XXVII MACPHÀIL IS MACTHÓMAIS No Òran an Leisgeadair
A’ CHEUD RANNAGHAL
Cluinnear anns gach ceàrn
Mu MhacThómais,
Ma chuireas mi ’s a’ phaipeir
An t-òran so 2765
A tha mi deanamh dhà,
Dìreach mar a bhà
Moladh Dhonnachaidh Bhàin
Do Bheinn Dóbhrain;
Gun inns mi ann an cainnt 2770
Gheur-fhaclach nam bàrd,
Dèanadas is gnàthan
An òigeir.
’N taobh so dh’Inbhir-làir
Chan eil e anns an àit’ 2775
Aonan eile ’s fheàrr
A thig òran dha.
Tha coltas is aogasg
Na gnòigeis air,
Chan eil rib a dh’aodach 2780
No bhrògan air,
’S tha ciutha do ghruaig
A’ falach a chluas,
Cuibhrig orra luaithre
’S do ròineagan. 2785
Ged gheibheadh e cìr,
Biodh e garbh no mìn;
Cha chuireadh e bìdeag
Tromh ’n lòbaisg dhith,
’S leis na bheil do shùithe 2790
Air mullach a chinn,
Gum bu mhath na h-inghean
A sgròbadh e.
Leth-eitheamh do dh’fheusaig
Is còrr air 2795
Chan fhaic mi greim air sgeul
Ach an t-sròn dheth,
’S na busan ’s an dà shùil,
Malaidhean os an cionn,
’S gum faigheadh e crùn 2800
Bho MhacGhòrdainn orra.
Bloigh do chòta geàrr
Bhios ’ga chumail blàth,
A thàinig á Ceann-Phàdruig
Air seòladair, 2805
’S briogais fhada bhàn,
Riobagach mu’n mhàs;
Sud am bad a chnàmh e
’Ga tòinleagan.
’S ann aige tha’n fhàrdach 2810
’S cha bhòidheach i;
Chan eil gin ’s an àite
Cho neònach rith’
Bho’n leag an stoirm ’s a’ Mhàrt
Ris na taobhain àrd’ 2815
Gus na chuir MacPhàil
Bloigh do sheòl orra.
B’e sud a’ chulaidh-sgràth’
’Ga choimhead aig càch;
Mur do ghabh e nàire 2820
Bu neònach e.
Bha i falamh, fàs,
Gun teine, gun bhlàths,
Ach claise na bà:
Bha gu leòr innte. 2825
AN DARA RANNAGHAL
Gur ann agad tha’n tulach,
’S cha bhiodh cus ann an tòir air;
Cha rachainn a dh’fhuireach
Air tunnachan òir ann.
Tha iomadach luidhear 2830
Gu h-àrd air a’ mhullach;
Tha bhàrr air na b’fhuilear,
Tha tuilleadh ’s a chòir air
Nuair tha’n dorus a-muigh,
’S e gun chòmhla, gun ursann; 2835
Dà sheòrsa do dh’uinneig,
’S iad gun urad is lòsan.
Chan fhac’ e gréim tubhaidh
Am bliadhna no’n uiridh,
’S bha e mi-chiatach buileach 2840
Gus na chuireadh an seòl air;
E gun lùb mu’n mhaide-fheannaig
Gun rainich, gun chònnlaich.
Gum faiceadh tu’n t-adhar
A-mach tromh na cabair; 2845
Chaidh an tubhadh dha’n ghealaich
’S na sgrathan dha’n òtraich.
Tuill air a’ bhalla
Bhios ’ga lathadh an còmhnuidh,
Gèimheal tromh phàirt aca 2850
A chàthadh an t-eòrna,
’S nuair thig a’ ghaoth tuath air
A’ séideadh m’a chluasan
Gum feum còta uachdair
A Luan anns ’s do Dhòmhnaich. 2855
Ùrlar an taighe
Fo chasan neo-chòmhnard
Timchioll na cagailte,
Lagchuis is lòin ann,
Seann bhalla tarsuinn ann, 2860
’S dh’fheumadh e taice ris;
Faradh nan cearcan air,
’S thachdadh an tòichd thu;
Ann an dubhradh an anmoich
Thig starraban mu’n chòmhlaidh. 2865
Bidh dà ghamhainn spùtach
’S bùthach mu’n sròinean,
A’ geumnaich ’s a’ bùirich,
’S an t-acras ’gan ciùrradh;
’Gan ceangal air ùrlar, 2870
Gun fiù agus ròinneag;
Gun sop air am bialaibh
Ris an deanadh ’ad snòitein;
Gun fhodar, gun fhiar ann,
Gun sìon a théid fòpa; 2875
Gun ruisgean do dh’arbhar
A chuirte ’nan cairbheas.
Ma ruigeas iad margadh
Gu dearbh tha e neònach;
Nas mòtha no an t-seiche 2880
Cha reic e ri bheò dhiubh.
Chan fhalbh iad gu bràth uaithe
Air thàilleabh am feòladh,
’S gun cùnntadh tu’n cnàmhan
Bho’n rùmpall gu’m bràghad, 2885
Mar bhiodh ciùilean na h-àmhadh
Nuair a chàirt’ air an t-sòrn ’ad.
’S ann a chuireadh e smaointean ort
Aogasg nam braidean,
’Gam faicinn a’ stampadh 2890
’S an ceann ris an ùrlar.
Cho geur ris an ràsar,
Cho lom ris an deàrnaidh,
Gun ghreim air na cnàmhan
A tha mar na ciùilean. 2895
Mar am faigh e dhaibh coirce
Agus botul do dh’ùilleadh
Gun téid iad dha’n t-sloc air,
’S am ploc air an sùilean;
’S gun cluinn thu e glocail 2900
A-mach leis an droch-sgeul:
“ ’S e obair na dosgaidh
Tha olc feadh na dùthcha.”
Ach théid iad a dhìth air;
’S e ni their a-nunn iad, 2905
Bhith falbh feadh nan dìgean
’S an dìl’ orra drùdhadh.
Bidh an seiche air an fharadh
Mu’n tig deireadh an Earraich,
Ged a bhiodh e cho carach 2910
’S a bha claigionn Mhic Crùisleig,
’S ged a chumadh e beò iad
Le sùghadh an eòrna,
Chan fhaigheadh e gròt’ orr’
Aig dròbhair no bùidseir. 2915
Chaidh an gort unnta tràth,
Cha tig coltas gu bràth orr’
Ged a chuirte dha’n phàirc iad
As fheàrr anns an dùthaich.
Agus sin agad coltas 2920
Na bha do stoc ann ’s do stòras,
Ach cliostar do chù
A bha clùmhadh mu bhòdhan,
’S bha e clùmhadh mu ghòisnich,
’S bha cearcan a’ stàrachd 2925
’S a’ dìreadh gu h-àrd ann,
Ag iarraidh gu spàrr
Far am b’àbhaist dhaibh cròdhadh.
’S iomad àit’ anns na shiubhail mi
Eadar dùthaich na Tòisich; 2930
Bha mi’n Ile ’s an Diùraidh,
Am Mùideart ’s an Cnòideart,
Ach an iomall monaidh no fàsaich
Chan fhaca mis’ ann an àit’ dhiubh
Leithid eile na fàrdaich 2935
Bh’aig MacPhàil ’s aig MacThómais.
Nuair a rachadh tu stigh
Bhiodh tu treis ann an ceò ann,
’S e gun solus, gun soillse,
Gun choinnlean, gun eòlan, 2940
Ach a’ dol as do chnamhan,
’S nach seas thu do chasan
Feadh chlachan is chnagan
A’ cabadh do bhrògan.
Ann an claise na bà 2945
Bhiodh tu’n impis bhith bàite,
’S bi taingeil dha’n Àrd-Righ
Ma thàrr thu do bheò as.
AN TREAS RANNAGHAL
Nuair thig an geamhradh reòta
’S am fuachd air ann, 2950
Cha bhi caoran mòna,
No gual aige ann.
Dubhchonnadh á bot’,
’S eiteach bhàrr nan cnoc;
Thig MacPhàil is poca 2955
Air a ghuaillean dhith.
Bidh esan ’s an àm
Aig cagailte lom
Is crith air a chom
Leis an fhuachd aice, 2960
’S e bualadh a làmh,
Feuch an gabh iad blàths,
’S a’ tomadh a chràgan
’S an luaithre ann.
Nach e’n leisge ghrànda 2965
Thug a’ bhuaidh air;
Thug i na bha nàire
’Na ghruaidhean as.
Cha dean e car feum
A chàch no dha fhéin, 2970
’S bidh e air an déirce
’Na uaireannan;
Treiseag bheag ’s an t-samhradh
A’ buachailleachd.
Bidh e fad a’ gheamhraidh 2975
’Na fhuar-shlatan,
’Na shuidhe air a mhàs
A’ faighinn a bhàis
Gus an tig MhacPhàil,
Feuch, an d’fhuair e rud 2980
Gun ghearradh, gun taomadh,
Gun ruamhar,
Gun chuireidean dhe’n t-saoghal
Cur uallach air.
Chan fhaicear air saod 2985
Dol a ghearradh maois’,
Ach na their am Faoilteach
’S an Sguabag dha.
Croit aig’ air an t-sliabh,
’S i air dol am fiadh, 2990
Nach do rinn e sian
Innt’ bho’n fhuair e i.
Sitig aige riamh
Gus ’n deach i ’na fiar,
’S nach cuireadh e cliabh 2995
Air a ghualainn dhith.
’S iongantach a’ ghaoid
A bha fuaighte ris
Nach deanadh e saod
Air rud uaireigin, 3000
Ach cha dean gu bràth
Gun tig lath’ a’ bhàis
Ceangal air na cnàmhan
’S chan fhuasgail iad.
AN CEATHRAMH RANNAGHAL
Cha ruigeadh e leas 3005
Bhith aig cagailte reòta;
Dheanadh e blàth i
Nan tàirneadh e mòine,
’S gum faodadh e bhuain dhith
’S a tharruing ’s a chruachadh 3010
Na gharaidheadh fuamhaire
Gun luadh air MacThómais.
Air cliathach a’ ghlinne
Tha smior a’ phuill-mhòna;
Tha cheann ris an rathad, 3015
Tha aghaidh le leathad,
’S chan iarradh e dh’fheannadh
Ach ceathramh na h-òirlich
Le réidhlein air uachdar,
’S i uamhasach còmhnard. 3020
Ged bhiodh siantan a’ sileadh
Gus a lìonadh gach linne,
Bhiodh ìochdar an fhir ud
Cho tioram ri òbhainn;
Le gaoth a’ tighinn chuige 3025
Gun fhaothachadh idir,
An caoran bu bhuige
Gun tig e gu dòigh;
Air an sgaoilteich tha bideanach,
Fraochanach, biorach, 3030
Gus am faodadh na bigeanan
Niodachadh fòpa,
’S cha chailleadh e fhallus
A’ gearradh na mòna
Le iarunn a sgudadh 3035
An riasg chun a’ ghrunna,
Theid sìos chun na h-ugann
Le cudthrom na bròige.
A sgian ann an lughadh
Gus reubadh na dubhaich, 3040
Gus leud agus cumadh
A chur anns na fòidean
Le calpa math giuthais
’S e urad ’s bu chòir dha,
’S e ’g iarraidh a chumail 3045
Air bialaibh an duine
Ri fiaradh a mhuineil
’S a bhuille bhith seòlta;
’S gum b’inntinneach, togarrach,
Obair na mòna, 3050
A’ dìreadh ’s a’ cromadh,
Gun sìneadh do dhroma,
’S an troigh-sgian a sgonnadh
Nan golladan còsach,
Gun snìomhadh i ’n connadh 3055
A-nìos bho na bonnaibh,
Gun sìon ach a thogail
Air ghoban do mheòirean,
’S tu sadadh ’s a’ sradadh
Gun stad ach ’ga seòladh, 3060
Goirid dhut, fada bhuat,
Sgailceadh tu, chnagadh tu,
Farum is brag orra,
Glag air na fòidean;
Oisinn ri oisinn 3065
Gus oir a’ phuill-mhòna;
Gollad is geamhad
Is barrad is feamad
Mu seach air am frasadh
Bho bhasan do dhòrnaibh, 3070
Air t’fhiaradh ’gan tilgeil
Do mheuran fo’n cirbean,
Am blian chun na h-imleig
Ag imlich gach feòirnein;
Fianach a’ cruinneachadh 3075
Gu feusagach, bioragach,
’S a’ sìor dhol ’na bioraruig
Mu thimchioll na sròine.
Thigeadh e is sitheadh air
Chritheadh a’ mhòinteach. 3080
Bhuaileadh e, leumadh e,
Bhreabadh e, gheigeadh e;
Leagadh e a leigeas
Air seid ann an còinnich.
Chocadh e a chuinnean 3085
Ri bota le uinnleig
Gus a nochdadh na tuill
A rinn cinn do dhà òrdaig
Gus an socraich e a shlinn ann
Air toban do mhìn-fheur 3090
Le fosgladh fo a dhruim
A their duibhre dha’n chòsaig.
Cha ghearain e chluasag
Bhith cnapanach, cruaidh leis;
Gun caidil e suaimhneach 3095
Gun luasgan, gun ròmhan,
Far an tiormaicheadh turadh
Gun duine ’na chòir e,
Bho uidhe gu uidhe
Gus an suidheadh na fòidean, 3100
’S an gollad bu mhòtha
Bhith air mullach na sròine;
Far an deàrrsadh a’ ghrian air
As àirde na h-iarmailt,
Gum fàg co’ -là-diag e 3105
Gun diar bhith ’na phòraibh
Le sgàineadh na cliathaich
Gus an tàirneadh an cliabh e
’S a chàradh ’s a’ ghrìosaich
Air bialaibh MhicThómais, 3110
Far an deanadh e feum dha
Gu gréidheadh, gu stòbhadh,
Gus tiormachadh éididh,
Gus léintean a theòdhadh;
Gus goil a’ bhuntàta, 3115
Gus garadh nan làmhan,
No an torrag na h-àmhadh
Gu gràinnseachadh eòrna,
’S b’e gealbhan an àigh
Dha na pàisdeannan òg’ e 3120
Bhiodh ainmeil gu blàthachadh
Spàgan gun bhrògan
’S nach fàgadh gu bràth iad
Gun sorchan dha ’m màsan
’S gum faigheadh iad fàd 3125
Air a chàradh fo’n tòinean,
A ghabhas air teintean
Cho geal ris na coinnlean
A ni blàths agus soillse,
Cur loinn feadh an t-seòmair; 3130
Theireadh aithinne ’n céileadair
Dhachaigh gun bheud,
Ged bhiodh oidhch’ ann a’ séideadh
Nach bu léir dhut do mheòirean,
’S gum faodadh e ’n t-each 3135
Thoirt ’ga saothrachadh dhachaigh
An taod air an t-srathair
’S a lamhan ’na phòca.
Chan iarradh e stairsneach
Anns an fhiadhaire ghlas 3140
Nach tug iarunn ann claise
Bho’n latha dh’aisigeadh Nòah.
Cha tachradh sùil-chritheach,
No nithean dhe ’n t-seòrsa air,—
E cho tioram ’s a’ gheamhradh 3145
Ri cabhsair fo bhrògan,
’S cha toireadh e mionaid
A’ ruighinn ’s a’ tilleadh
Gun smal a chur idir
Air briogais no còta, 3150
’S chan fheumadh e càrn
Air an tàirneadh e mhòine,
’S gum fóghnadh na cléibh
Air am fighe na chéile
Ann an stoc air ploc réisg 3155
Aig fear gleusd’ air a mheòirean,
A dheilbheadh gu h-inich
Mu ionad a bheòil e,
A’ suainteadh nan slatan
Mu’n cuairt air na h-aisnean 3160
Gu fuasgailteach, acarra,
Chleachd e ’na òig’ e;
Nunn ann an altaibh
Gu lùbanach, bacach,
Bhiodh cùlaibh na h-achlais’ 3165
Ri an taice gu seòlta,
’S e ’g oibreachadh roimhe
Ann an comhair a thòine—
A-steach leatha, mach leatha,
Nunn leis an ath té; 3170
Bhiodh rùdain gun chraiceann
Gus am faiceadh tu an fheòil orr’;
Ciùrrt’ air an cnapadh,
Gun ùin’ air am falcadh;
Cha ghiùlan e cheap uime, 3175
Sheacaid no chòta;
E glaic-bhasach, slaic-bhasach,
Sgailc-bhasach, dòrnach;
Gaoirdeanan sgairteil,
Gu gaoiseadach, fad-ghasach, 3180
Saod-chasach, grad-bhasach,
Fad-lamhach, meòireach;
Muilichinnean truiste,
Gun ruisgean ’gan còmhdach.
