IV BUN AN RÒDHA
Gur ann an eilein nam beann àrda, 305
Tìr mo ghràidh mu’n iadh an ceò
A fhuair mi òg am bainne blàth
Mu’n cuairt air àirigh Bun an Ròdh’.
O, sud an tìr dha ’n tug mi luaidh,—
An tìr ’s an d’fhuair mi m’ àrach òg, 310
’S mi ruith mu’n cuairt gun dragh, gun ghruaim,
An cois nan stuadh aig Bun an Ròdh’.
O, sud an tìr a dhrùidh a gràdh
Gu smior nan cnàmh a-steach tromh m’ fheòil,
’S ged shiùbhlainn cian a-null thar sàile 315
Leam as àill’ tha fo na neòil.
An tìr a chunnaic tùs mo là
Na chleachd mi àbhachd agus ceòl;
Ni m’inntinn tric ann triall air chuairt,
Ged ’s fada bhuamsa Bun an Ròdh’. 320
O, sud an ceàrn as uaine sàl,
As gile tràigh, as guirme fòd,
As cùbhraidh fàileadh lus air làr,
As motha bàrr, as truime pòr.
Am fradharc speuran grianach, blàth, 325
’S an taic ri sàil nam beanntan mór
Tha ’n aghaidh chairgeach ris an iar
A’ sealltainn sìos air Bun an Ròdh’.
Nuair thigeadh geamhradh greannach, garbh,
’S a dhùisgeadh fearg nan tonnan mór 330
A chinneadh gruaim air gnùis nan speur,
’S a’ ghaoth o’n iar a’ séideadh oirnn,
Bu tric mo cheum ri cois nan tonn
’S a dh’éisd mi ann ri guth nan ròn
Bhiodh measgaichte ri gàir a’ chuain 335
A deas ’s a tuath air Bun an Ròdh’.
Ach tillidh aimsir àghmhor ruinn,
Thig bonn air soills’ á Capricorn,
A’ ghrian air ais gu h-àite fhéin
An àird nan speuran ’s i ’na glòir; 340
Gun ùraich brat air uachdar blàir,
’S bidh flath air fonn fo bhlàth nan ròs
Is chì sinn seamrag dhearg is bhàn
Gu pailt a’ fàs aig Bun an Ròdh’.
Gach cnoc is coilleag gorm gu’m bàrr, 345
Bidh dual air tràthaich mu na lòin
Bhios còmhdaichte le gucaig bhàin,
Le lachainn-bhlàir ’s le ’n àl do dh’eòin;
Bidh crodh is gamhna dubh is ruadh
Gu bàrr nan cluas an cluantan feòir, 350
’S a’ togail cinn ri geum nan laogh
Air achadh braonach taobh an Ròdh’,
’S tha ’n t-uisge glan bho bhàrr nan sliabh,
Bu mhilse leam na ’m fìon ri òl,
A’ tighinn thar Staoileabhal nan stùc, 355
’S e cuach dheth dhuinn a b’ìocshlaint beòil;
Gur fìorghlan, fionnar, fuar a bhrùchd e
Nuas á grunnd nam fuaran beò,
’S bidh ’m bradan glas a’ leum gu bras
Nuair gheibh e bhlas aig Bun an Ròdh’. 360
B’e miann an t-sealgair a chuid sgàth
O’n tilgte làmhach ris na h-eòin;
B’e miann an iasgair leis an tàbh
Mu thoiseach làin a bhith ’na chròic;
Bu mhiann le maorach bhith ’na thràigh, 365
’S le iasg na mara tàmh mu chòrs’;
Bu mhiann le ianlaith a bhith snàmh
Mu bhial nam bàgh aig Bun an Ròdh’.
Bu lìonmhor iad a chosg an tùs
Ri mire ’s mùirn a’ cluichd gun ghò, 370
’S a chuir an lorg an gainmhich bhàin
Fo thiùrra ’n làin le cas gun bhròig,
Ach ’s mór dhiubh sin a dh’fhalbh o thaobh
A shaothrachadh air son an lòin
Tha sgaoilte, sgapta ’n ioma ceàrn,— 375
’S nach till gu bràth gu Bun an Ròdh’.
Tha fear bu mhiann leis bhith ri thaobh,
Gun tug an aois air falbh a threòir,
An diugh ’na shìneadh anns an ùir,
’S chan fhaic a shùilean Bun an Ròdh’, 380
’S an té rinn m’ àrach-s’ ann le suim
Is thug dhomh bainn’ a cuim ri òl,
Cha ghluais i fhéin ach mall air blàr
Mu’n cuairt air àirigh Bun an Ròdh’.
Chaidh ioma bliadhna thar mo chinn 385
Bho’n bha mi cuidht’ is Tìr nan Òg,
’S gach uair tha falbh a’ gearradh dhìom
Am fad dhe m’ thìm an tìr nam beò,
’S mar théid ri àireamh làithean m’ aois’
Tha cruth an aoig ag èaladh oirnn, 390
’S mu’n toir e tosd air teang’ a’ bhàird—
Mo shoiridh slàn le Bun an Ròdh’.
title | IV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |