XXX THUG MI’N OIDHCHE RAOIR GLÉ SHÀMHACH
Thug mi’n oidhche raoir glé shàmhach, 3685
Thug mi’n oidhche raoir gun diog,
’S mi ’g éisdeachd ri Mòir bhig ’s ri màthair,
Thug mi’n oidhche raoir glé shàmhach.
Feasgar geamhraidh ’n tùs na bliadhna,
Toiseach contraigh ’s gaoith an iar-dheas, 3690
Chaidh mi mach dha’n bheinn a dh’iasgach,
’S mi gun sìon leis a’ bhuntàta.
Thug mi’n oidhche raoir ag éisdeachd
Ris na teangannan bu ghéire;
Bha iad a’ cànran le chéile, 3695
Coingeis am Beurla ’s an Gàidhlig.
Teangannan sgaiteach gu còmhradh,
’S iad ag obair cearta còmhla,
’S chanadh aon té gu leòr dhiubh
Ged nach tòisicheadh na dhà dhiubh. 3700
’S ioma rud a chuala mise
Bh’ann an duathar ’s nach robh fios air;
Leag iad seann tigh Anna Shiosail,
’S reic Iain Friseal an t-each spàgach.
Chuala mi mu ioma ioghnadh, 3705
’S rud a bh’ann mu thùs an t-saoghail;
Aimhreitean bhiodh eadar dhaoine,
’S mar a bhreab Iain Maor an càidsear.
Chuala mi mu Chnoc nan Dos,
’S cho àrd ’s a mharcaich Micheal Scott 3710
Is mar a thog an sluagh Niall “Sgrob,”
’S a dh’fhàg iad e aig gob Tràigh Bhàlaidh.
Dh’inns iad dhomh gach òirleach shìoda
A bh’aig MacLeòid ’s a’ bhratach shìdhe,
’S mar chaidh Lachlann Mór a dh’Ile, 3715
’S mar a loisg Dubh-sìth air làmhach.
Chuala mi mu’n Chìrean Chroinn,
’S mu’n mheudachd a bhiodh anns an t-seòrsa;
Nam biodh earball aig’ an Òban
Bhiodh a shròn aig Loch a’ Chàrnain. 3720
Gu robh ’n giolcam-daobhram sìnte
Ri bacan iosgaid na frìde,
’S gu robh bìrlinn aig Mac Nìll
’S nach robh e’n taing bhith ’m broinn na h-Àirce.
Fhuair mi sgeul mu Fhéill na Manachain, 3725
’S cus do dh’òrain Iain Mhic Fhearchair,
’S chuala mi mu smuais na deargainn
’S b’e mo ghalghad aig leum àrd i.
’S mar a bha Horus ’s an Éiphit,
’S mu fhuamhaire mór na Gréige, 3730
’S mar a bha Crom Cruach an Éirinn
’S daoine sleuchdadh air a’ bhlàr.
Chuala mi gun deach Niall Bhuacair
Seachad le eallach a ghuailleadh
’S dh’fhàg e litir aig tigh Ruairidh 3735
’S eil fhios ’am fhìn có bhuaithe a bhà i.
Dh’inns iad mu Dhi-Dòmhnaich Caingis,
Mu Shàtan ’s mar thuit na h-ainglean,
’S mar chaidh athair Diùc Tharantum
Null dha’n Fhraing le Prionnsa Teàrlach. 3740
Dh’inns iad mu Thuatha de Danann,
’S mar thugadh an t-ainm air Manain
’S chàin iad Seòras Dubh Both-chanain
A chionn bhith càineadh Ban-righ Màiri.
Chuala mi mu’n torc ’s mu Dhiarmad, 3745
’S mu’n bhòcan a bh’aig Loch Fhiarais,
’S mar is e Peadair a’ chiad fhear
A chualas bhith riamh ’na Phàpa.
Bha iad a’ farraid dhe chéile
Co-dhiùbh b’aosda Maois no Aaron, 3750
’S dé chuir Nebuchadnèsair
Feadh na spréidh’ air a mhàgan.
Chuala mi mu’n iomairt lann
’S mar ghleac na famhairean aig Gabhra,
’S mu’n fhear mhór a bh’air a’ bhranndair 3755
Ceangailte le slabhraidh phràisich.
Dh’fhalbh mi as mu mheadhon-oidhche
An déidh na h-eachdraidhean a chluinntinn,
’S mar a chaidh mo cheann cho aimhreidh
Theab mi’m pocan sùghain fhàgail. 3760
title | XXX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |