[56]

XVI GIOMADAIREAN ÀIRD-MHAOILE

S toigh leam a bhith bruidhinn
Air na fir a than Àird-mhaoile,
Gur sgiobaltair an casanad
Gu canabhas a sgaoileadh.
Thogadhad on chladach 1485
Ri gaillionn agus gaoithe,
Acothachadhna h-aodann
Le saothair nan ràmh.

Ged tha mi treis air maineol
Anns abhaile so an còmhnuidh 1490
S mi leigeadh seachad fasain
Agus chleachdannan na h-òige,
Nan toirinn fhathast earraig air
Gun deanainn ceathramh òrain
O bha mi roimhid eòlach 1495
Air còmhradh nam bàrd.

Gur eòlach air na faicheanan
Mu chladach an taobh siarad,
S chan eil latha freagarrach
Nach téidad chun nan cliabh ann. 1500
Ged a ghabh iad eagal
Nuair theabadh an cur sìos ann,
An sgoth acaga lìonadh
S nach dianadh i stràc.

Be sud an latha cunnartach 1505
A chuirad anns an éiginn,
Nuair thàinig ina gaillionn orr
On earra-dheas aséideadh.
A-mach am beul aChorrain


[57]

Gum bu chorrach muir ag éirigh, 1510
S bha coltas air na speuran
Nach téid i nas fheàrr.

S ann a labhair Ailean
Cha dean math a cur fo aodach,
Chan fhuiling i ri canabhas, 1515
Tham balaiste cho aotrom
S ma gheibh i dad a dhamaiste
S achrannalach cho aodain,
Mun ruig i Rudh’ -Àird-mhaoile
Bidh taosg innte shàil’ .” 1520

Nuair shuidhad aig an iomaradh
Bha slinneineanga lùbadh,
S a dhaindeòin mar a dhraghadhad
S a stadhadh iad an glùinean,
Cha rachadh i airn adhart, 1525
Ach acladhanaichs ationndadh,
S bha fallus air an gnùisean
Air chùlaibh nan ràmh.

Gun dthuirt Dòmhnall Stìleach
Ged bhiodh giorag ann am inntinn 1530
Nam biodh i air a baganachadh
Aguss an riof-fhìorain,
Gu feuchainn-sa ri rudeigin
A chuireadh dhuinn gu tìr i
Mum bi sinn uile millte 1535
Nach till i gu tràigh.”

Nuair fhuairad i fo uidheam,
S ann a ruitheadh i gu h-ainmeil,
Ge bìosal air a deireadh i,
Nam beireadh orra balgam, 1540
Bha h-uile fear aguidhe
Feuch a ruigeadhad aghainmheach
Mun tigeadh i cho cearbach
Nach fuiricheadh im bàrr.


[58]

Nuair ràinigad an cladach 1545
Bha e clapail leis na sùghaidh,
Clachan agus molagan
Aroladh feadh an t-srùlaidh,
Gun duine bhithga feitheamh ann
A bheireadh air an iùbhraich 1550
Na chuidicheadh an triùir
Gus a giùlan gu h-àrd.

Am fear a bhana deireadh,
S ena sheasamh nuair a bhuail i,
Ghabh e bara-thairis dheth 1555
A-mach air feadh nan stuadhan;
Nuair thogad as amhuir e
Theab nach sguireadhadga shuathadh
Mum faiceadh Màiri Ruadh e
Air thuar a bhith bàit’. 1560

Bhuannaichad an cladach
Agus ghabhad air an glùinean
Is chluinneadh tu aig Barraidhad
Ag achanaighs ag ùrnuigh:
Mhionnaichad o thachair dhaibh 1565
Tighinn dhachaigh thun an ùrlair
Nach beireadh fear dhen triùir ac
Air stiùir ann am bàt’!

titleXVI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page