[167]

XL CHAN IOGHNADH GED BHITHINN GUN MHIRE, GUN CHEÒL

Chan ioghnadh ged bhithinn,
Ged bhithinn, ged bhithinn,
Chan ioghnadh ged bhithinn 4775
Gun mhire, gun cheòl;
Chan ioghnadh ged bhithinn
Gun saod air bhith cridheil
Aig daoiread na dibhe
S a miosaid ri h-òl. 4780

Chan ioghnadh an tàmailt
Bhith dùsgadh mo bhàrdachd
Mu dhùthaich nan àrd-bheann
A dhàraich mi òg,
S mun fhoill thug a bhàin i 4785
Fo nàimhdean lem bàill
Bhith cur saighdean abhàis innt
Is as chun na smeòirn.

S en fhoill a chuir sìos sinn
Thug àr air ar crìochan, 4790
S a dhfhàg sinn asìoladh
Fon riaghladh a thòirnn;
Be riaghladh an ruagair
Air fiadh nam beann fuar e,
S a chliathaich ri luachair 4795
S an luaidhena fheòil.

Mo dhìth! ar deoch làidir,
Deoch uaibhreach gun fhàillinn;
Deoch uasal nan Gàidheal
Bu ghnàthach leinn òl; 4800


[168]

Ga h-iomlaid thar sàile
Fo ionchu na gràisge,
S mo thionachdas bho mbhàs dhi
Nach tàrr mi bhom beòil.

Gu chia mar a dhfhaodas mi 4805
Maigne bhith aotrom,
S nach faic mi ach daoine
Tha daonnan fo bhròn
Le aiceid, le aoine,
Le teircorras aonais; 4810
Tha seiche na h-aois
Tighinn air aodann nan òg.

Cha dean mi ceum éibhinn,
Mo chàileachd gun spéirid,
Mar chlàrsach gun ghleusadh, 4815
Gun teud inntair dòigh;
Mar bhàt’ ’iodh air deubhadh
S an teàrr air a tréigsinn,
Asgàineadh bho chéile
Le sgreubhadh nam bòrd. 4820

S e mheudaich mo dhiùmbadh
Nuair chi mi na h-Iùdhaich
Air mhisg chun nan sùilean
Air sùghadh an eòrn
Is mise le mchùinneadh 4825
Cho inich ri chunntais,
S nach faod mi ach sùil
Thoirt air bùth DhomhllIc Leòid.

bfheàirrde na suinn
A chuir blàr Drochaid Shruighlea, 4830
Gun geàrrdadh iad rìoghachd dhuinn,
Dìleab is còir;
Ma bhàirig sinn fhìn sud
Air nàmhaid ar tìre,
Mo nàire ri innseadh 4835
Dhan linn nach eil beò.


[169]

Mo nàire ri luadh oirbh
Àlach nam fuar-bheann,
Na dhfhàg sibh ur dualchas?
Na dhfhuaraich ur pròis 4840
Nuair dhfhuilingeadh sibh luaircneadh
Le sàmhchair na h-uaghach
An àitbhith air bhuaireas
Gu bualadh nan dòrn?

Bha uair ann bha Albainn 4845
S i cunbhalach, calma,
Chan fhuilingeadh i ana-ceart,
Mar bhalbhan gun treòir;
Sruth braonach a h-arbhair
S am fraoch-bheannan garbhlaich, 4850
Cho saor dha luchd-falbha
S than fhairge dhan ròn.

Ri aimsir nan linntean
A dhfhalbh bhuainns nach till ruinn
Bha Albainn gun chìs oirre 4855
Dhìslich a sròn
Fo bhratach Sìol Chuinn
Eadar Arcaibh is Ìle,
S an caisteal Mhic Nìll
Bha deoch rìoghail ri h-òl. 4860

Bhiodh Ruairidh air reubainn
Air uachdar Cuan Éireann
Le luath-luingbu gheur is
Bu réidh-shleamhainn bòrd;
Muir gruamach ag éirigh 4865
Mu guailleans mu sléisdnean,
S an fhuar chailleach bheur
Cumail séideagna seòl.

S an àm sin bha Ghàidhealtachd
Coimhlionta, càirdeil 4870
Na h-aidmheil, ’na cànain,
Na bàrdachdsna ceòl;


[170]

Chan ioghnadh na treudan
A thionndaidh achreud dhiubh,
Bhithg ionndrainn na treunad 4875
A thréig iadgan deòin.

S e mhìodaich mo thùrsa,
Mo mhìghean a dhùbladh,
Nuair chì mi le mshùilean
Achùis nach bu chòir. 4880
S e Gàidheil mo dhùthcha
Fo smàig an luchd-spùillidh;
O, càitdeach na diùnlaich
Thug dùbhlan dhan Ròimh?

O, cuimhnichibh Gabhra, 4885
S air linntean bhon àm sin;
S e suinn Innse-Ghall
Nach biodh mall dol fo sròl;
Mum fuilingeadh iad anntlachd
Bhiodh claidreadh nan lann ann, 4890
S bhiodh claignean nan Gall
S iadnam ball feadh an fheòir.

Mo thruaigheagan Albainn
Ri bualadh gach searbhaig,
S i a bhuannaich an t-sealbhag 4895
Tha doirbh leam a h-òl,
S be fortan gun sealbh air
A chroch mi ri mchrannchur
Rinn crois dhomh gun amaisinn
Ri aimsir abhròin. 4900

Bfheàrr leam gun cuala mi
Aiceidgam bualadh,
A dhfhàgadhs an uaigh iad,
S bòrd uachdair mun sròin;
Aghràisg a chuir suas e, 4905
S nach teàrnaich gu luach e
Gusn geàrr sinn gach buarach
A chuairtich iad oirnn.

titleXL
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page