XX SEÒNAID
Séisd:
Hùg a rì hùg, hùg a rìribh,
Hùg a rì hùg a rì rìribh;
Horo hù o, hùg a rìribh,
’S tu mo chaileag ghrinn, a Sheònaid. 2415
Ann an Uibhist nam beann fuara
Fhuair mi sealladh air a’ ghruagaich,
’S ged nach faca mi ach bhuam i,
’S taitneach an tuar snuadh na h-òige.
’S taitneach an tuar snuadh na cruinneig, 2420
Bean chuailein nan dual is duinne,
Beul tana lom, com is gile,
Calpa cruinn, cuimir, troigh chòmhnard.
Geala-dheud mar chailc an dlùth-chàradh,
Caol-mhala, sùil ghorm is àille, 2425
Mar ghrian-ghath air driùchd a’ deàrrsadh
Air flùr an gàradh nan ròsan.
Làn-sùla thu air thùs nan gruagach,
Reul-iùil fear-stiùradh a’ chuain thu;
Cuspair nam bàrd a ni duan thu, 2430
Do mhaise toirt buaidhean-beòil dhaibh.
Bàidse an fhir-chiùil an tùs ruidhlidh,
Beirm a chur gleus an teud fidhle;
Taitneas an t-seòid ’s an òg-oidhche,
Tartmhor gu aoibhneas do chòmhraidh. 2435
’S tu seud is ainmig ri fhaotainn,
Blàth thu thig ainneamh á aonach;
Neamhnaid fir-cuain agus caolais
A chuir a shaoghal ’na dòchas.
Bàrr-dhos na craoibh’ ’s a’ choill uaine, 2440
Grianan a’ ghlinn’ ’s a’ ghaoith fhuair thu;
Gur fìor-uisg’ bho ghrunnd an fhuarain,
’S tìochdadh air damh ruadh na cròic’ thu.
Mar theachd leam tromh shneachd am beinn thu
Gu lasraichean leac an teinntein, 2445
Mar bhacan a ghlacainn greim air
Aig cala ’s na tuinn air tòchdadh.
’S tu fìonan is fìor-ghlan rìomhadh
Fo’n liath-dhealt ’s a’ ghrian gun dìreadh,
’S tu mo “Niamh” nan ciabhan mìn-bhuidhe 2450
Le an triallainn gu Tìr na h-Òige.
C’àit eil do choimeas ri fhaotainn
Am pearsa no an àilleachd aodainn,
Mu dheas air Leac Bhàn a’ chaolais
Gu cladach dà thaobh na h-Òrdaig? 2455
Snuadh thug an àirde do linn thu,
Fuaighte ri tàlantan inntinn;
Gruagach thug bàrr, ar leam fhìn, ort,
Cha do dh’àraich Tìr an Eòrna.
Ach nam bu bhritheamh aig cùirt mi 2460
Far am biodh àilleachd g’a crùnadh,
Air m’fhacal-s’ bu leat-sa ’n t-ùbhla,
Ged bhiodh mìle ag ionndrainn còrach.
title | XX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |