XXI MAIGHDEAN A’ CHÙIL DUALAICH
Séisd:—
Nuair bhios mi leam fhìn
Bidh tu tighinn fa-near dhomh; 2465
Maighdean a’ chùil dualaich—
Tha gach uair air m’aire
Nuair bhios mi leam fhìn.
Rìbhinn donn nam blàth-shul,
Nigheanag a’ chùil fhàinnich 2470
Aig robh meud mo ghràidh,—
Gun dean mi’n àirde ’n ceathramh.
Ged bhithinn fo mhìghean,
M’aigne an ionad ìosal,
Tharladh tu ’nam inntinn, 2475
’S cha bhiodh cuimhn’ air smalan.
Mar bhios dùil ri samhradh
Ann an dùldachd geamhraidh,
Thig do ghnùis gun ghreann
Mar dhlùthadh àm an earraich. 2480
Tha do ghiùlan suairce,
Dùthchasach dhut uaisle;
Có tha’n cùirt nan gruagach
A thig suas ri m’ainnir?
’S tu mo dhìthean fàsaich, 2485
’S tu mo leug am bràiste;
’S tu mo dhaoimean fàinne,—
Seud as àille lainnir.
Ribheid chiùil gu fonn
Cho glan ’s a shéid á com, 2490
Le meur cho grinn ’s a chrom
Gu bualadh phong le farum.
Dannsair air bhàrr t’òrdaig,
Annsail thu le còmhlan;
Samhl’ air snas na h-òig’ thu 2495
Air clàr-bhòrd an talla.
Ciatach ann am fiamh thu,
Reusant’ ann an ciall thu;
Thar gach reul ’s an iarmailt,
’S tu mo ghrian ’s mo ghealach. 2500
title | XXI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |