XXVIII FEAR A’ CHÒTA RUAIDH
C’àit an deach an duine còir
Air ’n robh còta ruadh?
Na thill e dhachaigh chun na Cròice
Leis a’ chòta ruadh? 3560
Chan fhaca mise fear air bhòidse
Riamh air còrsa Chluaidh
Bha giùlan trusgain leth cho leòmach
Ris a’ chòta ruadh.
Cha robh cotan, cainb, no fòtus 3565
Anns a’ chòta ruadh;
’S ann bha e geàrrt’ a-mach á còrn
A b’fheàrr do chlòimh nan uan,
’S mo mhìle beannachd aig an tàillear
Chum ’s a gheàrr ’s a dh’fhuaigh 3570
’S a dhearbh a cheàrd bhith air a mheòir
Nuair rinn e’n còta ruadh.
Gun duirt e rium— “Bha’n toiseach m’òig’ ann
Còmhdach air bheag snuadh,
Gun cheap, gun chirb, gun bhréid, gun bhròig, 3575
Ach òrdagan ’s iad fuar;
Ach thriall an aimsir sin gu cùl
Is thàinig tionndadh nuadh,
’S nuair dh’fhàs mi sean gun d’fhàs mi leòmach
’S fhuair mi còta ruadh.” 3580
“Shiubhail mi Uibhist mhór an Eòrna
Leis a’ chòta ruadh,
Oidhche shìos an Àird-na-mòna,
’S oidhch’ am Bòirnis shuas.”
Cha robh talla ’n seinnt’ ann òran, 3585
’N cluinnte ceòl no duan
Nach fhaiceadh iad mo charaid còir ann—
E fhéin ’s an còta ruadh!
Thug mi fad na h-Oidhche Dhòmhnaich
Gu trà-nòin Di-luain, 3590
Gun smaointeachadh air dol dha’n chòs,
Ach tòinleagan mu’n cuairt,
’S mi ’g éisdeachd ris a h-uile sgial
A chualas shìos no shuas,
’S a h-uile h-aon dhiubh air mheòmhair 3595
Aig fear a’ chòta ruaidh.
Cha robh Diarmad, Fionn, no Gràinne,
No Garbh Mac Stàirn an duan;
Cha robh Fear-eabaid le luirg,
No Builfheartach thar chuain; 3600
Cha robh Tuathanach O’ Drao,
No laoch a chualas cluas
Nach fhaighte ’n ainm ’s an aithris sgeòil
Aig fear a’ chòta ruaidh.
Ach guma fada fallain beò 3605
Bhios fear a’ chòta ruaidh
Gus innse sgeòil an Tìr an Eòrna,—
Dùthaich chòir nam buadh;
’S ma’s e ’s gun tig e cuairt gu bràth
A-nuas air àrainn Chluaidh, 3610
Gun sìn am bàrd a làmh le deòin
Do dh’fhear a’ chòta ruaidh.
title | XXVIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |