[96]

XXIV IS ADHBHAR A’ CHLISGIDH

Is adhbhar achlisgidh
Ma thréigeas do mhisneach,
S e adhbhar achlisgidh 2610
Ma bhriseas do dhòchas;
Is adhbhar achlisgidh
Ma thréigeas do mhisneach,
Gun téid thunad mhisgear
Feadh iorsg an tigh’ -òsda. 2615

Chuala mi sgeula
S bha fuaim aig achléir air,
Gum fuaighte ri céilthu
Le réiteach is pòsadh.
Fhuair thu do thréigsinn, 2620
Rud is buailteach gu léir dhuinn
A ghluaiseas air féithe
Gu féill nam ban òga.

Thriall thu thar sàile
Le nighean Dhomhnaill Phàdruig 2625
Thar crìoch Earraghàidheal
Gus ceàrns nach robh teòlas;
Iarunn rin tàthadh
Fo riaghladh aPhàpa,
S cha bfhiach leibh acheàrdach 2630
A dhfhàg sibh am Bòirnis.

Ràinig sibh Galldachd
Nan sràideans nan cabhsairean,
S dhéirich an aimhreit ann,
S theann sibh an trògbhail. 2635
Bhuail ena ceann


[97]

Leis cho buans a bhan dranndan,—
“ ’S e an tuasaid bhios ann
Ma théid bann air an òinnseich!”

Smaointich i an uair sin2640
Tha saorsa ro-luachmhor,
S e an saoghal mo chluasag
Gus buannachd mo bheò-shlaint.
Bfheàrr na bhith fuaighte
Ri sùith ris an suathta, 2645
Bhith cuidhtis an cruaidh-shnaim
Nach fuasgail na meòirean.”

Spìon i gach fàinne
Thar meuran a làmhan,
S gun dhiarr i gun dàil ort 2650
An càradhnad phòca.
Sìos leo am màireach
Gach ioladh is bàlag!
Bidh an t-iarunn gun tàthadh
S bidh Màirina h-ònar.” 2655

titleXXIV
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page