XXII CHAN EIL MI GUN M’AIRE AIR M’EUCHDAIG
Air fonn: “Seachran Seilge”
Séisd:—
Chan eil mi gun m’aire air m’euchdaig,
Shaoileam nach biodh i cho beumal;
Chan eil mi gun m’aire air m’euchdaig.
Ceann nan croisean mar a b’àbhaist,
Tha na botuil air an tràghadh, 2505
’S chan eil copar ann romh Mhàiri,
Dia nan gràsan, c’àit an téid mi?
Thàinig i mu’m cheann gun fhios domh,
’S mi gun not agam an ciste,
’S cha dean briagan sìon a nis dhomh, 2510
Ged is tric a rinn iad feum dhomh.
Bha mi deanamh suas a h-eachdraidh
Gun robh an t-uisg’ ann fad na seachdain,
’S tha mi nis aic’ air mo ghlacadh;
Thuit mo chaisteal as na speuran. 2515
Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle,
’S chan eil seòl air d’ rud a nì mi.
’S truagh, a rìgh, nach mi bha ’n Ile,
’S Maol Chinntìr’ ’na glinn ’s ag éirigh.
Nuair a thàinig i Di-sathuirn’ 2520
Bha na dh’fhàgadh air an dreasair;
Mar a b’àbhaist thòisich talach,
’S cha robh agam-s’ ach bhith ’g éisdeachd.
Nuair a dh’iarr mi oirre tasdan
Leig i ’n éibh a b’àirde bh’aice, 2525
’S chuir mi fhìn mo chas ri astar;
Bha mi faicinn gum biodh streup ann.
Thuirt i rium “nach fhaigheadh bìdeag,
Bonn-a- sia, no fiach na frìdeadh;
Dearbha, dìolaidh tu na mhill thu 2530
Mu’m bi pìnnt agad bho’n té so.”
“Thus’, a cheàird, is t’airgiod pòca!
’S ann a thoill thu ceann na ròpa,
’S nach eil àit am bi tigh-òsda
Nach bu chòir bhith cur di-leum ort.” 2535
“Mhill thu t’aodach ’s chosg thu t’airgiod
Air an daorach bho’n a dh’fhalbh mi.
C’àit eil aon té ann an Albainn
Nach biodh fearg oirre mu dhéidhinn?”
“ ’S ann tha ’n tigh air choltas àite 2540
Bhiodh air a spùilleadh aig na meàirlich;
Chan eil lùb agam air fhàgail
Nach do phàn thu mhic na té so!”
Leis a’ cheòl a chaidh ’nam chluasan
B’fheudar dhòmh-sa falbh an uair sin 2545
Ceangal ris a’ Chomunn Stuaime,
Ach, och, mo thruaighe, ’s beag mo spéis dheth!
title | XXII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |