaigh iad;
Gun tog iad tòrachd muinntir Bhòirnis,
A chaidh fhògairt fada bhuainn.
Is ioma duine bha fo mhulad, 765
Nuair a chuireadh thairis iad
A-null do Mhanitòba,
S gan seòladh do Chanada.

Be sud an lagh bu chruaidh
A chuir fuadach fo ar seanairean, 770
Thug uachdarain gun tròcair,
An t-òrdugh bhith tarruing dhaibh,
Chuid mhór do shluagh na dùthcha so
Sgiùrsadh do Chanada,
S gach duine bha ro-làidir 775
S na bàtaichean ceangailte,
Farm biodh na laoich bha modhail, aoigheil,
S anns achaonnaig ghaisgeanta.
S en diughna aonach aig na caoirich;
Chaidh na daoine sgapadh as. 780


[32]

Chan fhaic thun Albach fiadh is earb
Is ian ga shealg air bhearraidhean,
Ach cumaidh sinnnar cuimhne
Mar chuidhleadh na gaisgich as.

Be sud na gillean gleusda 785
Bu thréin air gach rathad iad,
Cho misneachails cho lùthmhor,
Cho sunndachs cho ceannardach,
S nuair rachadh iad fon armaibh
Bu mheanmnach na balaich iad, 790
S an am dol anns an t-streup dhaibh,
Cha bhiodh droch-sgeul ri aithris orr’.
Na gillean glic tha dearbhadh tric
Gur ann tha mhisnich aca-san;
S ann dhaibh bu dual bhith math gu cruadal, 795
Nuair a bhuailtaig batal leo.
Na gillean gleusda, làidir, treun,
Gur tric a leugh mi eachdraidh air
Na blàirs am biodh an sinnsre
Bhiodh cuirp is cinngan spealtadh ann. 800

Chan fhàg mi idir uam
Anns an duanaig na Barraich mhath’ ,—
Na gillean smearail, cruadalach,
A ghluais anns abhatail so,
Nuair dhéirich iad fon armaibh, 805
S a dhfhalbh iad gu Bhatarsaidh,
Be dol an cunnart bàis e
Do nàmhaid dol faisg orra.
Na gilean calmas tric chaidh sheanchas
Nach robh cearb ri fhaicinn orr’, 810
Bu deas a dhfhalbhadh iad fon armaibh
Dol a shealg nam bearraidhean,
S geds moch afalbh iad shiubhal garbhlaich,
Banmoch atighinn dhachaigh iad,
S mun cromadh iad gu réidhlein 815
Bhiodh mac an fhéidh air allaban.


[33]

Ach iarramaid le dùrachd,
Co-dhiùbh, bheir sinn earraig air
APhàrlamaid a dhùsgadh
Gu sùil thoirt an rathad so, 820
Gu fearann thoirt do dhiùnlaich
Nach diùlt a dhol gu batail dhaibh.
Bu mhath iad anns an Éiphit,
S air sléibhtean Afghanistan.
Nuair théid na sàir an òrdugh blàir 825
Fo bhratach àlainn Breatunnaich
Le breacan-guailleadhs féilidh-chuach
Gu fearail, cruaidh, glan, deis-lannach.
An uair a dhéibhte dhaibh ratreut,
Cha stads cha ghéills cha teicheadh iad 830
Gu fàg iad nàimhdean ciùrrta,
S an dùthaich a theasraiginn.

Ach ma bheir Lady Ghòrdan
An òrdugh gu stad dhaibh,
Agus Ormacleit is Bòirnis 835
A churs an dòighsna chleachd e bhith,
Bidh saighdearan ro-thréin ann
feum anns na batailean,
S adol ri aghaidh nàmhad
Bidh tart gu tràigheadh faladh orr’. 840
Bidh pìobga spreigeadh, fuaim na feadan,
Freagraidh creag is carraig dha;
Bidh claidheamh geur aleum á truaill
Is buillean cruaidhgan tarruing leis;
Bidh cuirpgan spòltadh, fuilga dòrtadh 845
Feadh an fheòirna sradagan,
S bidh nàimhdean air an ruagadh,
Aruith cho luaths as aithne dhaibh.

Ma théid an rud gu tuasaid,
S gun cumar uaithe am fearann so, 850
Bidh aimhreit feadh na dùthcha
A dhùisgeas rebellion


[34]

Is ma bheir lagh achrùin iad
Gu Chùirt air son achmhasan,
Théid Albannaich gu ùpraid, 855
Mar chuirear diù na gearanan.
Bidh airmgan éigheachs mór am feum orr’,
Tha na Gàidheil dannarra;
Bidh fir Àird-mhaoile suas gu h-aotrom,
Cha bhi saod am bacadh as, 860
Ged thigeadh gillean no Militia
Gus an tilleadh dhachaigh iad,
S ann a ghabhas iad ratreut
Nuair a dhéireas ar cabair oirnn!

titleX
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page