XV AN TURUS-CUAIN
Séisd:—
Horò o haoiri iù o,
Na hìri rìri iù o, 1410
Horò o haoiri iù o,
Hirì il iù il ò ro.
’S a’ mhadainn nuair a dh’éirich sinn
Bha aimsir chiùin a’ Chéitein ann,
A’ ghrian air cùlaibh Ghéideabhal, 1415
’S an driùchd air feur na mòintich,
’S a’ togail siùil an Cràgabhaig
Bha tùs an latha b’ àill’ againn,
A’ gealltainn bhith cho fàbharach
’S nach beireadh gàbhadh oirnne. 1420
Gun d’fhuair sinn oirre h-aodach
Cho cruaidh ’s a dheanadh taod e,
’S gun gluaiseadh i mar fhaoileig
Nuair ghabh i gaoth ’na còmhdach.
Gun leig sinn chun a’ chuain i, 1425
’S bha saod oirre gu tuath leinn
Is gaoirich nan tonn uaine
Tighinn bho’n ghualainn bha fòipe,
Ach thàinig gruaim is greann oirre,
’S gun bhuail i car an ceann oirre, 1430
’S cho cruaidh ’s gun cumainn teann rithe,
Cha seall i ach air Sòghaidh.
Mu choinneamh bun Bàgh Liathadail
Bha aimhreit anns an iarmailte,
Gun chaill mi ’n t-Eilein Sgitheanach, 1435
Chan fhaighinn sgial le ceò air.
Gun labhair Niall an uair sin rium,
“Tha siantan a’ cruachadh,
Gur tìm dhut cur mu’n cuairt leatha,
Chan eil an uair g’am chòrdadh.” 1440
Nuair fhuair sinn anns na balbhaidhean
Mu’n cuairt i thar a’ chalpa sin,
Gum fac’ i bhuaip’ an carbhanach
Is chrath i cainb le sòlas.
Sìos gu Abhainn Ùnailte, 1445
Mo bhriathar, gun robh lùnn oirre;
Bha sìoban nan tonn dùbh-ghorm
’Ga smùideadh thar a sròine.
Nuair fhuair sinn chun na Liaghaig i
Gun thilg sinn tuim le cliathaichean 1450
Bho’n thig e dhuinn bhith tearainte
Gu fiachainn chun na Seòcaich.
A’ falbh thar Leum- ’Ic-Neacail dhi
Bha sruth is fairge gleac rithe,
’S e chearbaiche ma bhacar i 1455
Gun acarsaid mu’n chòrsa.
Bha sruth na Seòcaich diachainneach
Nuair bhuail e air a fiacail i,
Ach choc i suas gu dìorrasach
Nuair fhuair i lìont’ an seòl ann. 1460
A’ fiaradh ris na fairgeachan
Bha dìosgan aig a ceanna-chnagan,
’S a dh’aindeòin sian na gailbheinne
Cha tug i ’m balgam beòil as.
Ged thigeadh tuinn bhiodh dréineasach 1465
Ri ’n cuinnleanan gun éireadh i,
’S dha ’n cìrean crom cha ghéilleadh i,
Cho cruaidh is ’ga séideadh “Aeòlus.”
Gun cocadh i ri cuantannan,
’S gum plocadh i fo guaillean iad 1470
Le bòc-thonnan cho cruaidh-bhuilleach
Ri bualadair an eòrna.
Nuair fhuair sinn thar na leum leatha
Cha bhuannaicheadh na féidh oirre,
Bha ’n uair sin fairge réidh aice, 1475
’S gun shìn i ceum gu deònach.
Nuair fhuair sinn aig an fhasgadh i,
’S i buaraicht’ air an acair ann,
Gun seinninn duan bho b’aite leam,—
Cho smart ’s a rinn i bhòidse. 1480
title | XV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |