[126]

XXIX DOMHNALL AN T-SAIGHDEIR

S e so an aimsir a thair a dearbhadh
Nach bi i soirbh dhuinn an Tìr nam Beann,
Ged fhuair sinn sealbh ann air beagan talmhanna 3615
Is olc am bargan do neach bhith ann;
Mar tha na prìsean a nis cho ìosal,
Than teachd-an-tìr oirnn air fàs cho gann,
S gum bheil na daoine bham Peighinn-nan-Aoirean
Abrath an saoghal a thoirt fon ceann. 3620

Ged bhiodh iad deònach a dhol air fògradh,
Cha chuir e neònachas oirnn an dràsd;
Cha dean iad beò-shlàinta dhaindeòin seòltachd,
Gur beag an dòchas ri tighinn nas fheàrr;
Tha curachd anmoch, tha cion an arbhair ann, 3625
Crodh asearg anns cha toir iad àl,
S nuair thig am margadh cha deanar airgiod,
Ach ann an ainbheach aig fear no dhà.

S e so an dùthaich a chaidh am mùthadh
Seach mar tha cunntais air mar a bhà, 3630
Tha fasain ùranns a h-uile tionndadh,
S chan eil achùis ud atighinn rin càil;
Tha prìs nan caorachs achruidh air caochladh,
S cha tug sud faothachadh air na màil;
Gum bfheàrr do dhaoine bhith feadh an t-saoghail, 3635
Acosg an saothrach air saod a bfheàrr.

S ma tha thu, Dhòmhnaill, adol a sheòladh
A Mhanitòba gun cuir mi geall
Nach tig ort éis anns gun dean thu feum ann
Bhon bha thu glé mhath gus cumail stall. 3640
Bu lùthmhor, làidir air cùl aghràip thu,


[127]

S chan fhacas tàicheadh abreith air crann;
Cha robhs an àite na thoireadh bàrr ort
Gus deanamh àitichs gun àrach ghamhn’.

Ma leig thu tinntinn air falbh da rìribh, 3645
Chan iarrainn fhìn ort bhith fuireach ann
Bhon dhfhàs thu sgìth anns nach dean thu ann
A dhaindeòin innleachd a thignad cheann,
S thu faighinn mìobhadh air feadh na criathraich,
Acurs acàthadhs afosgladh stang, 3650
S a h-uile bliadhnann thu dol nas riaslaiche
Gus na liath e thu treis romh tàm.

Ged bhiodh e cruaidh leat a dhol thar chuantan
Gu dùthaich fhuadains nach eil thu eòl,
A dhol a dhfhàgail tìr chaomh do mhàthar, 3655
Farn dfhuair thu tàrach nuair bha thu òg.
Car-son bhiodh tùrsort bhith cur do chùlaibh
Ri àit tha diùltadh do chumail beò?
Bhon dhfhalbh am brìgh as cha bhi thu strì ris,
S ann théid thun tìrs am bheil mèin an òir. 3660

Cha bhi thu dòigheil am Manitòba
Mur dean thu pòsadh mun téid thu ann;
Do mhàthair bhrònach, chan fhalbh i còmhriut,
S bidh Màiri Flòraidhgad fhàgail thall.
Bi togail saoid ort, cuid umad taodach 3665
Is faigh an aon air bheil thun geall;
Na cumadh faoineas thu as a h-aonais,
Ged bhiodh an daorach ort adol ann.

Ma dhfhalbh an òigort, ma dhfhàs thud bhòcan,
Na caill do dhòchas car treis an dràsd, 3670
Ach innis dhòmh-sas gun toir mi bòid dhut
Nach dean mi ròlaistean ort ri càch.
Mas es geil fiamh ort mu aonan iarraidh
Gun ruig min t-Iochdar dhut air a sgàth
Is tha mi smaointinn ged chuirinn taod riut 3675
Gun dean mi saod air churnad phlàn.


[128]

Mur toir thu mnaoi leat, ged bhiodh i daor dhut,
Tha mise smaointinn gun dean thu ceàrr
Le dholnad aonar a mhiadhoin aonaich,
Cha bhiodh do shaoghal an sin ach geàrr. 3680
Bu mhath dhut còmhriut laghach, bhòidheach,
A chumadh còmhradh riut is fealla-dhà;
A thogadh teaghlachs a chumadh dòigh ort,
S a chuireadh fòid ort nuair gheibh thum bàs.

titleXXIX
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page