[173]

XLII ’S FHEUDAR GUN BHITH ’G ÒL

’S fheudar gun bhith ’g òl,
No a bhith an tigh na dibhe;
Tha i nise cho daor
S nach eil saod a bhith rithe.
S fheudar, etc. 4965

S fheudar sgur dhen àbhachd,
S gach cleachdadh a bàbhaist
Bhon a theachd oirnn gràisg
A thair an t-àita mhilleadh.
S fheudar, etc. 4970

Thàinig gràisg as ùr oirnn,
Rud nach fheàrrd an dùthaich,
S cha be an t-àgh a stiùir sinn
A chuir diùnam bruidhinn.
S fheudar, etc. 4975

Gheall iad air gach taobh dhinn
Sìth thabhairt air an t-saoghal,
Bhiodh gach cho saor,
S gum biodh na daoinair mhire.
S fheudar, etc. 4980

Ach mun gann a fhuair iad
Ughdarras an t-sluaigh,
S ann thionndaidh iad mun cuairt
Cho luath ri gille-mirean.
S fheudar, etc. 4985

Dhfhàg iad sinnnar n-éiginn,
Sinn gun bhiadh, gun éideadh;


[174]

Chan eil sìos mu mshléisdnean,
Ach am bréids am pillean.
S fheudar, etc. 4990

Rinn sinn suas an armailt
Leis an sguabtaGhearmailt,
S cha do bhuannaich Albainn,
Ged is marbh a gillean.
S fheudar, etc. 4995

Arm aca air a dhianamh,
S falbhaidh e tromhn iarmailt,
S chan eil àit an teid fhiachainn
Nach bi crìoch air millean,
S fheudar, etc. 5000

S tha sinn gun bhuntàta,
Chan eil ìm no càise;
Chan eil giadh no ràcan
Bhios air Càisg no Inid.
S fheudar, etc. 5005

Chan eil fad mo lùdaig
Ann am broinn mo spliùcain;
Farm bu mhinig ann pùnnd
Chan fhaicear ùnnsann tuilleadh.
S fheudar, etc. 5010

Blàth uisge nam buadh
Cho tearc an làmh an t-sluaigh,
S nach fhaic mi làn na cuaich
A thogadh suas mo chridhe.
S fheudar, etc. 5015

Saoil nach tùrsach dhòmh-sa
Coimhead bùth an òsdair,
S mi gun dùil ri stòp
Le pòca tha gun sgillinn.
S fheudar, etc. 5020

titleXLII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page