XXXIII ÒRAN AIR COR NA GÀIDHLIG
Ged’s cruaidh ri ràitinn le mac mo mhàthar
Tha clann nan Gàidheal a’ ruith a-mach,
A’ toirt an cùlaibh ri gnàth an dùthcha
Is fasain ùra ’gan toirt a-steach,
A’ call na Gàidhlig a bh’aig am pàrantan; 4045
Sìol nan àrmunn, b’e sgial nan creach
Nach seas i h-àite ann an tìr nan àrd-bheann,
’S ’na culaidh-ghràin ann an ioma neach.
B’e fàth na smaointinn a’ chànain aosda
Bhith fàs cho faoin ann am meas an t-sluaigh. 4050
Gu dé thug caochladh air spiorad dhaoine?
Bha’n eachdraidh shaoghalta daingeann cruaidh.
’Ne Bliadhna Theàrlaich a leag ri làr iad
Nuair thug an nàmhaid a-mach a’ bhuaidh,
’S a dh’fhàg iad siomlaidh an diugh ag imlich 4055
Na làimh a chiorramaich an àirde tuath?
Tha cuid a bhruidhneadh an cainnt mo shinnsre
’Nan àireamh bhìodach air fàs cho gann,
’S a h-uile bliadhna ’ga leagadh sìos oirnn;
Tha cheirsle shìomain a’ ruith gu ceann. 4060
A’ mheur a sgrìobhadh a-mach a bìnne,
’S e cùis na mì-ghean so brìgh mo rann,
’S gum bheil mi ’g innse le cion na dìlseachd,
Chan fhada ’n tìm gus nach bi i ann.
Tha tìr nam beanntan air fàs cho Gallda, 4065
Chan fhaodar seann rud a thoirt á cùil,
’S a’ chànain aosda bha’m bial nan daoine
’Ga leigeadh aoig ann le cion an diù.
Nach mór an tàmailt ma chanas càch e
Gun tug sinn àite do chànain ùr, 4070
’S mo chuimhne fhéin air nach cluinnte Bheurl’ ann
Air latha féille na chaisgeadh cù.
A’ chuid a ghéilleas do luchd na Beurla,
Nach mór an eucoir sud air a sìol
Na thig ’nan déidh dhiubh a’ call a stéidhe 4075
Le cànain chéin bhith ’ga cur ’nam bial,
A th’air ar tòrachd o linn nan Seòras,
’Gar ruith le seòltachd an fhir nach fiach
Is chuir i geinge ann an Clann nan Gàidheal,
A sgap o chéil’ iad an ear ’s an iar. 4080
Ged ’s pailt na daoin’ agaibh feadh an t-saoghail,
Tha bun na craoibhe o’n d’rinn sibh fàs
An tìr a’ gharbhlaich an iomall Albann,
A thug an t-ainm dhuibh a th’oirbh aig càch,
’S an latha chrìonas i anns na friamhaichean 4085
Cia mar bhiadhas am bun am bàrr?
Cha chinnich iasg ann an àird na h-iarmailt’
’S thar talamh dìomhain cha toirear gràn.
Bu mhotha b’fheàrr dhomh bhith fuireach sàmhach
O’n sguir a’ chànain a thogadh m’fhonn; 4090
Tha chuid a dh’fhàgadh a’ cur ri bàs dhi,
’S cha chuidich bàrdachd i air a bonn,
A fuil a’ tràghadh ’s a h-uile ceàrna,
Tha ioma fàillinn ’ga cur le gleann;
Mar churra chnàmhach air mullach fàsaich, 4095
’S nach fuiling càch dhi bhith tighinn ’nan ceann.
Ged dheanainn òrain, ged chuirt’ an clò iad,
’S ged chuirinn ceòlmhorachd ’nan cuid rann,
Cha phàidh e dhòmh-sa, chan fhaic mi dòigh air,
’S e obair gòraiche dhomh bhith ann; 4100
O’n dh’fhalbh an sluagh sin a cheannaicheadh iad,
Gur diocair duais a thoirt as mo pheann.
’S e chànain uasal bhith fàs cho suarach
Chuir m’achadh-buana ’s e dol air chall.
Ach cia mar dh’fhaodas mi fuireach sàmhach; 4105
Tha cainnt mo mhàthar ’gam chur ’nam dheann,
Nuair chanas nàimhdean rium is cuid dhiubh càirdean,
Nach buinnig pàisd air a cur ’na cheann,
Ach dé bhiodh ceàrr air ged chuirte dhà ann;
Cha mhisde gàradh air rud bhith ann. 4110
Bu mhath dhut nàbaidh a’ tarruing màileid,
’S nach treise càraid na aon an crann.
Gur trom dhuibh dùsgadh a-mach á dùiseal
Ma’s math leibh tionndadh a chur ’s an ruaig,
Srian ar dùthcha a spìonadh dhiùbh-san 4115
A rinn le cùilearachd a toirt bhuaibh.
Gum b’e mo dhùrachd-sa dol mu’n cùlaibh
Air son an sgiùrsadh thar Abhainn Chluaidh;
Am prasgan mheàirleach a sgrios ar n-àite,
’S gun rinn iad fàsach dhe’n àirde tuath. 4120
title | XXXIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |