[153]

XXXVI NUAIR CHAIDH A’ CHLACH A THILLEADH

Tha tighnn fodham, fodham, fodham,
Tha tighnn fodham, fodham, fodham,
Tha tighnn fodham, fodham, fodham, 4405
Tha tighnn fodham speuradh.

S -chiatach le seanchaidhean
Feadh ìslich agus gharbhlaichean
Gun thill sibh Clach nan Albannach
Gu Ceann-bhaile na Beurla. 4410
Tha tighnn fodham, etc.

Nuair leig sibh sìos gun nàimhdean i,
Aghnìomh a bhios gu caillte dhuibh;
An robh sìol nan sonn gun chainnt aca,
S na traoidhtearan ag eubhach? 4415
Tha tighnn fodham, etc.

Thig dìodhairtnan cuid uaghannan
Air sìnnsreadh sìol nam fuar-bheannan
Bhon shìn sibh dhar luchd-fuath i,
A thug bhuaibh i leis an eucoir. 4420
Tha tighnn fodham, etc.

Tha ioma linn bhon spùill iad i,
S bhon dhìslich iad ri ùrlar i;
Mas rìoghail iad, ar liùm-sa,
Gur e biùthas nam fear-bréige. 4425
Tha tighnn fodham, etc.

S e comharradh na rìoghalachd
Bhith gluasad seasrach, fìrinneach,
S gun dearbh am facal sgrìobhta


[154]

Nach do dhinntrig e fo léintean. 4430
Tha tighnn fodham, etc.

Nan dfhuair mi fo mo mheòirean i
Nuair thàinig maor an tòir oirre,
Mum biodh i saors an t-òrd agam
Bhiodh Seòras gun a dhéideag. 4435
Tha tighnn fodham, etc.

Be clach na rìoghachd Albannaich
Tromh ioma linn is aimsir i,
S mun sìninn do Mhac Carmaig i
Gun sgealbainn as a chéili. 4440
Tha tighnn fodham, etc.

Na suinn a chaidh ga h-eadraiginn,
Cha drinn iad ach an dleasdanas,
S bidh alladh oirbh am feasda
Nach do theasraig sibh for sgéith iad. 4445
Tha tighnn fodham, etc.

Cha dean Goill na Cùmhnantaich,
Ach cleas nan rìghrean Stiùbhartach;
Thoir staoileadh Linne-an-dùin dhaibh,
S bidh an cùlaibh ri Dun-éideann. 4450
Tha tighnn fodham, etc.

Cha rachainn fad mo bhuinn leotha,
Cha ruith iad cùrsa dìreach leibh,
Ach lùbaidh iad cho cinnteach
S a saoidhean air na h-éibhlean. 4455
Tha tighnn fodham, etc.

S a h-uile cùis a chrom oirnn,
S a bhrùchd le buille throm oirnn,
Bha Cùmhnantaich is Crombalaich
An companas a chéile. 4460
Tha tighnn fodham, etc.


[155]

A shìol nan sonns nan àrd-bheannan,
Na deanaibh bann gu bràth riutha;
Cha sheas iad lom no làrach leibh,
S bha bhlàth aig Inbhir-Chéitein. 4465
Tha tighnn fodham, etc.

Tha Albainn bhochd gun dòigh oirre,
Gun cheannabhaidh a bheir dòchas dhi
Bhon shearg air Craobh nan Dòmhnallach,
S bhon dhòl iad an deoch-sgléipidh. 4470
Tha tighnn fodham, etc.

titleXXXVI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page