[156]

XXXVII RUAIRIDH IS PÀDRUIG AIR CHÉILIDH

Bha misan raoir gu dubh-bhrònach,
Mo theanga tòcadh ri mchàirean,—
Botul thall air achliathaich,
S e sud gun diar air achlàran, 4475
Nuair a chualas brag agus bualadh,
S nochd ach Ruairidh is Pàdruig;
Gun déirich sogan air mìnntinn,
S mo làmh gu sìneadh le fàilte.
Gan toirt a-steach. 4480

Gun ghuidh miBliadhna Mhath Ùrdhaibh,
Iad fhéins an dùrachd sin dhomh-sa;
Cia mar fhuair sibh bhon Challuinn,
S mhiod searrag a dhòl sibh?
Dhfhàg sibh Iain is Eàirdsidh 4485
Gun nithean ceàrr, tha min dòchas:
Tha fios gun robh sibh co-dhiùbh ann;
An tug sibh smùid air na h-òrain,
S an robh iad math?”

Bha misan so is minam aonar, 4490
Gun duinen t-saoghail ann làmh rium;
Cha dfhuair mi botul ach aon fhear,
Ged bha mi smaointinn mu dhà dhiubh,
S cho luaths a thogadh an ceann as,
S a fhuair an t-seann a làmh air, 4495
Mun robh na nàbaidhean seachad
Cha mhór a bhagam-sa air fhàgail dheth
Ach an nasg.

S ann dhéirich frionas air Màiri:
“ ’S ann ort tha chàbraid, a Dhòmhnaill! 4500


[157]

Bfheàrr dhut cus a bhith sàmhach,
Thu fhéin is do ghlàmair gun dòigh ort;
Thoir làmh air rudeigin feumail
Is tog thu fhéin thar do thòineadh;
Cuir tuilleadh gual air an teine, 4505
S thoir brogadh air leis aphògair
Gusn gabh e ceart.”

Gun rinn mi fhìn mar a dhàithni dhomh;
Thug mi làmh air an t-sluasaid;
Fhuair min teine air a chàrnadh. 4510
Dean suidhe, Phàdruig is Ruairidh!
Nam biodh mo bhotul gun tràghadh
Bhiodh smior an làin agaibh bhuam-sa,
Ach bho nach fhaigh sibh an còrr bhuam
Gun tòir mi, a leòra, dhuibh nuallan 4515
Air Mac Iain ghasd’. ’’

Choc iad botul ri maodann,
Cha be h-aon ach a dhà dhiubh;
Gum beannaicheadh Freasdal le chéiliad;
Tha mise feumach air pàirt dheth. 4520
Na cùm afeitheamh mi, chrìosdaidh!
Le beannachd Dhia thoir an t-àrc as.
Am faic thu gloine no cupa?
Gum bfheàrr leam bucaid dhethn dràsda
Na leth-cheud mart! 4525

Mo cheist air cneas Mhic-an-Tòisich!
Bha mi òg ann an gaol air
Is rachainn fhathast ga phògadh
A cheart cho deònachs mi aosda.
Sùghadh rìoghail an eòrna,— 4530
Gur blasdbho mhòinteach an fhraoich e,
S e dùsgadh spiorad gu ceòl annam:
than còmhnuidh as aonais
Ach fear gun tlachd?

Air manam fhìn nach robh fad ann 4535
Gusn dfhuair mi tancard no dhà dheth


[158]

A chuir air fuadach gach éislein,
S a dhùraich gleus air mo chàileachd.
Sud mi suas air meach sgiathach,
S gun shéid mi grìosach mo bhàrdachd, 4540
S nach mise a shnìomhas an t-òran
Ma tha greim beò feadh an smàlaidh dhi
Nach deach as.

Dheanainn òrans gum faodainn e,
Dheanainn saod air ged nach béiginn 4545
O chionn bha tlus anns na daoine,
S cha chreid mi chaochladh mun déidhinn
A thàinig oidhche cho àraid
Gu tigh an nàbaidh air chéilidh,
S a dhearbh gur furanach, fàilteach, 4550
Gur coibhneil, càirdeil le chéiliad,—
Na gillean gasd’!

Thug sinn treiseag aseanachas
Mu na cailleachan eòlach,
S cha dfhàg sinn naidheachd gun innse 4555
Mu obair shìdheach is bhòcan,
S cha dfhàg sinn cleamhnas no càirdeas
Bho Loch aChàrnain gu Bòirnis,
S an deamhachd aonan a chàin sinn
A bhuineadh dhaibh-san no dhòmh-sann 4560
Cho fads mo bheachd.

Thug sinn treis air an iasgach
Na gheibhte shìos aig achrò dheth,
S na bha do ghiomaichs do liabagan
Ann an ìochdar na cròice, 4565
S cho maths a sheòlamaid bàta
Bha shìos air bàgh aig Loch Ròdhag,
S cho trics bhiodh mathairga càineadh,
S e dholna clàran fo bhrògan
A ceann mu last. 4570

O sud am bàta bha aimlisgeach
Nam biodh arbhar air achadh


[159]

Acosnadh troid agus trinnleich
Is daoine bhithn impis a spadadh
Nuair bhiodh an crodh feadh na leòba 4575
Gus an tigeadh Eòghann is Lassie
Is sinne shìos aig Bàgh Dhòmhnaill
Adeanamh seòl air pocanairt
Sga chur ri slait.

Bha mig innseadh mun ghunna dhaibh, 4580
S chuir thugam á Bòid e,
S cho fad’ ’s a thilgeadh en urchair,
S cho maths a dhfhuiricheadh i còmhla,
S a liuthad ceum a chaidh fhàgail
Bho cheann abhàigh chun an Ròdha leis 4585
Is sìos air feadh Rudha Àird-mhaoile:
Gur beag an t-ioghnadh na geòidh a thann
A bhith glas.

Cha bhiodh abheatha ann am Màiri
Gus an tug mi gleadhrach do Ruairidh, 4590
Fear cho glan a thoirt port dhuinn,
S a chàirich dos air aghualainn.
Nuair a cháidh am màlana achlais,
S e stigh an taice ri chruachan,
Cha mhór nach bruidhneadh an siùnnsar 4595
Fo bhuille lùdaigs i bualadh
Le darrarant.

Thug sinn smùid air an fheadan,
S gun tug sinn fead air aGhàidhlig;
Bho latha tòrradh Miss Peigi 4600
Chan fhacas leithid abhàil ud.
Gu mar chrìochnaich an oidhchoirnn?
An deamhachd cuimhnaig abhàrd air,
Ach ma tha ann nach cuala sibh
Innsidh Ruairidh is Pàdruig 4605
A h-uile dad.

titleXXXVII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page