Smùid an tombaca 3185
Mu shùilean a’ sgapadh,
’S e driùchd-cheannach, falt-bhoinneach
Bailc-ruidhteach, ceòthach;
A’ dùnadh ’s a’ tacadh,
’S a’ dlùthadh ’s a’ calcadh, 3190
’S a’ ciùileadh ’s a’ ceapadh,
’S a’ cearcladh an òrdugh,
’S e truislichte, crioslaichte,
Fiosraichte an eòlas.
’S briagha fo m’ shùilean 3195
A ghnìomh air an ùrlar,
Nach crìon anns an ùir iad
A dh’ionnsaich an dòigh dha,
’Ga fhàgail gu léirsinneach
Geur ann an seòltachd, 3200
Tionnsgnach an inntinn
Le sùil air na chì e.
B’e dùthchas a shinnsre e
Cinntinn ’na phòraibh;
A bhith eanchainneach, innleachdach, 3205
Dìcheallach, deònach,
Saothrachail, ullamh
Gu buinig a bheò-shlaint’;
Amasach, adhartach,
Earraigeach, oidhearpach, 3210
Aigeannach, laghach;
B’e oide ’n duin’ òig e,
’S e cuireideach, cleasanta,
Deas-fhaclach, spòrsail;
Aighearach, uallach 3215
Gu fuaim thoirt air òran;
Tapagach, aimlisgeach,
Ait air a sheanachas;
Bu taitneach le leanaban
Bhith leanmhuinn a sheòrsa. 3220
Duine beag baganta,
Braganta, beòthail;
Frogadach, friogadach,
Briogaiseach, brògach;
Sean-fhaclach, geur-fhaclach, 3225
Iomraideach, éibhinn;
Gum b’ionmhainn leam fhéin
A bhith ’g éisdeachd a chòmhraidh
Gun fhois air a theangaidh,
Gun stad air a mheòirean 3230
Gus an tig e mu dheireadh
’S gun teirig slat-bheòil dha.
Feuchaidh e am bann
Anns a’ ghrìosaich fo’n t-slabhraidh
Gus liathadh mu’n teann e 3235
Ri stampadh fo bhrògan;
Gun snìomh e cho teann e
’Ga fhiaclachadh ann,
’S gum bi dìosgan aig calltuinn
’S e’n geall bhith ’na òirnean 3240
Eadar na cabair
’Ga chabadh le cròcan,
Cunntais ri thaghadh
Gus tionndadh nan taobh-aisnean;
Lùbt’ ann an laghadh 3245
Le aghaidh na h-òrdaig,
Lùig air gach ladhar dheth,
Crùbadh ’s a’ stadhadh,
’S e fùcadh ’s a’ faothach’
Feadh adhaircean spreòdach. 3250
Bidh farum, bidh faghar,
Bidh “ubh, ubh, mo mheòirean!”
’Gan giùlan gu bhilean,
’Ga chriùdadh gu chridhe
Le spriùdan is bioran, 3255
’S iad biorach gu sgròbadh.
Bidh builgean air lùdaig
’S bidh plùchadh air òrdaig
Aig cabair ’ga lùbadh
Gu diongmhalta, tionndaidhte, 3260
Paidhrichte, bùthaichte,
Dùnadh na tòineadh,
’S iad daingnichte, dlùthaichte,
Caignichte, cùirnichte,
Cagnadh nan rùsg 3265
Leis cho dlùth ’s théid am pòsadh.
Na sia bhios air fhàgail
’Ga snìomh gus an sgàin iad,
’S ’gam fighe air feadh chàich
Gus’m bi ’m màs air a chòmhdach 3270
’S a thogail ’na shuidhe
’S na staingean a’ stubadh.
Tha an cliabh agad ullamh,
’S ni muran an còrr dhut;
Ni e sìoman no sùgan 3275
Air an lùbadh tu sròinean;
Ni e iorsnan is tarrach
A théid ri clàran na srathrach
Gus cumail an eallaich
Nach cairich ’s nach còp e, 3280
’S nach gluais e ’n àm ainstil
Air frith-rathad aimh-leathann
Aig beathach beag aimhreiteach;
Sgaoimeil romh bhòcain,
Bacte le braighdean; 3285
E glact’ ann an eibhsichean,
Snìomhanach, toinnte,
’S iad snaoimte gu seòlta
Mu bhota chrann-uinnseann
Nach leigeadh thar dhruim e, 3290
Ged a ghearradh e cruinn-leum
Bho h-Eisgeir gu Rònaidh.
Ni e plàta théid fo’n t-srathair
Air son tarruing na mònadh,
’S i air minicneag, molt beannach, 3295
A thiormaich air aradh
Far na thilgeadh i ’s t-Earrach
Nuair a ghearradh a’ chlòimh dhith.
Molach bho’n deamhais
A laigheas gu còmhnard; 3300
Seasgair le clùmhtaich
Ri seiche na brùideadh.
Am feasda cha dùthchas dhi
Rùsgadh no tòcadh,
Aotrom ri giùlan 3305
Air aonach no ùtraid.
Mo ghaol air an ùghdair
A thionnsgainn an dòigh dhuinn.
’S còir dha bhith cliùiteach
Air còrsa na dùthcha 3310
A thòisich an tùs air,
’S a dh’ionnsaich dha’n chòrr e.
Nochd e rud ùr dhaibh
A shocraich an iùl dhaibh,
’S a dh’fhosgail gach sùil ann, 3315
Ach sùilean MhicThómais.
Nuair a thàinig am bitheantas
Inneal bu nòs dhaibh
Crochta air an iris
Ri slinnean an òigeich, 3320
’S gach uidheam is acfhuinn
A chuir iad an cleachdadh
A chum ’s gum biodh sac
Air a bheartachadh dòigheil,
’S bu ghasda leam srathair 3325
Air cnagairneach bòidheach.
Muingeach mu’n logaidh
Le mhogain mu bhrògan,
Cho làidir dhe urad,
’S gun tàirneadh e Uineubhal; 3330
Chàireadh tu tunna air
Air mullach na mòintich.
Theàrnadh e’m bruthach,
’S cha shàraicheadh cudthrom e,
An t-àthan a ghrunnachadh 3335
’S tuil chun an fheòir ann.
Shnàmhadh e ghlumag,
Cha bhàthadh am muir e,
Ged a thàirneadh e bhuille
Ri Muile nam mór-bheann. 3340
Cnapairneach, cutach,
’S e uchdanach, dòmhail,
Do cheigeanach, cnuachdanach;
Leathann mu’n ghualainn
A sheasadh gu sguabanta 3345
Air uachdar puill mhònadh.
Cleachdta ri cruadal,
Nach leagainn le buailtean.
Cha chaisgeadh an sguabag
Bho chnuasach nan lòn e; 3350
Amasgaidh air uairibh
Nan amaiseadh dha fuasgladh,
A dh’fhalbhadh a’ chuairt ud
’S a chuairticheadh Bòirnis.
Earball mu chruachain 3355
A’ sguidseadh ’s a’ sguabadh
A mhuing mu na cluasan
Is fuaim aig a bhòdhan;
Toiseach an fhoghair
Bhiodh teadhair ’na h-òirnean; 3360
Gliog aic’ is gleadhair
As deaghaidh a thòineadh;
A-mach ris a’ gharbhlach
Bhiodh gliong aig an ailbhinn
’Na sradagan dearga, 3365
’S i falbh bho na spògan.
’S ann bhiodh an t-srathail
Mum faigheadh tu ròpa
Air beathach beag, caiseanach,
Carach dhe sheòrsa; 3370
A ghreimeadh ’s a bhreabadh,
’S a bhramadh ’s a leumadh,
’S nach fhaigheadh tu breith air
Gun deichnear ’ga chròdhadh,
Ach rachainn-sa ’n urras, 3375
A bhiodh bras air a thurus.
Air m’anam gun tugainn
Mo mhionnan ’s mo bhòid dhut
Chumadh am beathach ud
Grìosaich a leaghadh 3380
An t-iarunn dha’n ghobha
Ri gobhal MhicThómais,
Ach c’àit eil an gearran
Air son tarruing na mònadh?
Chailleadh e a’s t-Earrach 3385
Le gainne na cònnlaich!
Bidh cuimhn’ ’am ri m’ mhaireann
Na fhuair sinn ’ga tharruing
Mu’n tug sinn ’nar ceathrar
A-mach leis an ròp’ e, 3390
’S na chaill mi do chadal
Leis a’ ghlaigeil a thòisich
Nuair a chruinnich am bannal—
Gach feannag is ròcais!
Cha robh cù ’s cha robh galla 3395
Bha nunn feadh a’ bhaile
Nach robh bùrach ’s a’ dealann
Mu ghearran MhicThómais;
Ach ged bhiodh e gun each,
’S ioma aon anns na bailtean 3400
Gun ghearran, gun chapull
Cho math ri MacThómais.
Na crìosdaidhean bochda ud
A lìonas am poca
’S a chàireas air bota 3405
Ri an croit ann an ròp’ e,
’S a chumas a-steach dhith
Bho sheachdainn gu seachdainn,
Ged a thigeadh an sneachda
Gum biodh braidseal ri srònan, 3410
’S gu dé chumadh an fhleasgach ud
Gun an caoran a loisgeadh e;
Chan aithne dhòmh-sa g’eil leisgeul air,
Ach an leisge ’s gu leòr dhith.
AN COIGEAMH RANNGHAL
Nam biodh an duine glic 3415
Mar bu chòir dha bhith,
Bhiodh e na bu trice,
’S a chòta dheth;
Caibe aige ’na làimh
Ag obair ann am pàirc’ 3420
Mar a bhios a nàbaidhean
Còir’ ann,
’S chan fhanadh e ’na thàmh
A leigeadh a bhàin
Talamh anns am fàsadh 3425
An t-eòrna,
’S gun toireadh e dheth bàrr
Cudthromach le gràin
Nach do chuireadh àicheadh
An òpar. 3430
Tha an cladach aige làmh
Ris an còmhnuidh,
’S tha an fheamainn ann am fàs
Air gach dòirneig,
’S gun gearradh e gun strì, 3435
Buidheagach le gaoith,
Thigeadh i gu tìr dha
’Na h-ònar,
’Ga tarruing leis a’ chliabh
Mar a bhatar riamh, 3440
Cuideigin ’ga lìonadh
Le cròcan dha.
Sgiobalt’ gun bhith trom,
Iris as mu chom,
’S theireadh e gu ceann 3445
Loch nan Cnòintean e;
Reothairt na Féill Pàdruig
Bu chòir dha,
Gun gearradh e na tràigheanan
Còmhnard; 3450
Is sud a chur an sàs
Nuair a thig am blàths;
Thoireadh e buntàta
As a’ mhòintich,
’S cha bhiodh gun am biadh 3455
A rachadh ’na bhial
Nuair a bhiodh e ’s iasg
Aige còmhla ris.
’S ann a bhiodh e falbh
Cho leathann ri tarbh, 3460
’S cha leagadh Iain Garbh
Ann an còmhrag e.
Cudaigean is saoidhein
Gu leòr ann
A’ tighinn a h-uile h-oidhche 3465
’Nam broinntean
A-stigh air feadh a’ bhàigh,
Nuair a thig an làn
Gus am bi e tràghadh
’S na h-òban, 3470
’S gum faigheadh e le dà
Thomadh bheag dhe’n tàbh,
Rud a dheanadh tràth
Agus còrr dha,
’S cha b’eagal dha gu bràth, 3475
’S bhiodh e mar tha càch,
’S cha bhiodh duin’ ag ràdh
Nach robh dòigh ann.
AN T-SEATHAMH RANNAGHAL
Ged a leigte gu bàt’ e
Cha b’àill leis bhith seòladh; 3480
B’olc a thigeadh fàileadh
An t-sàile fo shròin ris.
Cha chuir e bhuntàt’
An aon ghrìleag a dh’fhàsas,
Ach a’ feitheamh na chàidseas 3485
An t-àrmunn tha còmh’ ris;
Ged a dheanadh e iasgach
Chan iarrainn e còmh’ rium.
’S e gun dubhan, gun bhiadhadh,
Gun driamlach, gun ròpa, 3490
Gun gheòla, gun bhàta,
Gun bhuta, gun àrca,
Gun urad ’s an t-snàthad
A chàireadh an seòl dhut.
Chan fhaicear e falbh, 3495
Agus dorgh air a mheòirean;
Chan fhaicear aig bàgh,
No le tàbh ann an cròic e,
Ach gun sgadan, gun runnach,
Gun smalaig, gun chudaig, 3500
Gun adaig, gun liuthaig,
Gun ucsa, gun sòrnan,
Gun fiù agus urad
’S na bhruicheadh e còmhla.
Cha téid e’n tràigh mhaoraich, 3505
’S ann bhios faoineas do leòm air;
Cha b’fhiach leis bhith saothrachadh
Fhaochag is chnòmh’gan,
’S ged chuireadh MacPhàil e
Còrr uair air an àrainn 3510
Cha ghabh e dh’òrd bhàirneach
Ach sàiltean nam brògan.
Bidh e ’g ràdh nuair a thig e
Nach àill leis iad idir,
Ach nuair gheibheadh e bruich iad, 3515
’S e a dh’itheadh a leòr dhiubh.
AN RANNAGHAL MU DHEIREADH
Bho’n rinn mi dhut an ealainn so
Cha dealaich mi ri m’shaothair
Gus an toir mi gu co-dhùnadh e
Le crunluath agus taorluath, 3520
Ach fosgailte no dùinte e,
Biodh e singilte no dùbailte,
Bi buidheach no bi diùmbach dheth,
Gun siubhail e feadh an t-saoghail.
’S cinnteach gum bi mìothlachd ort 3525
’S a shìorr’achd ’s beag an t-ìoghnadh
Nuair chluinneas tu mo bhriathran-sa
’Gan toirt am bial nan daoine,
Ach saoil an robh mi ceàrr,
Ged thug mi treiseag air do chàineadh; 3530
’S ann a smaointich mi gum b’fheàirrd thu e
Gus nàire a chur ’nad aodann.
Cha duirt mi ach an fhìrinn.
’S cha do dh’ìnns mi leth na dh’fhaodainn;
Cha do chuir mi briag no ròlaist ort 3535
Bho’n thòisich mi ri t’aoireadh,
Ach ged ’s e ’n fhìrinn fhéin a bh’ann,
Gun fiù is facal bréige ann;
Nach ann mar sin bu ghéire e
Gus do léireadh thar an t-saoghail. 3540
Mo chomhairle ’ga iarraidh ort,
An dìomhanas tha daonnan
’Gad fhàgail ann ad ghrianuisg,
’S gun do bhliadhnachan ro-aosda
A chrathadh dhiot gu h-ealamh 3545
Agus làmh thoirt air an talamh,
’S ged a bhiodh e car beag fadalach,
Tha mathas ann nach saoil thu.
Nam biodh tu ad dhuine dìcheallach,
A’ strì ri tighinn tromh ’n t-saoghal 3550
Le cuideachadh nan crìosdaidhean
Is dèanamh mar a dh’fhaodadh.
Ged thubhairt mi riut na thubhairt mi
Cha chanainn facal tuilleadh riut,
’S cha duirt mi leth na b’urrainn mi 3555
Mu’n cuirinn air a’ chaoch thu.
title | XXVII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |