[43]

XIII NAOMH BHALARAIDH AGUS DUN-CIRCE

An spiorad ar sluaigh sireamaid buaidh,
Illean dhan dual fearalas;
Tìr agus cuans an iarmailte shuas
An dìorras gun uair taisichidh;
Cleachdadh ar gnàth, dìleas gu bàs, 1125
Nàimhdeil ri nàmh ainneartach;
Ar gnùis ris na daoi, shìol nam fear saor,
Iarmad nan daoinagainne.

Fhiribh nan tonn, grad air ur bonn,
Crioslaichibh lann glas oirbh 1130
Is nàmhaid le sluagh bàrcadh thar chuain,
S làmh rinn an tuar bagarrach.
Dùisgibhnur feirg, rùisgibhur n-airm,
Dùbhlan” ’nur gairm-chatha dha,
Buailibh gu clis, luath-lamhach ris, 1135
Sguabadh le sgrios allaidh air.

Thannasg nan seann linntean a bhann,
Aiteam nam beann carraigeach,
Faicibhur clann aglacadh nan lann,
Smachdachadh dream ceannairceach; 1140
Eunlaith nan speur cruinnichibh gu léir,
Gibhtidh sinn feusd fala dhuibh,
Fhithich nan ròcs milis leat feòil,
S ithidh tu leòr fhathast dhith.

Ithidh tu leòr, ithidh is còrr, 1145
Suidhichear bòrd farsuing dhut
Eadar an Còrns Bodach na h-Òigh’,
S ni an cuan mór sailleir dhut.
Ghnàthaich sinn riamh fàrdaichean fial


[44]

Is àbhaist ar sgial leanaidh sinn; 1150
Thàinig an uair aoigheachd mun cuairt,
S bàs dhuinn no buaidhteannamaid.

Theann sibh mar thàs sheall sibhur tàth,
Gheall e dhuibh bàss mhealladh air,
Cruaidhs gun robh càs fhuair sibh á sàs, 1155
Sguab sibh an clàr falamh air.
S fìor gur e sibh sìol Mhic-an-Lìr,
Rìamhag na Tìr Mhanainneich,
S rìoghachd achuain oighreachdur sluaigh,
Toillteanach buan-mhaireannach. 1160

Atadh le pròis maigne agus mfheòil,
S caidreach am pòr flathail dhomh,
Bhuidheann bho chòrs Uibhist a sheòl,
S guidhe mo bheòil rath orra;
Camshronaich sìbh, ainmeil an strì, 1165
Dhearbainn a bhith ceannasach;
Daingeann mar chruaidh charraigs an stuaidh,
Carachd ri cuan gaillionnach.

Pòr Innse-Gall, còisir gun fheall,
Còmhlan nach mall carachadh, 1170
Còisirean cuain, eòlach air buaidh
Chòmhragan cruaidh dannarra,
Sguabadh bhon iar buaireas nan sian,
Dualchas nam fìor Aileanach,
Bho thìr uaine nan caol, sìol uasal nan laoch 1175
Dham bu shuaicheanteas fraoch baideanach.

Dùblaichte ribh Dùthaich Mhic Nìll,
Dlùth ann an crìch maille ribh,
Theannaicheadh buill bheartach ri cruinn,
Sgaoileadh ri gaoith canabhas; 1180
Stiùradh gun dìth, ionnsachadh cìnn,
Cùrsa gu tìr aineolach.
Chleachd air na tuinn gleachd mar na suinn,
Tartarach bho linn Ealasaid.


[45]

Fhearaibh mo ghràidh chuir sibh am blàr 1185
Fuilteachs an bharraichte,
N eachdraidh na h-Eòrpsgairteil mar sheòid,
Gaisgeilnar n-òg lathaichean.
Glacte ann an gréim, brathte le foill,
Taice ri tuinn mharannan, 1190
Bhuail sibhur beum toirtealach treun,
S dhfhosgail sibh fhéin cachaileith.

Cearcal mur cuairt cosgradhs an ruaig,
Chaisg sibh le cruaidh chasadh iad;
Thàrr sibh gu tuath sàbhailte bhuap’, 1195
Càbhlach achuain ghabh sibh e.
Luaidh air na sàir bhuadhach air sàil,
Dualchas nan sàr mharaichean,
Armailteach giar ainmeil bho chian,
Dearbhtenan gnìomh annasach. 1200

Rinn sibhur tùrn soillseach thar thùrn,
Thoill sibh an cliù maireannach,
Innsear an sgeul linnteannan déidh,
Bhruidhneas mun treun athraichean.
Cliù bhith dhan Dia chum oirbh sgiath 1205
S tionndadh le fìor aithreachas,
Dhéisd E ri glaodh chléir agus dhaoin’,
S réitich E caol bhealach dhuibh.

Sgiathan ri gaoith lìonte le daoi,
Dhfhiachadh ar suinn brag orra, 1210
Sia mu gach aon sìos air gach taobh,
Eunlaith mo ghaoils math leam sibh.
Luaidhe mun ceann buailte gu teann,
Ùilleadhna stealls lasag ris,
Chraosladh e suas loisgtena ghual, 1215
S daor a tha dhuais aige-san.

Thill sibh gu uaill inntinnean sluaigh,
Dìblidh an cruas ainniseachd,
Slacte bho chìs, creachte dhe ,


[46]

Acrach gu sìth bheannaichte. 1220
Pàiteach gu ceart Ard-Rìgh nam Feart,
Sàraichte aig feachd aineolach,
Bhrùchd air an tìr dhùthchail mun cinn,
Brùideil gun mhìr carranntachd.

Géill cha robh ann, euchdan neo-ghann, 1225
Eisdidh ar clann fhathast ris,
Aogasg nan siad, glaodh aig am bial,
S aon fhear ri sia ceatharnaich.
Thaom sibhur fuil chraobhach mar thuil,
Saorsa bha bhuil aisigte, 1230
Teasraiginn chàich ghreas sibh dhuinn ,
S Ceiltichnan làn aiseirigh.

titleXIII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page