XLVI FÀILTE AN DIABHUIL DO’N DROCH DHUINE
Tapadh leat, a dhuine dhona!
Tha mi toilichte as do ghluasad;
Fhir, a dhìobair tigh do mhàthar, 5615
Sud mo làmh dhut chum na guailleadh.
’S ann dhomh fhéin a thig bhith leòmach
Gun do ghabh thu seòladh bhuam-sa,
’S glaodhar furan dhut is fàilte
Bho’n Lic-Bhàin gu Sìg-nan-Cuaran. 5620
Glaodhar fàilte dhut le fialachd,
Rinn thu’n gnìomh as bheil mi uasal;
Thaisbein thu t’inntinn am bliadhna,
’S tha na ciadan ort a’ nuadal.
Thionndaidh thu t’aghaidh gu d’chùlaibh, 5625
Leig thu cùrsa air dùthaich fhuadain;
Mach o lagh ’s bho reachd nam fàintean—
Gheàrr thu’n càbla ’s thug thu’n cuan dhi.
Gheàrr thu’n càbla ’s thug thu’n cuan dhi,
Leig thu tuathal ’s gaoth ’na cùl dhi; 5630
Thug thu’n stiùir á làimh na stuamachd,
Thilg thu thar a guailleadh ùmhlachd.
’S fhasa leis na dol gu fuaradh
Nuair a dh’atas cuantan drùiseil,
’S cha bhi guth air c’àit am buail i, 5635
Dol gu sìorruidheachd bhuan gu siùbhlach.
Gheàrr thu’n càbla o Àirc a’ Chùmhnaint,
’S mór mo shùnnd ’s an dìle ruadh ann;
Ged bhiodh bràithrean riut an diùmbadh,
Leig do shùil air meud na duaise. 5640
Gheibh thu àrdachadh ’s na cùirtean;
Ni thu t’iùl am measg nan uaislean,
’S bidh mi fhìn a ghnàth ’gad stiùradh,
’S chan eil cùis nach tig gu d’bhuannachd.
Bidh mi fhìn a ghnàth m’ad thimchioll, 5645
Dhòmh-sa ’s iomchuidh ’s gur liùm thu;
Tha do cheum air sràid an iomraill
Bho’n a b’ionmhuinn leat co-dhiùbh i.
Fillte ann an dubhailcean dorcha,
Sìor-thighinn doirbh an cur gu cùl dhut, 5650
’S tu mar long a chaill a h-aodach,
Fuadaichte romh ghaoth na dùldachd.
Thu mar long an déidh a fuadach
Ann an gaillionn cruaidh a’ gheamhraidh,
Tanalach leis air a guaillean, 5655
Miachd air an fhuaradh, cha seall i,
Cudthrom na fairge ’ga sìobadh,
’S blad air a cliathaich gu h-aimhleas,
Gun acair a ghlacas grunnd dhi,
No chrochas air pluic an ceann dhi. 5660
Bidh mi fhìn m’ad thimchioll daonnan,
Fad do shaoghail bidh mi làmh riut;
Chan eil miann nach faigh a saorsa,
’S neartaichidh mi h-aon no dhà dhiubh.
Guma h-olc dhaibh fhéin ’s dha naomhachd, 5665
Dh’fhalbhadh Maois e fhéin ’s na fàintean;
Dé rud th’ann ach miod na faoineis
A bhith smaointinn gum bheil bàs ann.
’S mór na bh’agad ri chur suas leis
Air do bhuachailleachd an còmhnuidh, 5670
’S mór an t-seirm a bha ’nad chluasan
Air cho cruaidh ’s a bhiodh am mòd ort.
Cha robh aon té dhe na fàintean
Nach robh ’n àit’ -eigin a’ gròcadh
Air gach miann a tha dhut buailteach 5675
Leis am buairear anns an fheòil thu.
Gu deimhinne dhearbh thu misneachd
Nuair a bhrist thu as a’ chùmhlach,
Rinn thu ’n tùrn ud ’s leam nach misde;
Leag thu clisnichean ’nan sprùilleach, 5680
Bhuail thu ’n tuagh ri bun a’ mheoghlain,
Buille throm le t’uile dhùrachd
Leis na gheàrr thu meangan mosgain
Thar an stoc a bha ’ga ghiùlan.
Cha b’e meangan fhéin a thuiteam 5685
Dh’fhàg cho sultmhor dhomh mo bhuannachd,
Ach gu mill e fàs nan ùbhlan
Eadar samhla shùl is chluasan
Air an Tì a dh’fhuiling am bàs
Air los an gàradh chur mu’n cuairt daibh, 5690
Bhith ’gan goid ar leam is éibhinn;
Prìs a’ cheusaidh ’ga thoirt bhuaithe.
Thug thu lot air stoc an fhìon-lios,
Cho-shamhlaich Crìosda ris fhéin e;
Stoc a chumadh beatha shìorruidh 5695
Ris gach miar ’s a’ chruinne-cé dheth,
’S nuair tha meangan sgarta bhuaithe
Cha bhi beatha buan ’na gheugan;
Tuitidh e air uachdar talmhainn,
Ruadh a’ searg mar eiteach sléibhe. 5700
’S meangan thusa a chinneadh ùbhl’ air,
Chinneadh duilleach ùr-ghlan maoth air;
Bidh thu nis a’ searg fo d’rùsgan;
Chaill thu sùghadh stoc na craoibhe,
Théid do chur ’s a’ bhocsa chruadhach; 5705
Thig mo chruth ’s mo thuar-s’ air t’aodann,
’S mise fear nach dùraig d’fhuasgladh
Bho ’n a fhuair mi air an taod thu.
Gheibh thu nis a h-uile saorsa
Dhol gach taobh am bi thu ’g iarraidh: 5710
Lig thu á do cholainn-daonda
’S dh’fhalbh i leis an taod mu cliathaich,
’S e mi fhéin a bhios ’ga stiùradh
Air do chùlaibh anns an dìollaid,
’S nuair a théid a réis a dhùnadh 5715
’S e mo ghnùis bhios air do bhialaibh.
Gur a h-ait leam bhios do mhì-ghean
Nuair a chì thu far an téid thu;
Mur do chreid thu riamh an fhìrinn,
Faic a nis le cinnt dhut fhéin e, 5720
’S cha b’e an t-aineolas a mheall ort,
Cha b’ann dall a bha do léirsinn;
Mheall mi fhìn air t’uile smaointinn
’S thug mi leam air taod ’nam dhéidh thu.
Tachraidh Charon aig an allt riut, 5725
’S bheir e leis a-nall air bàt’ thu;
Fàg a-muigh do shùil ’s do dhòchas,
Tha do leab’ air dòigh ’na h-àite,
’S tuig mu’n dorus tha ’ga dhùnadh,
Thig le glag mu chùl do shàiltean, 5730
Nach tig fosgladh air gu sìorruidh
Fhad ’s bhios Dia ’na Dhia nan gràsan.
Bidh thusa còmhla rium ’nam rìoghachd
Air do chlaoidh ’s chan fhaigh thu bàs ann;
Cha tig liathadh lath’ a chaoidh ort 5735
Anns an oidhche ’s duibhe thàinig;
Cha tig socair ort gu sìorruidh,
Sìth no sìochaint, fois, no sàmhchair
Ann an teas na dòruinn mhór
Is cuibhrionn dhòmh-s’ air son mo cheamhraig. 5740
’S cuibhrionn dhut-sa thu fhéin a nis e,
’S ionnan thusa ’s mis’, a nàbaidh;
Tha sinn ann an so le chéile
Air grìosach éibhlean ann an àmhuinn,
Cha bhi dùil ri crìoch bhur péineadh, 5745
Dh’fhalbh an dé ’s cha tig am màireach;
Caochladh cha tig oirnn a chaoidh ann,
Thus’ ad ghlaoic is mis’ am Shàtan.
Bidh thu nis a’ caoidh ’s a’ grìosadh
Nach e diabhul a bha làidir; 5750
Nan do chreid thu ’n teagasg Chrìosda
Cha robh neart ann fiach na fàirdin.
’S e do choire fhéin da rìribh
Rinn do lìbhrigeadh ’nam làmhan
Gus bhith ròstadh air mo bhranndair, 5755
Teadhraichte le slabhraidh phràisich.
title | XLVI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |