XLI MO SHEANN PHOIT DHUBH NAN TRÌ CHASAN
Le dìth an stuth ’s le phrìs an diugh,
Le dhùbladh cìs’ is barrachd air, 4910
Tha ’n t-àm agam an t-seann phoit dhubh
Thoirt chun an t-sruth’ g’a sgùradh.
Mo sheann phoit dhubh nan trì chasan,
’S tu bh’ann mu’n tàinig cuimhne dhomh,
’S bho nach eil prìsean cuibheasach 4915
Gun uisinnich mi as ùr thu.
Gun sgùr mi sìos le gainmhich thu
Gus ’m fàg mi fiamh an airgid dhiot,
Gun cuir mi cliath air ealchaig riut,
’S théid gealbhan beag ri t’ùrlar. 4920
Nuair thig an ceàrd mu’n cuairt chugainn
Gun cuir e ceann air t’uachdar dhomh
Le pìob ’s i cam ’na cuairteagan
Gus tarruing bhuat na smùide.
Gun socraich mi air sorchan thu 4925
Fo chrùib ann an Gleann Chormiscleit;
Có chì mi anns an dorchnachadh,
’S mi falbh leat ann air bhùilleasg.
Ged bhiodh MacColla dìcheallach
Gu forbhais feadh na sgìreachd, 4930
Tha Corradal cho shìtheanach
Nach d’fhuair na Goill am Prionns’ ann.
Théid nàbaidh cinnteach còmhla rium,
’S gun toir sinn leinn dha’n mhòintich thu,
’S gun tog sinn brìgh an eòrna leat, 4935
Ge b’oil le sròn gach Iùdhaich.
Tha fios ’am dòigh mar nì mi e,
’S mar their mi beò na sìleanan;
Ged ’s crìon na beòil a dh’inns dhomh e,
Catrìon’ Ni Nill is Fionnlagh. 4940
Nuair bhios na diasan cruadhaichte,
’S ann orm-s’ bhios fiamh an fhuamhaire
Toirt iall bho chùl mo ghuailleadh,
’S mi ’gam bualadh leis an t-sùistidh.
Nuair bhios e glanta, càtht’ agam, 4945
’S e bogta, togta, blàthaichte,
Cho luath ’s thig coltas fàs air
Théid a chàradh air na ciùilean.
Their muillear Abhainn Shòrnairigh
Dhuinn oidhch’ -eigin dha’n òpar air, 4950
’S chan inns e lideadh beòil oirnn
Do dhuine beò ’s an dùthaich.
Nuair bhios e bleithte, pronn againn
Gum falbh sinn agus fonn oirnne
Le poc’ am fear air dhroll againn, 4955
Ged bhiodh iad trom ri giùlan.
Nuair bhios e blasda, dèant’ againn
Bidh taitneas oirnn ’ga riarachadh,
’S gun dean sinn baisteadh crìosdail
Toirt taing do Dhia nan dùilean. 4960
title | XLI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |