XIX FHIR, A DHÌREAS AM BEALACH
Fhir, a dhìreas am bealach dol dìreach gu baile,
Thoir mìltean do bheannachdan tarsuinn tromh ’n ghleann,
’Gan giùlan gu ainnir nam mìog-shùilean meallach
Dha’n tug mi mo ghealladh ’s chan aithreach leam bonn.
Gun dùin mi mo thamull air chùlaibh nam beannaibh; 2320
Bidh cùram air m’aire gun deanar mo chall
Is gach òigear ’ga tharruing an tòir air mo leannan,—
Tha bòidhchead a pearsa mar lasair ’nan ceann.
Chan ioghnadh mo shùilean bhith sileadh gu srùlach,
’S ann tha mi gu tùrsach air chùlaibh nam beann, 2325
’S mi fuireach air àirigh aig iomall na tràghad,
Gun fhidheall, gun chlàrsach, ach gàirich nan tonn,
’S mi cuimhneachadh mànran na maighdinn a chràidh mi,
Cha chluinn mi’n ceòl-ghaire bhiodh àbhachdach leam,
Mar bhithinn a’ sàs ann bu chridheil am màireach, 2330
A bhithinn le sràid-cheum a’ fàgail na h-Aibhn’.
Gun siùbhlainn tromh ’n fhàsach ’gad ionnsaigh, a Mhàiri;
’S ann dhùblaich mo ghràdh ort bho’n thàinig mi ann,
’S e dhùisgeadh mo chàileachd gu sunnd agus àbhachd,
Bhith sùgradh ri àilleig nam blàth-shùilean donn. 2335
Mo lòchran, mo sgàthan, mo ròs ann an gàradh;
’S tu m’fhuaran ’s mi pàiteach ’s an fhàsach air chall;
Mo rionnag, mo reulta, mo shoillse na gréine,—
’S gu h-aoibhneach mo chéile nuair théid oirnn’ am bann.
Nam faighinn-sa ’n còir thu bho cheanglaichean pòsaidh, 2340
Chan iarrainn leat òr ged bhiodh stòras oirnn gann;
Gun deanadh do chòmhradh mo lìonadh le sòlas,—
Bhiodh m’inntinn air dòigh deanamh òran is rann.
Gur mise bhiodh spòrsail a’ falbh leat Di-dòmhnaich
Air thoiseach a’ chòmhlain do Bhòirnis ud thall 2345
Is bhiodh sùil aig gach òigear air ùbhla na bòidhchid;
Am flùran glan, mòdhar, an òigh tha gun mheang.
Gu suthainn mo chuinnein ri diùchartas dhaoine,
’S mi giùlan mo ghaoid’ bho do dhraoidheachdan trom’;
Cha chunntaisinn daor dhomh bhith ciùrrta le gaol ort, 2350
Nan dùisginn a smaointean a b’fhaoine ’nad chom.
Gun rùisginn dhut gaoirdean an dùldachd an Fhaoiltich,
Ri gnùise na gaoithe a b’fhaobharach greann;
Air chùmhnantan t’fhaotainn gun siùbhlainn an saoghal
O’n ’s dùth dhomh as t’aonais dol faoin’ anns a’ cheann. 2355
Mo shaothair cha chaomhnainn, mo mhaoine cha diùltainn,
Gu saor le mo dhùrachd a liubhairt ’nad làimh;
Mo dhaoine ’s mo dhùthaich gun ìobrainn air fùirneis
Mu’n dìobrainn mo rùn a bha cùbhraidh gun fheall
Do’n ghruagaich as bòidhche chuir cuailean an òrdugh, 2360
A ghluais ann an còta chuir meòir ann am bann;
Gun saothraichinn bliadhna ’s chan fhaodainn bhith dìomhain
Air cuibhrinn dhe briaghad a shnìomh ann an rann.
Gur camalagach, cuartagach, coisreagach, cuachach,
Am falt tha m’a guaillean ’na dhualagan donn; 2365
Chaidh àilleachd a cuailean gu crùnadh na gruagaich
A chàradh le dualchuis mu’n cuairt air a ceann.
Tha deàrrsadh a gruaidhean ag àrdachadh snuaidh oirre,
Dearg mar an cluaran nuair as buaidhche bhios a ghreann;
Gum b’fheàrr leam an duanag a sheinnte le m’ ghuanaig 2370
Na éisdeachd á bruachaig ri cuachag nan crann.
Chan ioghnadh mo dhéideag ged bheirinn-sa spéis dhut,
Tha cliù air gach beul ort—an Gàidheal ’s an Gall!
Gun chleachd thu gach ceutachd a dh’ionnsaich do chreud dhut;
Gun tionndadh do bheusan gu a léirsinn an dall— 2375
Na subhailcean àraid a chuireadh le d’ mhàthair,
Tha a’ bhuil air gun tàinig am blàth air an ceann,
Nan cinneadh gach pàisdean gu t’ionad an tàlannt;
Bu bhuidhe do phàrant a dh’àraicheadh clann.
Gur tearc e ri fhaotainn leam deirgead an aodainn, 2380
A dh’fhàg mi fo dhaorsa gun saorsa dhomh ann;
Do ghruaidh mar an caorunn, do shlios mar an fhaoileann,
Mar shneachd an là fhaoiltich air aonach nam beann.
Do shùilean a’ boillsgeadh ’s a’ brùchdadh le aoibhneas
Ad ghnùis-gheal, a’ mhaighdean cho caoimhneil ’s a sheall; 2385
Gur mìlse do phògan na mhil air na ròsan,
Gur binne do chòmhradh na crònan nan allt.
Troigh lùthar ’m bròig shàiltich a shiùbhlas gun fhailmse,
Cha lùbadh tu stràilein fo shàilean do bhonn;
Gun ghaoid ann an cnàimh dhiot a dh’fhaodas mi àireamh, 2390
B’e aogasg na slàint’ thu air làr an tigh dhanns’;
Gun innsinn-sa t’àite ’sa chraoibh anns na dh’fhàs thu,
Am meanglan as àille ’s as àirde dhe ’n chrann,
Gun mhearachd ’nad ghiùlan gum faigh thu bhuam biùthas
Mar ainnir cho chliùiteach ’s tha ’n dùthaich nam beann. 2395
Ged ’s lìonmhor té àillidh tha ’n dùthaich nan àrd-bheann,
’S e ’n dualchuis tha nàdurra dh’àlach nan gleann
Bhith deas air an cnàmhan, gun aimheal, gun fhàilinn,
Gun aithnichinn thar chàich thu air sràidean nan Gall,
’S cha leanainn-sa té dhiubh, bha ’n t-saighead a léir mi 2400
’Gar tarruing gu chéile le deubhann cho teann;
Gach dual dhith cho làidir ’s gum fuasgail am Bàs i,
Nach fuaraich an gràdh dhut tha blàth ann am chom.
An Uibhist nam fuar-bheann a dh’àraicheadh suas thu,
’S e ’n t-àite beag buadhar a ghluaiseadh mo rann; 2405
Nam b’àithne dhomh luadh air a mhachraichean uaine,
’S a ghlacagan luachrach mu bhruachaibh nan allt
Tha cromadh tromh ’n gharbhlaich a dh’ionnsaigh na fairge;
Nan deanadh an sealbh mo chrannchur bhith ann,
’S nach iarrainn do shòlas ach Eilein na h-Òige, 2410
’S gun deanainn ann còmhnuidh le m’òg-leannan donn.
title | XIX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |