XXIII ÒRAN NA POIT-THÀIRNE
Throid mo bhean ’s gun throid i rium
Chionn gun rinn ’s gun dh’òl mi liunn;
Chaidh mo shàmhchair bun-os-cionn 2550
Nuair throid i rium ’s gun throid mi rithe,—
Throid mo bhean ’s gun throid i rium, O.
Thuirt i rium ’s cha b’ann le sìth,—
“Culaidh-thruais na mnatha mi
Fo iomagain aigne ’s ioma dìth; 2555
Cha mhór ’s an tìr tha coltach rium, O.”
Throid mo bhean, etc.
Sheall i orm gu fearghaidh, fuar,
Is loisg i’n urchair ud ’nam chluais;
Gun dh’at a gnùis le greann is gruaim, 2560
’S gun las a gruaidh le crosdalachd, O.
Throid mo bhean, etc.
Thuirt i rium, “Chan eil thu glic,
’S e do mhiann bhith ’n tigh na cluichd
Is gus an càirear thu fo’n lic 2565
Chan fhaicear tric ach gortach thu, O.”
Throid mo bhean, etc.
“ ’S e do mhiann a bhith mu’n stòp,
A’ cosg do chuibhrionn ’s an tigh-òsd’;
Gum fàg sin maoin aig Domh’ll MacLeòid 2570
Is mis’ aig Bòrd na Bochdainne, O.”
Throid mo bhean, etc.
“Cia mar a théid mi air sràid
Is mi gun snaoim ach fuighleach chàich,
Le cuarain bhròg gun sròn, gun sàil, 2575
’S le fàraidhean ’nam stocainean, O.”
Throid mo bhean, etc.
“ ’S e sud a’ cheàird na chuir thu t’ùidh,
A bhith ’nad shlaod an tigh an liunn;
Gun òladh tu mór-bhrachadh grùdair, 2580
’S e do bhrù bha cosgail dhut, O.”
Throid mo bhean, etc.
“Chan eil cruinneachadh, cuirm, no ceòl,
No féill, no danns’ bheil dram ri òl
Nach faicear thu ’s do shùil ri stòp, 2585
Mar chù ’s do shròn ri closnaich ann, O.”
Throid mo bhean, etc.
“Chan eil ceàrn bheil dad ri fhaotainn,
Cùil no cial mu’n càidsear braon
Nach cluinnear sgial mu Mhac-an-t- Saoir; 2590
Bidh bhial-san daonnan fosgailt’ ann, O.”
Throid mo bhean, etc.
“Dh’fhalbh thu’m bliadhna cuairt do dh’Ile,
Far an d’fhuair thu lùib nan innleachd.
’S mis’ tha truagh bho’n latha thill thu, 2595
Faicinn pìob’ ri poit agad, O.”
Throid mo bhean, etc.
“Chan eil àit’ an téid thu fhéin
’S an inneal-thàirne sin air ghleus
Nach fàg sibh fàileadh as ar déidh 2600
A thoireadh dréin air brocadair, O.”
Throid mo bhean, etc.
“Rinn thu ànrach dhomh mo shaoghal,
’S bidh do ghnàthasan gun chaochladh
Gus an càirear thu ri m’thaobh 2605
Am measg nan daol ’s nam boiteagan, O.”
Throid mo bhean, etc.
title | XXIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |