XLIV MOLADH INBIR-LÒCHAIDH
Gur e Inbhir-Lòchaidh
An t-àite lurach, bòidheach,
Gun cuir mi ceathramh òrain
An dòigh dha ’s an àm 5360
Bho’n a bha mi còmhnuidh ann
Treis a’ cur air eòlais,
Chan ann am bleid no ’m bòilich
A thòisich mo rann,
Ach m’aigne bhith air a dùsgadh 5365
Nach gabh i cur fo mhùiseag
Gu labhair mi mu dhùthaich
Nan stùcan ’s nam beann
Tha sgeadaicht’ ann an àilleachd
’S a h-uile maise nàduir; 5370
Có b’urrainn dheanadh bàrdachd
Bhith sàmhach ’s a’ ghleann.
Sud an t-àite ciatach
As duilich leam bhith triall as,
O’s fheudar dhomh bhith ’m bliadhna 5375
Dol sìos feadh nan Gall,
Gun fhios agam fo’n chrìosdachd
Am faic mi e gu sìorruidh,
Ach ’s math leam beannachd Dhia aig
Gach crìosdaidh a th’ann. 5380
’S a h-uile h-àit’ am bì mi
Gur math leam a bhith cluinntinn
Gach rath a th’air na glinn ud
’S toil-inntinn neo-ghann;
Gun téid mi air an déile 5385
Gum bi e ann am chuimhne
Gach carrantachd is coibhneas
A rinn iad rium ann.
Ged shiùbhladh tu’n Roinn-Eòrpa
Gu geatachan na Ròimhe, 5390
A’ Ghearmailt is an Òlaind
Is còrsa na Fraing’,
Chan fhaic thu aite-còmhnuidh
Cho maiseach ri Srath Lòchaidh;
Is tric a chunnaic còmh-stri 5395
Is còmhrag nan lann.
Ma dhìreas tu na cnuic ann
Bidh seallaidhean ri fhaicinn;
Ma chromas tu ’na glaicean
Gun claistinn thu steall 5400
Aig sruthanan nan àrd-bheann
A’ cromadh thun na tràghad,
’S na sòbhraichean fo sgàile
A’ fàs aig gach allt.
Na srathan a tha còmhnard, 5405
Na tulaichean as bòidhche
Am bi uiseagan is smeòraich
Le’n ceòl feadh nan crann;
Le fionnarachd na gaoithe
Thar mullaichean an aonaich,— 5410
Thu faireachdainn cho aotrom
Ri faoileag nan tonn.
B’aighearach bhith ’g éisdeachd
’S a’ mhadainn an àm éirigh
Ri langanaich an fhéidh 5415
’S e air eudann nam beann
Is gathannan na gréine
Air stallaichean an t-sléibhe
Le lainnir mar na seudan
A’ leumraich ’s a’ danns’. 5420
Tha’n coileach dubh is ruadh ann
Ri’m faighinn mu na bruachan,
Tha’n eilid cas as luaith’ ann
’S as uallaiche ceum.
Tha’m bradan thig o’n fhairg’ ann 5425
A’ mireadh air sruth garbhlaich,
’S bidh gillean moch is anamoch
’Ga shealg aig gach leum.
Crodh ann agus caoirich
Ag ionaltradh air raointean; 5430
Bidh bhanarach ’gan saodachadh
’S laoigh as an déidh.
B’e ’n toileachadh leam daonnan
’Gan coimhead air gach taobh dhiom
’Nam shuidhe air gnoban fraoich 5435
’S mi ri aodann na gréin’.
Tha maighdeanan as bòidhch’ ann,
’S as deise théid ’nan còmhdach;
Tha maraichean nan ròp’ ann
Gu seòladh nan tonn. 5440
Seinnidh an luchd-ciùil ann
Cho farumach ’s cho sunndach,
Gun cuireadh iad fear crùbach
Gu ùrlar a dhanns’.
Subhachas is àbhachd 5445
’Ga chumail mar a b’àbhaist;
Bidh cruinnichean càirdeil
Is ràbhartas ann.
’S ioma rud a chì thu
Their toileachadh dha t’ìnntinn, 5450
’S bidh fois agad nuair shìneas tu
Sìos ann do cheann.
Bu thogarrach am màireach
A thillinn ann a thàmhachd;
Tha rudeigin ’s an àit’ ud 5455
A thàirneadh duin’ ann.
Na luibhean a tha fàs ann
A-muigh air feadh nam blàran,
Gum beòthaicheadh am fàileadh
A’ chàileachd bhiodh fann. 5460
Ged choisichinn tromh Albainn
O Shasuinn chun nan garbh-chrìoch
’S a h-uile bad as ainmeil
’S as dealbhaiche a th’ann;
Mo raghainn dhe gach àit’ e, 5465
’S gun taghainn bhith am Banabhaidh
Am fradharc nam beann àrda
Tha cur sgàil’ feadh nan gleann.
Tha ’n Cruthadair ’ga riaghladh,
Tha h-uile rud fo rian ann, 5470
E buileachadh gu fial ann
Gun sìon a bhith gann.
Sitheann air an t-sliabh ann;
Tha ’m bitheantas an t-iasg ann,
’S tha ioma gnè do dh’ianlaith 5475
A’ sìolachadh ann.
Nam faighinn mar a dh’iarrainn,
’S e fantainn an bu mhiann leam;
Cha charaichinn o a chrìochan
Gu liathadh mo cheann, 5480
’S nuair thigeadh deireadh m’ùine
’S an cadal as nach dùisginn
Gu laighinn anns an ùir ann
Fo dhùbhradh nam beann.
title | XLIV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |