[189]

XLV CUIR ROMHAD BLIADHN’ UR

Tuigeamaid an tùs na bliadhna 5485
Teannadh dlùth air crìoch na ràithe,
Nach eil seachdainn ùr a thriallas
Nach toir crìonadh air na làithean,
S lùbamaid ar glùin gu dìblidh
A thoirt taing dhan as àirde 5490
Threòraich thuige so gun bheud sinn
Tromh gach aiceid, éis is ànradh.

Thugamaid adhradh dhar n-Ùghdair,
Dhan Spiorad bhon drùidhteach gràsan,
Ar Britheamh, ar Crìochs ar Tùs E; 5495
Lùbamaid ar glùin gu làr Dha,
S iarramaid gu dian le ùrnuigh,
Saor bhon olc gun cùm A làmh sinn,—
Coimhlionta, dèanadach, dìleas,
Ceart ag imeachdnA làthair. 5500

Fanamaid cuidhte is an saoghal,
S an fheòil so tha daonnan làmh ruinn,
Fo stiùradh Spiorad na naomhachd,
S cha bhi sinn fo dhaorsan t-Sàtain.
Ann an stuamachd is ann an reusan 5505
Gluaiseamaid a réir nam fàintean;
Leigeamaid cridhe agus inntinn
Air an rìoghachd tha neo-bhàsmhor.

Is prionnsair an t-saoghal son Diabhul,
Is ega riaghladh mar is àillleis; 5510
Dùthchannan air ghoilnam fiabhrus,
S iad air lìonadh leis an àrdan.
Bhon chuir iad cùl ri Crìosda


[190]

Chan eil sìochaint ann an àite,
Ach sluagh an t-saoghail air am pianadh,— 5515
Dol fo chuing do ghnìomh an làmhan.

S mórs gur uamhasach ri smaointinn
Cor an t-saoghails mar atà e,
Làn do dholcs do dhuamhar dhaoine,
S buaireadh maoin a bhithga càrnadh; 5520
Nuair than fhìrinnga cur sìos ann,
S acur bhriagan suasna h-àite,
S adhradh beòilga thoirt dhan Tighearna,
S iad len gnìomhannangA àicheadh.

Nach be sin an crìosdaidh neònach 5525
Bhriseas le uile deòin na fàintean
A bha casg a h-uile fòirneirt,
Fuil a dhòrtadh, murt, no meàirle
Sgriosas as gun tlus, gun tròcair,
Aois is òige, mac is màthair5530
Feadh nan cnocnan sìneadh reòta,
S an cuid cìoch am beòil am pàisdean.

Naoi ceud deug is leth-cheud bliadhna
Bhon rugadh Crìosd am baile Dhàibhidh,
Far na theagaisg E le bhial iad, 5535
S rinn E mìorbhuileannan làthair.
Leighis E bacaich, doill is bodhair,
Thill E na lobhair gu slàinte,
S thug E beò na cuirp bhon ùir ann
A bha ùinbho ghlac am Bàs iad. 5540

Theagaisg E le briathran naomhiad,
S dhiarr En saoghal so chur suarach;
Gur geàrr a mhaireas ar n-aonta air,
S e bhithn gaol air an car tuathal.
H-uile neach tha cosg a shaothrach 5545
Le déidh air amhaoin a bhuannachd,
Cluinnidh es an uair nach saoil e
Geil anam ri fhaotainn bhuaithe.


[191]

S follaiseach soilleir ri léirsinn,
Far bheil Spiorad Dhés A ghràsan 5550
Tha na comharran ri leughadh,
S a thoradh gur léir abhlàth e;
Carrantachd, aoibhneas is fìrinn,
Fad-fhulangas, sìth is sàmhchair,
S cha togar aimhreit no stréipe, 5555
No fianuis-bhréige air càch ann.

Cuireamaid ar cùl gu crìosdail
Ris amhiann a bhaig na h-Iùdhaich,
Cumhachd agus glòir an t-saoghail,
Armailtean is maoin gun chùnntais 5560
Bhith os cionn gach treamh is nàisean
Ann an càirdeas Dhé nan dùilean
Lìonta leis a h-uile fàbhar
Agus càch a bhith gun diù dhiubh.

S cruthachadh an Athar shìorruidh 5565
H-uile meur dhen chinne-daonda,
S thug Em binn gu loma-léir dhaibh
Nuair a dhéirich iadnA aodann.
Cheannaich E air ais Dhà fhéin iad
Nuair a cheusadh am Fear-saoraidh, 5570
S biodh iad dubh, no geal, no grìsfhionn,
Dhfhuasgail E bhon chìs mar aon iad.

Mas e bràthair thu do Chrìosda,
Tuig na briathran a thag ràitinn
Nach dean tìobairt dad a dhfheum dhut 5575
Fhads nach dean thu réitri dbhràthair.
Fàg do thabhartas, na tairg e
Gus an claoidh thu fearg is àrdan,
Mun tig ìsleachadh an uamhair
Ort bho ghruaim an as àirde. 5580

Thàinig Slànuighear an domhain,
S chuir E romhainn rathad dìreach
Corrach, cumhang, suas gu Pàrras,


[192]

Sin am fàradh tha ri dhìreadh.
Tog do shùilean suas bhon làr; 5585
Chan fhaigh thu sàbhaladh gu h-ìosal,
Ged is tuisleach, ceum an àird air,
Ruig am bàrr le gràs an dìchill.

Cuireamaid romhainn bhith strìochdta
Dol tromhn bhliadhna so tha teachd oirnn, 5590
Faicilleach, furachail, rianail;
Na leigeamaid miann thar smachd oirnn.
Cuimhnicheamaid ceusadh Chrìosda
Mun tuit sinn an gnìomh apheacaidh;
Seachnamaid gach rathad fiarach 5595
Far an téids an lìon ar glacadh.

Cuireamaid an saoghal suarach;
Biodh ar smaoin air duais am Pàrras
Bhon a ghealladh ùir is uaigh dhuinn,
S do gach linn a nuas bho Àdhamh. 5600
Cosgamaid an tìm a fhuair sinn
Ann an strì le buaidh rir nàdur;
S e ni cìnnt air beatha bhuan dhuinn
Nuair thig bìnn aig uair abhàis oirnn.

Comhairle bho aois gu òige: 5605
Falbhaidh sinn mar cheò an fhàsaich;
Trianaid aig gach aon ri chòmhrag
Tha saoghal, than fheòil, tha Sàtan.
S goirid, crìon an tamall còmhnuidh
Eadar breith is beò is bàs dhuinn; 5610
Seach an t-sìorruidheachd ann an dòruinn;
Neo le Crìosdan Glòirs na h-àrdaibh.”

titleXLV
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page