[100]

XXVI MO MHAIGHDEAN ÒG

S amhadainn mhoich mun éirich grian,
Mun liath i air na neòil,
Mun cluinn mi ceilearadh nan ian, 2700
Mun crom iad bial gu òl;
Bidh misafalbh gu socair balbh
A shealbhachadh ar lòin;
Gur gann gun dùin min dorus lium
Mun dùisg mo mhaighdean òg. 2705

Nuair bhios mi coiseachd sìos an t-sràid
Air madainn shàmhach reòt,
Nuair bhios mi deas gu dol an sàs,
A gheibh min spàinns an t-òrd,
Nuair bhios mi shuas gu h-àrds an stuaidh 2710
S am breige ruadhnam dhòrn,
S e fàth mo shunnd, mo chuspair ciùil,
Mo rùn, mo mhaighdean òg.

Cha téid min cainnt nan cuideachd chàich,
Gur beag mo chàil dhan glòir, 2715
S cha bhi mi gun chòmhradh gràidh,
Ged nach e mànran beòil;
Their clach is aol is bàrr nan craobh
Gu sàmhach, saor, dhomh ceòl,
S e am facal cruinn bhios aca rium2720
Mo rùn, mo mhaighdean òg.”

Nuair bhios aghrian air cromadh sìos,
Atighinn gu crìoch an ,
S a théid an cipean thoirt á sàs
Cha lùbainn bàrr an fheòir. 2725
Bidh maigne luasganach le msmaoin,


[101]

S e daonnan anns na neòil;
Gun fhois gum faic mi miann mo shùl
Mo rùn, mo mhaighdean òg.

Ged bhithinn sgìths min déidh mo chlaoidh, 2730
Gun cuirinn ruinn air dòigh;
Ged bhithinn drùdhta chun achuim,
S an t-uisgam broinn mo bhròg;
Ged thiginn dhachaigh acrach, fann,
Gun togadh mfhonn gu ceòl 2735
Le bhigad altrum air mo ghlùin
Mo rùn, mo mhaighdean òg.

Ma chi thu cuailean camalach, dualach,
Snuadh dheth mar an t-òr;
Ma chi thu aodann ciùin gun ghruaim, 2740
ghruaidh air dhreach nan ròs;
Ma chi thu fiamh abhainne bhlàith
Aig pearsa tha gun sgòd;
Mar ròs an coill as bòidhche loinn
S e sin mo mhaighdean òg. 2745

Mar shòbhrach bheag ri taobh an uillt
A-stigh fo chruim nan sgòrr,
Mar neòinean mìn-gheal, caoin-gheal grinn
Afàs an lùib an fheòir,
Mar ghucag uisgas gile lìth 2750
Tha muineal mìn na h-òigh’,
S le fuil mo chuim gun sgrìobhainn ruinn
Air blàth mo mhaighdinn òig.

Nam biodh mo bhial air réir mo mhiann,
Gum feuchainn-sa mo mheòir 2755
Air ealaidh ghaoil a sgrìobhadh sìos
A bfhiach a chur ri ceòl,
Ach càit eil teanga, clàr, no peann
A chuireadh rann air sheòl,
S gun soillsicheadh e dhinntinn chàich 2760
Mo ghràdh dha mmhaighdean òig.

titleXXVI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page