XXXIV CATRÌONA NIC MHATHAIN
A Chatrìona Nic Mhathain,
’S ann leam bu mhiannach gach math
A bhith ’n dàn dhut!
Gur tu a dhùisg mo mhac-meanmna
Nuair thug thu dhachaigh gu Albainn 4125
Lia-Fàil dhuinn.
Ged a b’fhada g’ar dìth i,
Air a glasadh am prìosan
Aig nàmhaid,
Bhuail thu bhuille ’na h-éirig, 4130
’S thug thu thugainn bho reubairean
Sgàin i.
Las thu lòchran as ùr dhuinn,
’S tha mi’n dòchas nach mùchar
Gu bràth e. 4135
Nochd thu chruaidh air a rùsgadh,
’S thug thu sad air do chùlaibh
Dha’n sgàbard.
Ghlac thu t’uair agus t’aimsir,
Thug thu suaicheantas Albann 4140
A làthair;
Nam bu chomasach dhòmh-s’ e,
’S mi gun deanadh gu deònach dhiot
Bànrinn.
Tha mo cheist ort, a ghruagach, 4145
Meur a dh’aiteam nam fuar-bheannan
Àrda.
Rinn thu ’n gnìomh mar bu dual dhut,
’S mar a thigeadh do shluagh
Inbhiràsdail, 4150
Ann an onair do dhaoine
Chuir thu toileach do shaors’
Ann an gàbhadh.
Bidh do chliù feadh nam beanntan
Fhad’s bhios triùir ann a labhras 4155
A’ Ghàidhlig.
Leam-sa, a chruinneag, is anns‘ thu,
’S ainneamh ionnan do shamhla ’s
Do thàlaind.
Chuir thu daoine gu dannsadh, 4160
’S chuir thu beirm ann am cheann-sa
Gu bàrdachd.
Gun robh guidhe do dhream leat
Air do thurus gu Teampall
Nam Meàirleach, 4165
Agus cuideachadh Anndra
Gus a ruigeadh tu beanntannan
Gheàrr-loch.
Thug thu am follais an fhìrinn,
’S gur a soilleir a nì e 4170
Ri ràitinn
Mur a cothaich sinn fhìn rud,
Nach bi againn ar clì
Air am fàgail.
Toradh fearainn na dùthcha 4175
Air a mhalairt a-null
Thar an t-sàile
Ged bu chòir dhuinn bhith saidhbhir,
’S ann a’ sìor-dhol nas daibhire
Thà sinn. 4180
Ged tha Sasunn cho uaillear
Gus a cas bhith air uachdar
A nàbaidh,
Sin am fasan bu dual dhi;
Cha robh cleachdadh na h-uaisle 4185
’Na h-àbhaist.
Bha i reimhid gun riaghailt
Agus Albainn an sìochaint
’S an sàmhchair,
’S nach robh ac’ ach na mìltean 4190
A bhith ’s a’ chladach a sgrìobadh
Nam bàirneach.
’S tu mo chruinneag ghlan, bhòidheach,
Theirinn mionnan is bòid
Air do dheàrnaidh 4195
Gur a buidhe dha ’n òigear
Leis an cuir thu do mheòir
Ann am fàinne.
Gheibh e tuigse agus reusan,
Gheibh e misneach thar cheudan 4200
A dh’àireamh,
’S nuair a cheanglar an cruaidh-shnaim
Tuitidh beannachd an t-sluaigh
Air a’ chàraid.
Chuir thu bratach ri crann dhuinn, 4205
Chuir thu mach feadh nan gleann
A’ chrois-tàra.
Leag thu colmadh na mealltachd,
’S thog thu gorm-bhratach Anndra
’Na h-àite. 4210
Dhùisg thu aigne agus inntinn
Los gun canar ’s na linntean
Nach tàinig,
Nach biomaide ’nar dùthaich
A’ deanamh miodal ri bùidseirean 4215
Màiri.
title | XXXIV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |