XLIII ÒRAN DO DH’A******R S**R*CH
Chuala M*cG***g**r an Lunnainn
Nach robh unnainn ach na brùidean;
Smaointich e air cur mu dhéidhinn,
’S gum faiceadh e fhéin le shùilean
Fear-teagaisg a chur dha’n àite 5025
Los ar sàbhaladh air Iùdas;
Sin mar a fhuaradh an sàr,
’S a luaidh am bàrd air Maighstir Fionnlagh.
Chual’ e gun robh sluagh cho cearbach
Bho thuath air Barbhas gu Miùghlaidh, 5030
Cho fuathasach salach le salachar
’S nach glanadh an fhairge dhiùbh e;
Gun robh uamhar, sannt is farmad,
Craos is leisge, fearg is drùis orr’,
Firionn, boirionn, sean is òg, 5035
Air leth bho’n chòrr, chan fhaighte triùir ann.
Chual’ e gum bu daoine breun sinn
Gun chogais, gun chreud, gun ùmhlachd
Do chraosairean craosach, dreunach,
Gun urram bho chléir no ùghdair; 5040
Daoine gun chiùine, gun cheutachd,
Gun chuideachda Dhé nan dùilean,
Gun tuigse, gun tùr, gun reusan,
Gun subhailc fo’n ghréin ’nan giùlan.
Chual’ e gun robh an t-siathamh fàint’ ann 5045
Aig na Pàpanaich ’nan sprùilleach,
’S iad cho pailt air feadh an àit’ ud;
Spriolag a’ bhàis air na trùillich
Leis na bheil ac’ do chloinn dhìolain,
Cha b’urrainn crìosdaidh an cùnntais, 5050
No guth a chreidsinn á bial ann,
’S iad cho briagach ris a’ chù ann.
Sud far bheil a’ choisir mheàirleach,
Thoill iad am màsan a’ sgiùrsadh;
Trusdair gun umhal, gun nàire, 5055
Lean am Pàpa ’n àite Lùthtar,
Nach fuiligeadh Uilleam is Màiri
Nuair a chaidh na dhà dhiubh chrùnadh,
’S nuair thugadh rìgh as a’ Ghearmailt
A dh’fheuch ri Albainn a dhùsgadh. 5060
Mu Uibhist ’s mu Bheinn a bh-faodhla,
Ciad cheann-adhbhair air an ùr-sgeul,
Cha robh riamh ach béist is baobh ann
Bho’n chaidh Chlann Rao’aill an tùs ann,
Daoine mosach, dona, dalma, 5065
Cho spìocach, farmadach, cùileach,
’S gun reiceadh iad bian na deargainn
Le miann an airgid is a’ chùinnidh.
Cha do chuimhnich e mu Theàrlach,
Fear gun fàirdean air a ghiùlan; 5070
Thug iad dìon dha an uair a ghàbhaidh,
’S duais-bhrath an nàmhaid a dhiùltadh,
Rud nach do rinn Maighstir Amhlaidh,
Siutal a bha ’n camp “a’ Bhùidseir,”
’S mur an d’fhuair e ’n t-airgiod ceann 5075
Cha b’ann le cion an t-sannt g’a ionnsaigh.
Chual’ e na h-eileinean tuathach,
’S och! mo thruaighe! ’s e bha tùrsach
Bhith cho lìonta leis gach truailleachd;
B’e chulaidh-uamhais bhith ùnnta 5080
Far am bheil cathair aig Sàtan,
’S e cho làidir is fad a dh’ùin’ ann,
’S nach gabhadh e cur air fuadach,
Ach le fuamhair am measg dhiùnlach.
Seòl bho Robhanais mu thuath ann, 5085
’S thig air tuaim-sa bial Loch Ghrùinneirt,
’S gabh na rainn gu Maol na h-Òighe,
’S feuch an sròn dha’n Linne Dhiùraich;
Cùm na caoil thar Àird-nam-murchan,
’S faic am bulg seach Rudha Hùnais, 5090
’S cuiridh tu cearcall mu’n àite:
Shuidhich Sàtan fhéin a chùirt ann.
Chunnacas e ’s a’ Chaisteal Thioram,
’S e ’na shuidhe ac’ air ùrlar;
Dh’fhalbhadh e air chuairt do dh’Uibhist, 5095
’S thilleadh e rithist gu Mùideart.
Chaith e oidhch’ air tìr an Canaidh,
’S chluinnte ann am Manain a bhùirich
Gus na gheàrr e leum dha’n aigeal,
’S chaidh e fodha aig cladach Rùim ann. 5100
Chunnaic Donnachadh Ruadh nam bòcan
Aig Allt Mheòiligir ’na thiuchd e,
Oidhche ’s e anmoch air chéilidh,
’S chual’ e ag éigheach “Fuirich riumsa.”
Thàr e as cho luath ’s a bh’aige, 5105
’S lean am blaiceard air a chùlaibh;
Cha d’fhuair e cuidhte is a’ bhiast
Gus ’n deach e sìos air Abhainn Ùnailt.
Chunnaic triùir ’s a’ Chaolas Bharrach
Latha grianach, geal, ’s an t-samhradh, 5110
Carbad dubh le dithis dhaoin’ ann
Dol tarsuinn a’ chaoil ’na dheannruith,
Dà each ghrisfhionn, ghorma, ghlas,
Cho grinn air an casan ri dannsair
’S cho siùbhlach air uachdar fairge ann 5115
’S ged bhiodh iad a’ falbh air chabhsair.
Chunnacas e aig Sloc MhicPhàil,
’S aig àirighean Tigh a’ chùil-fhainge,
Shìos mu’n bhad na bhuail am bàta
Far na bhàthadh sgioba Frangach, 5120
’S shuas aig tobhta Chlann ’ic Eanruig,—
Teaghlach mheàirleach thar na Galldachd
Thàinig ’nan coigrich thar sàile,
’S ioma ceàrn na rinn iad call ann.
Chìtear mu’n Ionbhaire mhór e, 5125
Mu Bhòirnis ’s mu Pheighinn-nan-Aoirean;
Chunnacas air Àirigh an t-Sluic e,
’S gu tric air Àirigh na h-Aon Oidhche,
Suas gu Bealach na Meall Teine,
Sìos gu sgeirean Àird-mhaoile, 5130
’S dearbh bu chartadh air an tìr e
Na faicte fo sgrìob nam maor e.
Cha dean aon phears-eaglais feum ann
A bhuineas do threubh na dùthcha;
B’fheàrr an Gall á Tìr na Beurla, 5135
Gearmailteach, Greugach, no Dùidseach,
’S a h-uile fear théid fo òrdain
Eadar Maol-Dòmhnaich is Uige,
Cho luath ’s a théid e ’n lùib na gràisg’ ud
Bidh e fhéin cho pàiteach riutha-san. 5140
Chan eil a dhìth air na fir ann,
Ach òl is iomairt is ùpraid,
Liunn is uisge-beath’ is branndaidh
’Nan galain air ceann gach bùird ann;
Pìobaire an dorus gach trannsa, 5145
’S ridhleachan dannsa air gach ùrlar,
’S am faighinn an là ar-na-mhàireach
’Nan cadal air bàrr an dùnain.
Suidhidh iad air an tom sealgadh
Bho’n is cealgairean gu an cùl iad, 5150
Cho tràth ri glasadh nan nialan
Mu’m fosgail an giadh a shùilean
Cha bhi lacha bhreac no riabhach
Nach bi nìos gu feur le fùdar,
’S na dh’fhàg iad aig Goill do dh’iasg ann, 5155
’S gann gum b’fhiach dhaibh tighinn g’a ionnsaigh.
Smaointich thusa air bean gun nàire
Chàireas le buntàta an t-Samhraidh
Stiallanach do bhradan sàile
Sìos air clàr ’s chan fhàg iad feann dheth, 5160
Mar gum biodh còir air na biastan
A bhith miannachadh mar annlan
Iasg a chruthaich Dia do dh’uaislean,
Gun turus aig tuath ri lann dheth.
Falbhaidh an té ud dha’n bhùth, 5165
’S gun toir i làn a sgùirde aisde;
Cuiridh i null anns an éirig
Luchd a’ chléibh do dh’uighean chearcan,
Rud a dh’fhaodadh a bhith an stòr
Gus ’n tigeadh daoine còir air astar, 5170
Mar tha M*c G***g**r is a sheòrsa,
’S a sìneadh ’nan dòrn a nasgaidh.
Thug e ùine mhór fo smaointean,
’S car nan laoisg ud air a dhrùdhadh;
Chnuasaich e mu chléir a’ t-saoghail, 5175
’S ruith e air gach aon ’s a’ chunntais
Gus an duirt e, “So mo bheachd-sa,
Thig na peacaich ud fo ùnlagh,
’S buailidh iad gu léir an uchd
Ma chuirear chuca Maighstir Fionnlagh.” 5180
Sud am fear tha mise taghadh,
Sud mo roghainn am measg chàich dhiubh;
Sud am fear a b’fhiach a thadhal,
Ghrunnaichinn dha fadhail gun tràghadh.
Sud am fear mu an can e briagan 5185
A dh’fhanas gu sìorruidh sàmhach;
Fear do Chlann Gh***g**r is A*l***n ,—
An aon fhear tha ceart ’s an àireamh.
Sud am fear-teagaisg tha àraid,
’S e tha làidir math gu ùrnuigh; 5190
Dìleas gus cumail na Sàbaid,
’S cha bhris e fàinte no ùr-lagh.
Duine ciatach, ciallach, faighidneach,
Briathrach, bruidhneach, brìghmhor, sùghmhor;
Thoill e chur air ceann nan daoine, 5195
Mar a bha Maois aig na h-Iùdhaich.
Sud far am bheil beul nam fìrean;
Éisdidh na sgìrean co-dhiùbh ris;
Fosglaidh e dorus gach inntinn
A dh’fhan bho chionn linntean dùinte; 5200
Ma chluinnear am Manachainn Ì e
Éiridh na righrean bho’n ùir ann,
’S bidh cuimhn’ air gu Là na Dìleann
Eadar Caol Ìle is Ceann Thiùmpain.
Sud am bial a b’fhiach a chluinntinn, 5205
’S ait leam fhìn e tighinn dha’n dùthaich;
’S uamhraidh mar a thionndas inntinn,
Mar a bhruidhneas duine tùrail.
Buaidh is piseach air a’ chrìosdaidh,
Faic mo liath-cheann ’s mi ’ga rùsgadh; 5210
Éisd ri m’achanaigh ’ga h-iarraidh
Aig a’ ghrìosaich air mo chluainean.
Bàirig Thusa, Rìgh na Cathrach,
Do bheannachd air Maighstir Fionnlagh;
Glòir is buidheachas dha’n Trìonaid 5215
A chuir an crìosdaidh g’an ionnsaigh,
Thug dha tuigs’ is tùr is teanga
Gheur gus labhairt ann an cùbaid;
So an treud nach téid ’s an duathar,
’S e ’na bhuachaill’ air an cùlaibh. 5220
So an treud a fhuair am fàbhar
Suas da’n àireamh air an cùnntais,
So an treud a thog an gàradh
Nach eil àbharsair their sùil air;
So an treud a gheurach airm, 5225
’S a dh’éigh an toirmeasg air droch ghiùlan,
Thionndaidh ruaig gu buaidh air làraich
Bho’n là thàinig Maighstir Fionnlagh.
So an treud a thog an dòchas,
Fhuair iad lòchran ’s cha b’e mùchan; 5230
Fhuair iad lamp’ a sheall an t-seòlaid,
Fhuair iad làn ’nan dòrn nach lùbadh;
Solus soillseach, deàlrach, deàrrsach,
Lanndair laiste, làn do dh’ùilleadh;
Leughadair air cuairt ’s air combaist’ 5235
Nach leig cam iad air an cùrsa.
Fhuair iad lann gu còmhrag Shàtain,
Lann nach fàillinnich ’s an tuasaid;
Nach d’rinn Balcan riamh ’na cheàrdaich,
Aon a b’fheàrr air gàda cruadhach. 5240
Fhuair iad ceanna-bheart umha is iaruinn,
Fhuair iad sgiath os cionn an guailleadh
’S trì chlaiseach cho geur ri ràsar
Nach tig meirg gu bràth an truaill air.
Thàinig lann ’nar ceann da rìribh, 5245
’S taing dha’n Tì a chuir mu’n cuairt e;
Sgiobair fairge ri latha sìne,
’S e nach dìobair ’s an an-uair sinn.
Ceannard feachda, gaisgeil, gleusda
An gleac nan geur-lannan g’am bualadh 5250
’S britheamh cùirte an cùis ri réiteach
Nach leig leis an eucoir buannachd.
Shuidhich e crò dhuinn mar chaoirich
Nach ruig faol-chu no biast-shiùbhlach
Bhios air chonfhadh feadh an aonaich 5255
Gu drabhasach, draosda, drùiseil,
Far am biodh an treud ’gan àrach,
’S aige fhéin a ghnàth fo chùram,
Faicill orra a là is do dh’oidhche
Mu’n tig slaightire ’n droch stiùraidh. 5260
Mu’n tig slaightire ’n droch stiùraidh
Mu’n rinn Maighstir Fionnlagh searmon,
’S ann air a bha ’n colg ’s a’ chùbaid
A’ bualadh le dhùirn is a’ dearbhadh,
Ag innseadh mu olcas na béiste, 5265
’S crìoch na treud a bhiodh ’ga leanmhuinn;
Dh’fhàg e sinn cho thromhte-chéile
’S a bhiodh spréidh g’an cur á arbhar.
Dh’inns e mu’n teine nach mùchar,
’S tharruing e fo’r sùilean dealbh air; 5270
Mheudaich e air leud na fùirneis,
’S air an smùid a bhiodh a’ falbh as.
Dh’fhàg e mise is crith ’nam ghlùinean,
’S mo bhial cho dùinte ri balbhan,
’S mo chridhe toirt leum le luasgan 5275
Ma chì mi clais-ghual ’s an anmoch.
Sinne a bh’air thuar bhith caillte,
Fhuair sinn cainntearachd dha rìribh;
Fhuair sinn caisleadh air ar cuinnlein
A bhios cuimhn’ air gu cionn linntean, 5280
’S air an rathad leathan, shleamhain;
Céitein no Samhain cha bhì sinn
Suas an rathad corrach, caol sin,
Ged bhiodh saothair oirnn ’ga dhìreadh.
Nis, bho’n sheall e fhéin an dòigh dhuinn 5285
Anns ’m bu chòir dhuinn a bhith gluasad
Chan eil bàrd a thàthas òran,
Chan fhaicear ag òl nan cuach sinn,
Chan fhaicear fleasgach no òigear
A’ cluichd no còmhradh ri gruagaich; 5290
’S gann nach eil gach càraid phòsda,
’S iad ’nan ònaran air cluasaig.
’S goirt a’ bhuille fhuair thu, Shàtain,
Thàinig sàthadh ort bho d’ chùlaibh;
Fhuair thu sgailc an tobar bàis 5295
A thug gu làr thu air do ghlùinean.
Ged is tric a ghabh thu fàth oirnn,
Fhad ’s a bha sinn air dhon-ionnsaich;
Gheibh thu do chuibhle air falbh,
Mar bhiodh an tarbh nuair chuirt’ an cù ris. 5300
Thog sinn suas an gàradh-crìche,
’S neartaich sinn le pìosan ùr’ e;
Chuir sinn tuilleadh air do dh’àirde,
’S na bha beàrn air chaidh a dùnadh.
Chuir sinn geata air ceann na stairsnich, 5305
Dùinte, glaiste is taic ri chùlaibh,
’S chan fhosglar do dhuine beò e,
Ach le òrdugh Mhaighstir Fionnlagh.
Fhuair thu, Shàtain, buille sgairteil,
’S fhuair thu lapachadh da réir sin; 5310
Tha do mhuinntir anns na claisnean
Air a sgapadh feadh nan sléibhtean;
Ann am buillsgean teas na caonnaig
Bha an fheòil ’s an saoghal ’s tu fhéin ris;
Lùb e sibh ’nur triùir gu luachair, 5315
’S chuir e ruaig oirbh le chéile.
Ràinig e thu’m broinn do sheòmair,
Bhris e’n clòthan is dh’éigh e “Fùidse”;
Cha chuireadh saoghal no feòil ris,
Thilg e chòmhla thar nan lùdag. 5320
Spealg e do ghràbhalta cinn ort,
Rinn e bìdeagan dhe d’lùirich,
’S chaith e mach am fianuis dhaoin’ thu,
’S tu ’nad laoicionn air do rùsgadh.
’S léir a nis thu ’nad choltas, 5325
’S léir dhuinn t’olc is mar atà thu;
Cha bhi dìon air bàrr nan cnoc dhut,
Chan eil sloc am faod thu tàmhachd.
Chan eil àit an tigh nam bochd dhut,
Ged a nochdadh tu do chàirein; 5330
Chan eil ionad idir ann dhut
Ach an t-slabhraidh ’s an t-seann-àmhuinn.
Fhuair thu ionad àrd bho’n Tighearna
Gus na lìon thu ann le uamhar;
Dh’fhàs thu’n uair sin ann ad dhaibhul, 5335
Dh’fhàg sin shìos an àit’ bhith shuas thu.
Laigh do shùil air Tìr nam Beanntan,
’S dh’fheuch thu Innse-Gall a bhuannachd,
Ach bho’n thàinig Maighstir Fionnlagh
Faodaidh tu do dhùil thoirt suas ann. 5340
Chaill thu do chumhachd ’s an àite,
Chaill thu smàig a bh’agad oirnne
’S bi nis a’ falbh gu d’ phràisich’
Far a b’àbhaist dhut bhith ròstadh.
Tha sinn uile cur ar cùl riut, 5345
Tog do shùil is fàg an còrsa;
Riamh bho’n thàinig Maighstir Fionnlagh
Chan eil ùidh againn ’nad sheòrsa.
Tha thu nis am bial a’ chlobha
’Gad chur fodha an toll na fùirneis; 5350
Bhuail thu dìreach druim a’ bhogha,
Chaill thu romhad ’s air do chùlaibh;
Théid thu an geamhal anns na h-iaruinn,
Bidh thu ’m prìosan air do dhùnadh,
’S cha bhi duine shuas no shìos 5355
A chitear diar a’ tighinn bho shùilean.
title | XLIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |