[8]

II DOL DO DH’UIBHIST

Horo, leannain, nach tiugainn thu leam-sa? 145
Rachamaid tacan a dhfhaicinn ar dùthcha;
Gheibh sinn an t-aiseag air bàta na smùide,
Leagail ar cùrsair Innis nam .

Fhuair sinn dhan charbad a dhfhalbhadh gu h-uallach;
Nochd e ri Grianaig is bial Abhainn Chluaidh leinn; 150
Dhéirich mo chridhe ri mullach nam fuarbheann;
S annsan taobh tuath a thogadh sinn òg.

Seachad Loch Laomuinn gum béibhinn an sealladh,
Bha coisir sachoill ann aseinn air na meangain;
Bha smeòrach nan geug ann agleusadh le caithream, 155
Gun teud ann am baile bheir dheth e gu ceòl.

Adìreadh ri Raineach tha sealladh air aonach,
Na beanntainean àrda mar gheàrd air gach taobh dheth;
Dhùraich mo chàileachd ri fàileadh an fhraoich,
S bha osag na gaoiththar coille nan cnò. 160

Tromh bheanntainean binneanach, bideanach, stùcach,
Creaganach, carraigeach, cam-alltach, lùbach;
Glas-ghlacach, cas-leacach, bras-uisgeach siùbhlach,
Glan, ruidhteach, cùbhraidh, fallain ri òl.

Seachad Lochabar thig seallaidhean ùroirnn; 165
Chì sinn Beinn Nibheiss i nis air ar cùlaibh;
Choisinn a mullach dhi urram achrùin
S i fados ar cionn afalachsna neòil.

Aig Ceann Locha Mùideirt gur sunndach ar n-aigne,
S an carbadgar giùlan a dhionnsaigh achladaich; 170


[9]

Gur goirid an ùine gun dhlùth i ri Mallaig;
Tha fàileadh na maras e cheana fo mshròin.

Fàgaidh sinn Mallaig air bàta na smùide,
S fhado baithne dhomh rathad na h-iùbhraich,
Cuiridh i eilein beag Eigair a cùlaibh; 175
Sgoiltidh i Rùm is Eilein aCheò.

Seachad Ceann Chanaidh agearradh nan cuaintean,
Sìoban na marana shad thar a guailleadh;
Togaidh sinn Barraidh thar bearradh nan stuadh
S gum faic sinn a tuath air Uibhist nam . 180

O, Uibhist nan àrdbheann, mo ghràdh riut bhith tilleadh,
Do cheanglaichean làidir asàs ann am chridhe;
S e dùthaich an àigh anns na dhàraicheadh misthu,
S chan fhàgainn thu idir mur bithinn gun dòigh.

O, Uibhist bheag, bhraonach, bidh gaol aig gach neach ort 185
A dhìrich ri taonach no shaothraich air tachadh;
Ged shiùbhlainn an saoghals e ghlaodhainnmo dhachaighris,
Dùthaich Mhic Ailein, tìr mhaiseach an eòrn’!

Nuair ruigeas min cidhe cha bhi mi fo ghruaimean,
Coinnichidh a fichead a thig on taobh tuath mi; 190
Tha thu air tilleadh a Mhic Aonghais Ruaidh;
Nach tiugainn sinn suas gum faigheamaid stòp.”

titleII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page