[160]

XXXVIII BÙTH DHÒMHNAILL ’IC LEÒID

E horo Chalum Mhóir, thugainn còmhrium gu dram
Nunn a bhùth Dhòmhnaillic Leòids gheibh sinn stòpan de leann,
S nuair a bhios sinnga òls math a chòrdas sinn ann,
Bidh ar n-inntinn air ceòls cha bhi òrain oirnn gann 4610
Ann am bùth Dhòmhnaillic Leòid.

Bidh an seòmar cho blàth, bidh an t-àite cho briagh,
Air an ùrlar for bonn dathan donn, dubh is liath.
Chì thu putan beag bàn air am fàisg thu do mhiar,
Thig fear-freasgairt mun cuairts na bheil bhuat a chur sìos 4615
Air do bhialaibh air bòrd.

Dhe gach seòrsa théid òl bidh gu leòr fo do shùil,
Fear alìonadh nan stòps acur cròic air an liunn,
Chì thu fìon thig on Spàinnt oirrair fhàgail co-dhiùbh,
S chì thu eun ann an cèidse shuas gu h-àrd os do chionn 4620
Ann am bùth Dhòmhnaillic Leòid.

Chì thu togsaidean bhuat, bidh iad suas air an ceann,
Chì thu goc anns gach leth na réiseadh obonn,
Fear tha freasgairt na bùth tighinngad ionnsaigh le dram,
S their en t-airgiod a-nunns their e mùthadh a-nall 4625
Ann am bùth Dhòmhnaillic Leòid.

Chì thu dìsnean is tàileasggan càradh air bùird,
Bidh gach mar is còir eadar Dòmhnalls a bhùth,


[161]

Gheibh thu pàipear ri leughadh le speuclair dha dshùil,
S chì thu staidhre dol sìos, àit bhios riatanach dhuinn 4630
Ann am bùth Dhòmhnaillic Leòid.

Gheibh thu searbhadair shìos, gheibh thu siabann is bùrn,
S los gum falmhaich thu mhias, tog achìochagna grùnnd.
Chì thu sgàthan is cìrs rud a shlìobas a-nùnn,
S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chùl 4635
Ann am bùth Dhòmhnaillic Leòid.

Ann am bùth Dhòmhnaillic Leòid bidh gach seòrsinnte cruinn,
Thig o thaobh Abhainn Chluaidhs cuid tha nuas as na glinn.
Bidh achàbraid cho cruaidh ann an cluasan do chinn,
S ged bhiodh bàrd ris gach gualainn dhiots fuaim acair seinn 4640
Ann am bùth Dhòmhnaillic Leòid.

Cuir a-nuas leth chruaidh,” thuirt fear shuas mun cheann àrd,
Gloine fìon,” thuirt fear shìos air bheil fìor choltas ceàird.
Happy Day, come away,” labhair reamhar, bhàn
A bha bhlàth air a sròin, gun do thòisich i tràth 4645
Dhol a bhùth Dhòmhnaillic Leòid.

Chì thu deòraideach ruadh agus spuaic air a mhaol
N déidh bhith Dòmhnach gu Luan glaiste suas aig na maoir;
Dhfhalbh es dhòl e chruaidhs ghabh an truaghan an caoch,


[162]

S chuir e eòlas an uair sin geil smuais anns gach braon 4650
Thann am bùth Dhòmhnaillic Leòid.

Ni sinn cinnteach mum falbh sinn á balgam no dhà
Thig á Ile thar fairgair eil dealbh an Eich Bhàin;
Toradh brìgheil an arbhair as ainmeile gràn;
Cha bhi rìoghachd na h-Alba neo-shealbhach gu bràth 4655
Fhads a dhfhàsas innteòrn’.

Gloine mhór dhen Each Bhàns i air clàr mar ri pinnt,
Théid an t-òran nas fheàrr leis gach làn a théid innt’;
Cha bhi duilgheadas ann ach cho ganns tha na buinn,
Cha bhiodh ioghnadh ann leam sinn bhithg ionndrainn na tìm 4660
Nach robh prìs aicach gròt’.

Air an aimsir a dhaom bha mi smaointinn an raoir,
O, ’s ann oidhche Di-h- aoinbhios am maorachga roinn,
S mun do riaraich mi mhnaois rud an t-aon thoirt dan chloinn,
Cha be pòca cho aotrom a dhfhaodainn air splaoid 4665
Thoirt gu bùth Dhòmhnaillic Leòid.

Bha i fhéin anns an iorghuills i cruinneachadh amhàil,
Bhiodh am bàillidh mun cuairts e gu gruamach ag ràdh
Ma than t-airgiodgad dhìths mar a lìbhrig thu à
Gheibh thu dearbhadh le cinnt bhithnad shìneadh Di-màirt 4670
Air an t-sràid air do thòin.”

Their na làithean a dhaom orm caoineadh nan diar,


[163]

Tha a bhlàth air an t-saoghail geil saorsa dol sìos;
Nuair tham bàrds e Di-h- aoine gun bhraon théidna bhial,
S e air fhàgail cho daor aig na daoine gun chiall, 4675
A luchd-riaghlaidh a thoirnn.

Anns an aimsir a dhfhalbh thug iad Albainn fo chìs,
Rinn iad ìocshlaint nam buadh a chur suas ann am prìs,
Gus na gheàrr iad on t-sluagh e, mo thruaighe ri ìnns’,
Gun do thràigh iad am fuaran bu dualach dhan tìr 4680
Bha na mìltean ag òl.

Thràigh iad fuaran nam buadh, dhfhàg iad sluagh ann an càs,
Tha na ceàrnachan tuaths iad air thuar a bhith fàs;
Tha na fàrdraichean fuar a bha uaireigin blàth,
S chan eil àbhachd aig cluais mur eil fuaim amhuir-làin, 4685
Far am bàbhaisteach ceòl.

Tha na ceàrnachan tuath acair thuar a bhith fàs,
S ann tha àireamh an t-sluaigh adol suas thanan tàmh.
Bidh am Bàrd Mac-an-t- Saoir fhathast daonnan an sàs,
Ach ma thas anns apholl agus toll air a mhàs, 4690
Ged tha iad-san air dòigh.

Ach fhuair mi airgiod an s bha e feumails an àm,
Ruith an t-ainmhidh a réiss fhuair er éiginn a cheann
Chur air thùs air a chòrr: bhuidhinn Dòmhnall an geall,
S mi cho beartach ri Lord; thugainn còmhla riumteann, 4695
Sguir a chnuasach do phòc.

titleXXXVIII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page