XXXI FÀILT’ AIR NA GÀIDHEIL
Deoch-slàinte sìol nam fuar bheannan,
As uaisle a shliochd nan Albannach!
Mo ghuidhe aig tìm Bliadhn’ Ùire dhuibh
Gun cosg sibh sunndach, sealbhach i,
A’ dlùthadh ann am bràthrachas 3765
A chumas làidir, calma sibh,
’S a’ cleachdadh cainnt an àigh
A fhuair ar màthairean bho’r seanmhairean.
B’e chainnt a chleachd ar sinnsirean
Tromh ioma linn is aimsir i, 3770
’S i ann bho thoiseach tìm’ aca
Gus innse mar a dh’fhairicheadh iad.
Bu chiallach, rianail, sìtheil i,
’S nan ìnntrigeadh i an argumaid,
Chan fhiaradh i bho’n fhìrinn ann 3775
Tromh mhìn-ghuthach no garg-ghuthach.
Sibh aiteam tìr’ nan àrd-bheannan
A’ tàmh romh linn Rìgh Fearghus ann;
Chuir freasdal miodachd fàs annaibh
Rinn Nàdur sibh ’nur starbhanaich. 3780
Bha aigne ’s inntinn bhàrd agaibh
Le cànain nach robh cearb innte,
’S bha cleachdadh linn an àigh agaibh,
’S gun cinn ur n-àl gus leanmhuinn ris.
Bha crìosdalachd air tùs agaibh 3785
Mu’n d’fhuair an dùthaich sealbh oirre,
’S a riaghailtean ’s a stiùiridhean
Air ionnsachadh ’nar garbhlaichean.
Bha misneachd agus cruadalas,
Bha buaidh nan iomairt arm agaibh, 3790
Bha rìoghalachd is uails’ agaibh,
’S gum b’fhuathach leibh a’ chealgaireachd.
Bha teachd-an-tìr g’ur miann agaibh,
Bha iasg agaibh ’nur fairgeachan;
Bha pailteas air an t-sliabh agaibh 3795
Le lìonmhorachd do dh’ainmhidhean.
Bha aois is òige dèanadach,
’S bha rian air toradh talmhanna,
’S bha ceartas air a riarachadh
Air liath-cheannaich ’s air leanaban ann. 3800
Gur lìonmhor, cliùiteach sgial a thig
M’ur tùs bho bhial nan seanchaidhean,
Mar ghleac sibh feachd na Ròimhe,
Air ’ur seòladh le Gall garbh-chasach.
Gun sguab iad feachd an ìslich, 3805
Ach thug sibh-se chun na talmhainn iad,
A’ dol g’an cùl gu bacagach
Romh luchd-nam-breacan dearg-bhallach.
Nuair thàinig Goill le fòirneart
A thoirt còir dhinn ann an an-cheartas, 3810
Chaidh suinn an fhraoich gu còmhragach
’Nan còmhdhail air a’ gharbh-fhaiche,
’S a dh’aindeòin cruas an lùirichean,
’S iad lìonmhor, lùthmhor, armaichte,
Bha faobhar geur ur stàilinn-se 3815
’Gan sàthadh ’nan cuid sealbhanan.
Ged chaill sinn Eachann Ruadh ann,
Mar is tric is buailteach cearbaiche,
Bha’n dìoghaltas mar bhuaidh aige
’Ga thoirt dha’n uaigh ’s na dh’fhalaicheadh e; 3820
Bu lùth-chleasach an ceannard e,
’S an iomairt lann bu mharbhtach e,
’S e bitheantas an t-samhla sin
A dh’fhàg cho gann ar garbh-chriochan.
Ach fhad’s bhios gaoth a’ séideadh oirnn, 3825
No gathan gréin’ a’ deàlradh oirnn,
Gun glaodhaich sinn na beusan sin
A stéidhich air fir anma dhuinn,
Bhith seasrach, duineil, treubhanta,
Bhith déirceach ris an anmhainneachd: 3830
Na saoilinn gun do thréig sibh iad,
Gun speurainn dhuibh ’s gun damnainn sibh.
title | XXXI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |