[10]

III UIBHIST UAIN’ AN EÒRNA

Tha misan còmhnuidh feadh nan Gall,
Achs beag mo shannt bhith tàmhachd ann;
Cha tig an dòigh aglòirna chainnt 195
Aig mac aGhoill ri mnàdurrachd,
S an ioghnadh leibh mi thogail fonn
Air tìr nan gleanns nan àrdbheannan;
Air eilein Uibhist uainan eòrn
S an dfhuair mi òg am blàthbhainne. 200

An ioghnadh leibh ged labhrainn cainnt
Air cliù na tìra dhàraich mi?
Air eilein àillidh nam beann fuar,
Geds creagach cruaidh tha pàirt aca;
Air eilein caomh nan raointean feòir, 205
Nan caol, nan stròms nam bàghannan,
Mun robh sinn tric acluichd gun ghruaim,
Mun tug sinn cuairt air ànradh as.

Mar fhuaran uisgam fàsach lom
A dhéireadh fonn nam pàiteach ris; 210
Mar acarsaid gu ruitheadh long
Bhiodh gleac nan tonn asàrachadh;
Mar charraig dhìon gan triall na h-eòin
N àm thuiteadh leòn no gàbhadh dhaibh;
Mar sin tha dhomh-sa tìr mo luaidh, 215
S gur lìonmhor buaidh ri àireamh oirr’.

An tìr tha taitneach, gleanntach, glacach,
Beanntach, bacach, bàghanach;
Gur lùbach, leacach, stùcach, stacach,
Cùilteach, cnapach, càrnach i. 220


[11]

Gur tolmach, luachrach, gorm-ghlas uaine,
Am fonn mun cuairt nan àthannan;
Aig allt nam bruaich fonnmhor fuaim,
S bidhn coileach ruadh aig sgàth uime.

An tìr tha cùbhraidh, glan, gun smùr, 225
Gur lìonmhor flùr tha fàs innte;
Gur lìonmhor dìthean thig gu ìre,
Togail cinn fo bhlàth innte.
S en cuan an iar as uaine bian
Tha suas is sìos ri tràghannan; 230
A sguab as glaine dhfhàgas cabhsair,
S cha toir seann aois cnàmh oirre.

An t-eilein gaolach, machrach, braonach,
Fasgach, fraochach, àrdbheannach,
S iad làn do chaoirich bhàn air aonach, 235
S tha crodh-laoigh air àirichean.
Tha corcis eòrna fàs air leòidean,
Diasach, cròiceach, gràinn’ -phailteach,
Le brìgh an fheòir gum bi gach bòrd
Gu h-imeach, feòlach, càiseach ann. 240

An t-eilein tlachdmhors mór mo bheachd
Thug Rìgh nam Feartan fàbhor dhi
Os cionn gach bad than Innse-Gall;
Tha A Spiorad anns tha bhlàth orra
Gan treòrachadh gA ionnsaigh fhéin. 245
Tham beatha réir nam fàintean ann,
Mar dhaoine diadhaidh, naomha, Crìosdail,
Faoilidh, fialaidh, fàilteachail.

Os cionn gach eilein tha mun còrs
Thug Tìr an Eòrna bàrr orra, 250
Mar reult as maisiche nan còrr
Air oidhche reòtadeàrrsadh oirnn;
Mar dhaoimean ann am measg nan seud
A mhùch gu léir le àilleachd iad,


[12]

Tha eilein Uibhist fad os cionn 255
Gach dùthcha thana nàbaidheachd.

Nuair thig aghrian o Chapricorn
Le samhradh bòidheach blàth thugainn,
S gun ùraich fonn le fàs an fheòir,
Le brat do neòinean bàn bhith air; 260
Gum be mo mhiann-sa bhiths aghleann
Na thog mi ceannnam phàisdeachan,
S na h-eòinsa bheinn len ceòlga sheinn,
Cha mhór nach cluinn thu Gàidhlig ac’.

Ach, fhir a dhimicheas air chuairt 265
Do thìr nam buadhan àraide,
Cha dìochuimhnich thun turus-cuain
A thug mu thuath dhan àit ud thu,
Far bheil gach air muir is tìr
A dhùisgeadh crìdhgu gàirdeachas, 270
Gun smal air iarmailt ghorm nan speur
Is grian gu sèimh adeàrrsadh ann.

Gum faic thu seallaidhean dhut fhéin,
Tha cùl an t-sléibhe fàsachail,
Le cladach uamhach, creagach, crom, 275
Is fuaim nan tonn gun tàmh uime;
Na beanntan àrdos cionn do chinn
Is grunnd gach glinnfo sgàil aca,
S na h-uilltnan triall a dhionnsaigh cuain
Aleum thar bhruaichnan stàirnichean. 280

Thig Abhainn Ròdhag nan eas mór
S a toirm mar ghnòdhan tàirneanaich,
Gu tuilteach, brùchdach, beucach, bùireach,
Copach, siùbhlach, gàir-uisgeach,
A-nuas tromhn ghleann le mìle steall 285
Is cìrean fionn-ghlas àrdoirre,
S i cruinneachadh alltanan nam beann
Sgan toirtnan deann gu tràigh leatha.


[13]

Tha iasg na fairgann pailt ri mharbhadh,
Bradan tarragheal, sàr-mhaiseach, 290
S gu miann gach sealgairlìonmhor, tarbhach,
Giadh nam mailghean blàrasach;
Than tunnag fhiadhaich, mheanbh-bhreac, riabhach,
Iteach, sgiathach, mhàgach ann;
Mas ait le dchluasan fuaim achiùil295
Gur lìonmhor lùdag ghnàths-phongach.

Mun cunntainn suas gach buaidh a thann,
Cha bfhuilear ceann a bfheàrr thoirt dhomh
Gu snìomh, gu dealbh, ’s gu cur mu chrann,
S o làimh gu làimh aspàlachadh. 300
Ged chumainn orm gu na Dìleann,
O, ’s mi tha cinnteach dhfhàgainn rud;
Than fhuigheag dlùth ri cùl na slinn’,
S cha chreid mi fhìn nach geàrr mi e.

titleIII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page