XXV CÒMHRADH EADAR AN T-SEANN TÉ ’S AN TÉ ÙR
An t-Seann Té
Nach tu tha smaointinn gura tu bhios math
Nuair bhios tu sìnte null bho shrath gu srath,
Ach stad gu ruig thu an aois tha mis’ an diugh
A sud nach ruig gu bràth ri goileach sruth;
Ma thig an là sin ort théid mis’ am bann 2660
Nach bi na h-ioghnaidhean cho pailt ’nad cheann.
An Té Ùr
A sheann bhall-toirmisg, thus’ a’ toirt do bheachd,
A ghliograch spaidreach, ghnù, gun tùr, gun tlachd,
Thu fhéin ’s do chois-cheum cumhang, corrach, cam,
Nach leig dà bharra-roth a-null ’s a-nall; 2665
A chruilleisg chrom, gun chruth do chloich ’s do dh’aol,
’Nad chromaisg chrotaich, chrùbaich, chliopaich, chaoil,
’Gad choimeas fhéin ri drochaid chiatach, nuadh,
A ghiùlaineas gu h-aotrom spréidh no sluagh;
Na daoine tùrail ghrunndaicheadh iad an t-àth, 2670
Ged thigeadh orr’ a léine thoirt dhiubh ’s a shnàmh
Mu’n dearcadh iad le sùil os cionn na h-ursann
Aig seann chleith-theanchair sgreamhail mar tha thusa.
An t-Seann Té
A ghaoithean ghasain ghlais a dhùisg mo sgreamh,
A’ spùtadh pròis bho theanga leòmaich, leamh, 2675
’S nach faca tu riamh trom cholg nan sìon air at,
Ach cà’l do ghnìomh a thogadh fianuis leat
Seach mis’ tha so tromh ioma bliadhn’ is linn
An cath nan sìon ’s mo chas air iochdar fuinn,
’S ged thug an aois ’s mo dhìol bhuam trian dhe m’threòir 2680
Gum bi mi’m àite ’s tu ’nad chàrnaich feòir.
Cha d’fhuair thu fhathast fios no fàth mu’n chùis,
Nan d’fhuair, bhiodh caochladh coltais air do ghnùis,
Ach mur an d’fhuair, théid mis’ an urras dhut
Gum faigh is còrr nuair bhuaileas còmhrag riut. 2685
Mu neart nan tuiltean trom le fonn gu sgrios
Their dùldachd dhubh no dhath dhut fath is fios;
Nuair thig an deàrrsach throm bho mhoch gu dubh,
Gun diocladh air an speur an dé no ’n diugh
Le sìor-uisge gu làr ’s le bhlàth ’s le bhuil,— 2690
Na h-aibhnichean ’nan still le dìle ’s tuil;
Nuair dh’atas Abhainn Lugair feadh na còinnich
Bhios Abhainn Choill’ a-nuas le beinn a’ bòilich,
Abhainn Ghrianaig tighinn le sliabh a-nall,
’S an garbh-allt bòcanach a’ còpadh thall,— 2695
An sneachd a’ leaghadh leis an aiteamh shuas
’Na ioma steall a’ tighinn le gleann a-nuas.
title | XXV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |